Calum Bàn (Robastan)

air a chlàradh le Andreas Wolff
ann an Sàsaig, san taigh aige
air 9 An t-Iuchar 2007
mp3 loudspeaker

Àite air an mp3 agus geàrr-chunntas:

00:00

- A’ cuimhneachadh nuair a chaidh an switch air airson a’ chiad uair (tràth sna 50an)
- An Tobar

05:00
- Sgoil Fearann Dòmhnaill: An duine mu dheireadh a chaidh ann gun Bheurla
- Litreachadh: “w-h-e-n: COW!”
- “Is e Beurla cànan na sgoileadh.”

10:00
- “Tha cuimhne a’m air a bhith a’ coiseachd air an teàrr airson a’ chiad uair còmhla ri m’ athair nuair a bha mi glè bheag, is dòcha tràth sa còigeadan.”
- “Anns na làithean sin nuair a bhiodh an Glasgow Fair ann bhiodh an t-uabhas busaichean dol dhan aiseag an là a bha sin. Mar as trice cha robh ann ach aon bhus. Ach bhiodh is docha còig deug ann nuair a bha muinntir Ghlaschu a’ tighinn dhachaigh airson na saor-làithean.”
- Bùth Dhòmhnaill Chailein
- Bùth a’ phost-office

15:00
- Posta air a’ bhicycle
- An entry
- Bho Bheurla is eachdraidh aig an oilthigh gu roinn an ionmhais aig Sabhal Mòr
- “het” = nothing

20:00
- “is dòchda”
- “A’ bheil cuimhne agaibh is dòcha, an robh duine sam bith a-riamh a’ bruidhinn air an droch shùil a’ làighe air beathach? Cha chreid mi – cha chuala mise riamh! Cha robh an teaghlach againne a’ creidsinn ann an stuth mar sin. Is e daoine eaglais a bh’ unnta is daoine creideamh.”
- Dòmhnall, an gille aig Calum, is esan an duine mu dheireadh a chaidh gu croileagan gun Bheurla

25:00
- Seònaidh Ivy: “What ever happens, don’ t let me sing Farquhar’s song!”
Rinn Dòmhnall Iseabail an t-òran seo mu Fhearchar Fada nuair a bha iad uile
ag obair air an hydro. Bha oilskins dheirga orra.
“Thusa le do chasan cearbach
còmhdaicht' ann an leggins dheirga
beul mhic làimhich 's sròn a chearban.”

30:00
- “An uair a dh’fhàg mi Tarsgabhaig”

35:00
- SMOG: meanbh-bhus
- “Cha d’ fhuair mise briogais fhada gus an deach mi a Phort Rìgh. ... Cha do dh’fhairich mi mo chasan fuair a-riamh.”

40:00
- “Chan eil mi a’ smaoineachadh gun cuala mise mo phàrantan a’ seinn a-riamh ach san eaglais.
..Bha sinn uabhasach -em- fada a-staigh as an eaglais. Is e eildear a bha na m’ athair.”
- Am boireannach uaine: taibhse aig caisteal Thòrabhaig

bata

Aig Caisteal Thòrabhaig (dealbh le Andreas Wolff)
45:00
- Peter MacDonald aig a' bheil Flora MacDonald Hostel

50:00
- Bùth Alasdair Dhòmhnaill Mhòir le post-office, bha e làidir mu na fuadaichean
- "San teaghlach againn fhìn, chaidh e fuadach às a' Chill Mhòir gu Sàsaig."

55:00
- "Sin agad mo sheanair - shì-sheanair, a' toirt fianais dhan Napier Commission...
(a' leughadh:) 'We were then placed in Sàsaig.'
'What was the place you were brought up?'
'Kilmore. There were two lots cleared there. Four widdows were cleared of these and a widdower. They were cleared without any reason what so ever just to make room for another man who was a ground officer.'
'What was his name?'
'Robert MacDonald.'
'We were then placed in Sàsaig. A brother and his family and I with my widdowed mother.'
Agus bha an taigh cho bochd agus gun do chuir e a-mach a làmh às an leabaidh, tha e ag ràdh, agus dh'fhairich e sneachd a' tuiteam oirre!
...Dh'fhalbh a bhràthair - cha bhiodh an croit mòr gu leòr airson a h-uile duine a' fuireach air - Donald, Marion, Niall, dh'fhalbh Niall, page 3, a dh'Astràilia."
..."A' bheil sibh a' cumail ann an touch riutha?" - "Tha!"

