Aoir nan Radan
air a dhèanamh le Neill Camshron, Tocabhaig, aig deireadh an 19mh linn Aoir nan Radan Luchd nan drumanan glasa is nam fad earballNam fiaclan stòrach is nan srònan cocte. Tha sibh a' lodgeadh aig sabhal Dhòmhnaill O chionn còrr is seachdain. Chan eil mìon no ponar nach eil air a mhileadh is air a spòileadh. Is chan ith mi greim le cuid nan trustar. Ach ma dh'fhalbhas sibh bhuam a bheistean bhradach Bheir mi taigheadas dhuibh thall an allt an leibhinn. Nuair thig an Dùbhlachd tionndaidh dhachaigh A dh'ionnsaidh gearastan Dhùn Sgathaich, àite gasta. Seòmraichean glana tioram far an tugadh sibh ur bread a-nuas. Nam biodh cùram oirbh mo lòn ged a bhiodh an geamhradh cruaidh Sibh maorach Sgeir a' Chriomaidh 'S feòil an Each Criomain aig Iain Ruadh. Is coltach gun robh seann each sa bhaile a bhiodh ag ithe criomain air taobh an rathaid. air ais | Beinn na Caillich san t-Sràth (dealbh le Andreas Wolff) |