Dòighean-obrach

B' e Mairead Bennett a dh'adhbharaich ùidh agam ann cruinneachadh bheul-aithris. Thòisich mi air pròiseact bheag airson am modal "Dualchas san 21mh linn" aig Sabhal Mòr Ostaig air taobh siar na Hearadh. Thug an sgeama "Cleachd i" aig Comunn na Gàidhlig an cothrom dhomh ga dhèanamh nas fharsainge ann an Slèite. Tha mi gu mòr dhen bheachd gu bheil beul-aithris cudromach ann an "Tionndaidh Atharrachadh Cànain" (Reversing Language Shift). Feumaidh adhbhar a bhith ann gus a' Ghàidhlig ionnsachadh. Feumaidh ùidh a bhith aig daoine a' Ghàidhlig ionnsachadh is dh'fhaodadh iad sin a thogail ann an bhith a' faicinn beartais a cultar. Le sin ann na suidheachadh na sgoile chan eil e math gu leòr dìreach na clasaichean Beurla a chur gu Gàidhlig. Feumaidh clann faighinn a-mach mu na tha sònraichte dhan Ghàidhlig gus ceangal a dhèanamh leis an sgìre aca fhèin. Sin na dh'fheuch mise ri dhèanamh.

Às dèidh dhomh ceisteachan ullachadh thòisich mi le agallamhan leis na daoine aig an robh Gàidhlig bho thùs an Slèite. Bha an ceisteachan nam cheann goirid às dèidh sin gus dèanamh cinnteach nach biodh e a' coimhead cho foirmeil. Bha iad uile os cionn aois 50 bliadhna. Tha sin a' toirt dhuinn puing teàrnaidh san àite: Is ann bho chionn timcheall is 35 bliadhnaichean (~1970), nuair a bha na daoine seo co-dhiù 15, a stad daoine ag ionnsachadh na Gàidhlig gu nàdarra an seo. Chòrd na h-agallamhan riutha gu mòr is iad a' bruidhinn mu làithean an òige. An duighleadas a bh' ann gu tric b' e is nach robh iad ag èisteachd ceart nuair a bha na seann daoine a' bruidhinn. Cha robh iad mothachail gur e rud prìseil a th' ann an beul-aithris. Tha sin a' sealltainn mar a thòisich daoine ùidh a chall sa Ghàidhlig is iad a' coimhead air an tbh na h-àite. Bha cuid dhen fheadhainn na bu shine a' fàs cho aosta is gun deach an cuimhne air falbh (is iad fhèin ag ràdh sin). Aig a' cheann thall bha feadhainn ann a bha mi airson tadhail orra ach aig nach robh t-sìde. Le sin nan robh cuideigin ag iarraidh a' cumail air leis an obair seo tha daoine gu leòr ann fhathast ris am faodadh e bruidhinn.

Bha feadhainn air obair car coltach ri seo a dhèanamh roimhe ach cha do rinn iad buileach an aon rud. Rinn Iain MacFhionnghain obair air fèin-aithne nan Slèiteach ach is ann tro mheadhan na Beurla a thachair na h-agallamhan. Rinn Coinneach MacMhànais obair mhòr air ainmean-àite an Slèite bho chionn còrr is 15 bliadhna. Tha Comann Eachdraidh Shlèite ag iarraidh an cur air làrach-lìn a dh'aithgheàrr.

picture

Dealbh a chaidh a dhèanamh le nighean aig Bun-sgoil Shlèite.

air ais