Cunntas beatha

'S ann à Contae an Cháir ann an Éirinn a tha mo mháthair. 'S ann à Siormachd Air ann an Alba a bha m'athair. Rugadh mise ann am Baile Átha Cliath ann an Éirinn ar 17 an Giblein 1953. Bha sinn a' fuireach aig 24 Palmerston Avenue. Thàinig sinn gu Alba nuair a bha mi bliadhna a dh'aois agus thogadh mi ann an Inbhir Air.

Chaidh mi gu bunsgoil St. Margaret's (St. John's an t-ainm a th'air a-nis), agus gu àrd-sgoil Queen Margaret Academy ann an Inbhir Air.

Rinn mi ceum le urram, BSc in Mathematics and Natural Philosophy, aig Oilthigh Ghlaschu eadar 1970-10 agus 1974-06. An uair sin, bho 1975-10 gu 1976-09 rinn mi MSc ann an Staitistic sa Roinn Staitistic aig Oilthigh Ghlaschu.

Bha bliadhna dheth agam bho 1976-10 gu 1977-09. Chuir mi seachad mìos dhi ag coiseachd timcheall mhonaidhean agus gharbh-chrìochan na h-Alba, agus trì mìosan dhi a' dol timcheall Roinn-mòr na h-Eòrpa.

Eadar 1977-10 agus 1980-01 bha mi a' déanamh PhD ann an Staitistic no Mathematical Genetics anns an Statistical Laboratory aig Oilthigh Chambridge. Tha mi 'sa dhealbh seo bho 1976 agus anns an fhear seo bho 1977. B'i Elizabeth A. Thompson an supervisor a bh'agam. Anns a' chiad bhliadhna, 1977-78, bha mi a' fuireach ann am Merton Hall aig St. John's College.

Fhuair mi obair bho 1980-02 gu 1982-09 sa Roinn Staitistic aig Oilthigh Ghlaschu, a' déanamh rannsachadh air stóradh cumhachd bhon ghrèin airson taighean agus burn a theasachadh. (Sa sia mìosan mu dheireadh de sheo bha mi 'nam òraidiche 'sa Roinn Staitistic.)

Bho 1982-10 gu 1991-09 bha mi ag obair air coimpiutaireachd aig an Northern Research Station, ionad rannsachaidh de chuid an Forestry Commission.

Bho 1991-10 air adhart tha mi air a bhith a' teagasg coimpiutaireachd aig Sabhal Mór Ostaig.

1997-03-10 CPD