air a sheinn le Aonghas Dòmhnallach
À rèir Mòrag Dhonnchaidh (NicDhòmhnaill),
Tarsgabhaig, chan eilear cinnteach cò rinn e.
Bha Ciorstaidh Livingston ga sheinn gu tric,
ach tha Mòrag dhen bheachd gur e fear Robastan
a bha a' fuireach ann an àite faisg air a'
chladach ris an canar "Am Poll" a rinn e.
air a chlàradh le Andreas Wolff
air 23 An t-Iuchar 2007
ann an Tarsgabhaig aig an taigh
aig Aonghas Dòmhnallach
Dàn don bhaile anns an d' àraicheadh mi
An uair a dh' fhàg mi Tarsgabhaig
'S mi sin nam bhalach òg
Gur beag bha leam de chùram
Cò 'n taobh a stiùirinn romham;
Ach nis o 'n laidh an aois orm
Tha mi smaoineachadh gach là
Carson a dh'fhàg mi Tarsgabhaig,
Am baile san robh mi òg.
|
Air an tràigh an Achadh na Cloiche faisg air Tarsgabhaig (dealbh le Andreas Wolff)
|