1:00:00
- "Chan eil mise mothachail gun robh caoraich air a' chulaibh gu leithid de dh' ìre ann an Slèite, fhios agad, is a bha ann an Cataibh is àiteachan."
- "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e cinnteach gun robh cus dhaoine ann airson an talamh a bh' ann. Co-dhiù, bhiodh iad na b' fheàrr a' falbh a dh'àiteigin is BHA feadhainn dhiubh na b' fheàrr dheth. Rinn iad math. Ach, chan eil fhios a'm. Bhiodh e doirbh dhaibh. Is chaochaill tòrr le fiabhras. Cha robh iad eòlach air rudan, na measals, is a leithid.
- ..."An do leugh thu 'Weeping in the Isles'? Tha sin as an leabharlann cuideachd leabhar le John Forbes. ...Is e ministear ann an Cille Mòire a bh' ann an Forbes agus 'Weeping in the Isles'. Leabhar mu dhèidhinn tealagan às an Eilean, à Slèite is a' Sràth. Chaidh a chuir sìos a Shasainn, ma siar bha iad a' dol ag obair - tha mi a' smaoineachadh bha cotton mill, no rudeigin mar sin agus chaidh a chur air dòigh le cuideigin. Agus bha còir gum biodh iad ag obair fad na maidneadh agus gheibheadh iad tuarastal beag agus bhiodh iad an uair sin faighinn foghlam ceart fad an fheasgar no an rathad eile mun cuairt. Chan eil cuimhne a'm ciamar a bha e ag obair. Ach, cha d' fhuair iad riamh greim foghlaim, cha d' fhuair iad riamh greim pàigheadh. Ach, fhuair iad tòrr obair as na cotton mills. Agus chaochaill, uill, bhàsaich tè dhiubh shìos an sin. Bhàsaich tè eile dìreach an dèidh dha tighinn dhachaigh. Bha e uabhasach duilich." "Dè an aois a bha iad an uair sin?"
"Oh, òg, òg, 15 gu 20. Car mar sin."
"Is an e is gun robh an obair cho cruaidh, no...?"
"Tha mi a' smaoineachadh gu robh iad uabhasach trom orra is gam bualadh is ga..."
"Sna cotton mills."
"Ann an, dè an t-ainm a th' air an àite? Faisg air Manchester. Chan eil cuimhne 'am ceart dè dìreach a th' air."
"Bheil cuimhne agaibh dè an t-ainm a bh' orra? - Uill, bidh e san leabhar."
"Bidh e san leabhar. Is e Robastan a bh' ann an tè dhuibh à Tarsgabhaig. Agus tè NicAonghais às an Druim Fhearna. Chan eil cuimhne 'am is dòchda NicNeacail air an treas tè. Chan eil mi cinnteach."
"Is an e am pàrantan a bhios gan cur air falbh gus airgead a thogail?"
"Bha am pàrantan gan cur air falbh o chionn gun robh rud. Bha, fhios agad - shaoladh tu gu robh e cho math. Gur e cothrom cho math a bh' ann dhaibh. Ach, chan e sin a bh' ann idir."
"Is cha robh cead aca falbh? An robh?"
"Cha robh cead aca tilleadh. Cha robh."
"Cha robh."
"Cha robh."

1:05:00
"Is am biodh iad gan cumail mar phrìosanaich? No an e dìreach is nach robh airgead aca gus bus fhaighinn?"
"Cha bhiodh bus ann tha mi cinnteach."
"18 is coigead rudeigin."
"Uill, is dòcha gum biodh..."
"Bhiodh treanaichean ann...no rudeigin."
"Eadar Manchester is Glaschu co-dhiù."
"Ach, cha bhiodh fhios aca ciamar a gheibheadh iad treana leotha fhèin cha shaoilinn, no càil."
"Tha sin uabhasach. Am bualadh - is gun do bhàsaich iad."
"Bhàsaich tè. Bhàsaich tè eile an dèidh dhi tighinn dhachaigh. Is chan eil mi cinnteach an robh an tè eile ceart gu leòr no, chan eil cuimhne 'am."
"Tha sin cha mhòr cho dona is nach eil - nach eil, ris an rud a thachair ann an Sìona bho chionn ghoirid."
"Car an aon rud cha mhòr."
- Cachaileith: feansa aig mullach a' bhaile le geata air a dhèanamh à seann leabadh-iarainn

1:10:00
- Garbheinn no Gearra Bheinn ann an Sàsaig

1:15:00
- A' geàrradh na mòineadh

1:20:00
- "Bha òtrachas a' dol dhan mhuir an uair sin dìreach sìos na h-alltan staigh dhan mhuir. Sin na bha a' fàgail na maoraich cho math!"

1:25:00
- An Eaglais Shaor: Bha general jollity mar rud ris an diabhail
- Taighean cèilidh

1:30:00
- Ainmean-àiteachan ann an Sàsaig

oiis

"D"(dealbh le AW)

air ais