Far-ainmean

Seo far-ainmean a b' àbhaist daoine a bhith a' cleachdadh. Cha robh cuimhne ach aig Seònaidh Ivy agus Jetta Friseal air "Eireagan Shlèite". Bha cuimhne aig Christine NicAonghais (a' bhean aig Dòmhnall Iain Fhearchar Fhada) gun robh coisir ann an Slèite uair air an robh "Eireagan Shlèite". Sheinneadh iad òran luaidh agus bhuannaich iad duais aig a' Mhòd!
Bha mòran a' cuimhneachadh "Meirlich Heasta". An robh iad cho dona? :) Bha ceangal aig Dòmhnallaich Shlèite agus Dòmhnallaich Thròndairnis bho chionn fada agus an ceann-cinidh uaireannan a' fuireach an Slèite agus uaireannan eile an Dùn Tuilm (bha e an sin fhathast an 1725; faic "Beagan Eachdraidh").

Seo na far-ainmean a bha daoine ag ainmeachadh:

Slèite: Eireagan Shlèite
Aird: Faoileagan na h-Airde
Caileagarraidh: Cearcan breaca Chaileagarraidh
Àrd a' Bhàsair: Cearcan Àrd a' Bhàsair
Druim Fhearna: Coin an Druim Fhearna
Heasta: Meirlich Heasta
An t-Sràth: Faochagan an t-Sràtha
Tròndairnis: Coin Thròndairnis

Abairtean

Is e an iolra a th' air "sliabh": slèibhte - an seann dòigh litreachaidh air Slèite.

ealghol

Bàta aig Ealghol san t-Sràtha a' coimhead air a' Chuilthionn (dealbh le Andreas Wolff)

À rèir Iain Mac an Tàilleir (URL=[http://www.scottish.parliament.uk/vli/language/gaelic/pdfs/placenamesP-Z.pdf], td. 105, 106; 12/9/07) thàinig am facal "Slèite" bho Lochlannais "slettr" is e a' ciallachadh: liosraig, còmhnard, rèidh.
Tha co-dhiù trì abairtean ann mu dhèidhinn mnathan Shlèite:
"Slèite rìomhach nam ban bòidheach!"- an abairt as ainmeile
"Clachan an t-Sràtha 's mnathan Shlèite!"- abair coimeas eadar clachan an t-Sràtha is boireannaich Shlèite!
"Cèilidh nam ban Slèiteach"- i.e. cèilidh a tha a' toirt ro fhada

Gheibhear cuideachd "Slèite - Lios an Eilein" is chìthear air na dealbhan carson: Tha barrachd a' fàs an seo na tha an àiteachan eile san Eilean Sgitheanach.

air ais