Seanchas Shlèite

“Slèite Riabhach nam Ban Bòidheach!”

Tha mi airson taing a thoirt dhan luchd-agallaimh agus dhan a h-uile duine eile a chuidich leam!

Andreas Wolff, An t-Sultain 2007

Chaidh am pròiseact seo a mhaoineachadh le Comunn na Gàidhlig fon sgeama "Cleachd i" a thathas a' ruith gach samhradh. Is e th' ann is gun urrainn do dh'oileanaich beachdan a thoirt seachad air ciamar a ghabhadh a' Ghàidhlig a bhrosnachadh san sgìre. Is e a chuir mise romham na tha air fhàgail de bheul-aithris an Slèite a chruinneachadh agus a thoirt do chlann Bun-sgoil Shlèite. Tha am pròiseact seo a' leantainn air "Seanchas Ìle" ged a bha dà bhliadhna acasan agus grunnan dhaoine a' dèanamh agallamhan is cha robh ach trì miosan agamsa.

grian

Èirigh na grèine os cionn na Linne Slèitich, bho Shabhal Mòr Ostaig (dealbh le Andreas Wolff)

Òrain/Bàrdachd

Òran Tharsgabhaig (le sgrùdadh air co-theacs farsaing) Òran "Tha mi fo chùram" Dàn: Dol dhan Ghealach Aoir nan Radan Nua-bhàrdachd

Agallamhan

An seo gheibhear taghadh dhe na h-agallamhan a chaidh a chlàradh eadar an Òg-Mhìos agus an Lùnastal 2007. Mholainn gu sònraichte an cunntas aig Jetta Friseal air an dàrna shealladh!

Seònaidh Ivy Jetta Friseal Mairead is Màiri Iain Beag Mòrag Dhonnchaidh Calum Bàn
Alasdair MacNeacail Pàdraig MacAsgaill Christine Dunpark Mòrag Bheag Dòmhnall Iain

Cuspairean

Dual-chainnt Far-ainmean is abairtean Beagan Eachdraidh Barrachd Leughaidh Dòighean-obrach

Feallsanachd

Dh'fheuch mi ri fiosrachadh a chruinneachadh bhon sealladh 'emic'. Tha sin ri ràdh gun robh mi a' feuchainn ri bhith taobh a-staigh na coimhearsnachd. Is toil leam sealladh riochdail (functional approach) air beul-aithris. Tha e sin a' coimhead air beul-aithris agus a' faighneachd dè an riochd a th' aig beul-aithris ann an cultar sònraichte no ciamar a tha i ag obair ann an cultar. Tha an sealladh seo a' feuchainn ri faighinn a-mach, carson a tha beul-aithris ann. M.e. dh'fhaodadh rudan a' nochdadh ann an sgeulachd nach eil ceadaichte sa bheatha làitheil (taboo subjects). San là an-diugh ann an sìobhaltachd bidh mòran dhaoine a' coimhead sìos air cuideigin a tha a' creidsinn ann an taibhsean, m.e. Ach, tha sgeulachdan air na sìthichean fhathast ceadaichte. Sna sgeulachdan is òrain tha barrachd mac-meanma ceart gu leòr fhathast. Is dòcha gur e sin aon dhe na h-adhbharan carson a tha na h-uimhir de dhaoine ag ionnsachadh na Gàidhlig. Tha iad seach searbh sgìth dhe saoghal far nach eil ach reusan a-mhàin a' cunntadh. Ann an saoghal na Gàidhlig tha faireachdainnean agus mac-meanma nas làidire fhathast.
Ach, tha mi a' smaoineachadh gu bheil sealladh "historical-re-constructional" cudromach cuideachd is e a' feuchainn ri àm fada air ais a thoirt beò agus a thuigsinn. Mar a tha Dorson (1972) ag ràdh: "The thought of early man could be recaptured in the Highlands, the Outer Isles and the western counties of Erin where a two thousand year old folk tradition still flourished." Chan fheum beul-aithrisiche a dhol a dh'Afraga gus blas fhaighinn air cultar làidir. Tha e sna h-Eileanan an Iar fhathast!
Agus aig a' cheann thall is toil leam beul-aithris dìreach air a sgàth fhèin agus a bhith an sàs ann. Ann an Alba tha beul-aithris fhathast beò am measg an t-sluaigh: Folk-lore as Folk-art!

Dachaigh