Dol dhan Ghealach

Air a dhèanamh le Dòmhnaill Iseabail MacNeacail à Camuscross nach maireann. Is ann bhuaithe a chuala Jetta Fraser e.

Tha daoine fàs cho innleachdach
Is gun tèid iad suas nan neòil
Thig iad air ais dhan t-saoghal
Is gu fallain, aotrom, beòthail.

Tha Ruiseanach ag innseadh dhuinn
Nach fhad' gus an tig an uair
Gun ullaich esan àite dhuinn
San dèan sinn cuir is buain.

Gun cuir e fon a' gheallaich sinn
Gu Venus agus Mars
Is chan iarr sinn caoirean mòine ann
Sin daonnan as a' bhlàths.

Tha an dàrna rann a' toirt iomradh air Yuri Gagarin: B' esan a' chiad duine sna speuran ann an 1961 agus is ann às an Rùis a bha e. Tha e a' cleachdadh abairt a tha gar cuimhneachadh a' Bhìoball cuideachd: dh'ullaich Iosa àite dhuinn ann an nèamh nan leanamaid e.

air ais

geamhradh

Aig Ostaig - a' coimhead car coltach ri àite air a' gheallach ach fuar! (dealbh le Andreas Wolff)