Pàdraig MacAsgaill

air a chlàradh le Andreas Wolff
air 30/6/07 san Druim Fhearna
aig an taigh aige
mp3 loudspeaker

Àite air an mp3 agus geàrr-chunntas:

00:00

- A' bruidhinn mun òige aige
- Rugadh e ann an 1951.
- Is e Beurla a bhiodh clann a' bruidhinn an raon-cluiche na sgoile.

05:00
- Croitearachd

10:00
- Air cheilidh
- Bhiodh daoine a' bruidhinn air each-uisge a bhith san loch gus a' chlann a chumail air falbh. Chan fhaca e fhèin e ge-tà.
- Àirighean

15:00
- Alasdair Breac à Lios Mòr a bha na bhuachaille sa bhaile.

fiathaich

Madainn fhiathaich (dealbh le Andreas Wolff)
- "B' e sinne na daoine mu dheireadh a bha a' buan na mòineadh san Druim Fhearna suas gu 1990."
- "Chan eil daoine cho càirdeach is a bha iad. Tha iad nas 'independent'. Ged a tha barrachd airgid aig daoine an-diugh chan eil iad cho toilichte is a bha iad. Tha cabhag orra cuideachd nach b' abhaist a bhith aca. "Bha là eile a' tighinn!" Is bha iad na b' fhaisge air nàdar."

20:00
-Tinneasan
- Duanagan is manaidhean

25:00
- "Is e m' athair fhèin a bh' ann in fact. Bha nàbaidh thall ann a sheo is e feuchainn ri seinn. Is bhiodh iad an còmhnaidh a' cèilidh. Is an oidhche a bha seo bha iad a-staigh san taigh aige - an duine is chuala mar fuaim san staidhre i. Nan robh cuideigin a' seasamh air bilean. Is dìreach fhuaim. Chuala iad ri chèile e is bha dùil ann gur dòcha gur e an cù a bh' ann. Co-dhiù greis às dèidheinn sin chaochaill am bodach as an taigh. Agus thug iad an corp a-nuas staidhre is sheas m' athair air maide no rud is 's e an aon fhuaim is a chuala iad o chionn. Thàinig e greis ga ionnsaidh an uair sin gur is e an aon fuaim a bh' ann."
- Stad daoine a' gnogadh air an doras ri linn a mhàthair.

30:00
- Saobh-chràbhaidhean
- Nan robh cuideigin air bàsachadh cha bhiodh boireannaich a' dol dhan chladh idir. Bhiodh dithis a' giulain a' chuirp fad na h-oidhche. "Bha bàs sa bhaile - chan fhaodadh tu bhith a-mach a' dèanamh fuaim. Bha tòrr respect ann." Ach bhiodh daoine a' cumail a' dol ag obair. Cha chuireadh iad am wireless air ge-tà.

35:00
- Cnoc na sìthichean faisg air an Druim Fhearna

40:00
- Far-ainmean
- Tha barrachd dhaoine òga ann an-diugh 's bh' ann nuair a bha esan òg.

air ais