air a dhèanamh le Peigi Nighinn Eòin à Slèite
air a sheinn le Andreas Wolff
air a chlàradh le Andreas Wolff
air 7 An t-Sultain 2007 aig Sabhal Mòr Ostaig
Ionnsaich mi an t-òran bho Christine Primrose.
Tha am bhersion seo à rèir Mòrag Dhonnchaidh.
Tha mi fo chùram a dhiù ro èileadh.
Tha mi fo chùram 's fo mhòran tùrsa,
Mo cheist air cùirteir a' bhroillich ghlè-ghil.
Tha mi fo airsneil an t-seòmar glaiste,
Nach fhaigh mi às gus a dhol a Shlèite.
Nam faighinn airgead a bheireadh air falbh mi,
Gu ruiginn Tormod 's gum falbhainn fhèin leis.
Bha thusa bòidheach is bha mise gòrach,
Is gun mheall do phòg mi 's sinn òg le chèile.
Nach mi bha gòrach an dùil ri pòsadh
Gun stoc, gun stòras, gun òr, gun Bheurla.
Mo cheist an t-uasal le bhreacan guailleadh
Chaidh seachad suas air Diluain na Fèilleadh.
|
Tràigh Ostaig (dealbh le Andreas Wolff)
|