Nua-bhàrdachd Shlèite

Tha iomadh bàrd a' fuireach an Slèite fhathast. Seo agaibh dìreach blasad dhe na rann a chaidh a chur ri chèile bho chionn ghoirid. Tha an dithis aca a' teagasg aig Sabhal Mòr Ostaig. Cha deach an togail le Gàidhlig ach tha iad gu math bàigheil dhi.

Meg Bateman

Am Pailteas a' Chèitein
(Tha an dàn seo às an leabhar "Soirbheas" le Meg Bateman (2007) Dùn Èideann: Birlinn. Chaidh a' chiad loidhne dhen a' chiad rann atharrachadh leis an deasaiche, ach tha i mar bu chòir an seo.)

Tha na coineanaich gaolach marbh air na rathaidean
ann am pailteas a' Chèitein de choineanaich 's de chàraichean,
tha a' ghaoth na ruith tron fheur fhada ghleansach,
na sealastairean nan seasamh gu caithreamach sna claisean.

'S tric a mhiannaich mi gu robh mi diofraichte'
Seach mar a thà mi, gus do ghaol a ghlèidheadh,
gu robh mo chraiceann òrbhuidh, m' anam sultmhor,
gu robh gràinean meala garbh nam sgòrnan.

Ach nuair a dh'fhosglas do bheul rim bheul-sa
tuitidh mi an comhair mo chinn dhan àm sa, dhan àite sa,
gun diù do shaoghal cèin na foirfeachd,
bidh mi gun sgàth, nam chat, nam gheàrr.

Chan fhaighte pòg na bu mhìlse air nèamh
na coinneachadh ar bilean ann am mionaid na tìme
na coinneachadh na talmhainn nar làmhan sanntachd
air bàirlinn na cruinne-cè luasganaich, mireagaich.

tur

An tùr aig Sabhal Mòr Ostaig (dealbh le Andreas Wolff)

Roddy Gorman

Fèath
San fhèath gheal,
Aig fois an cois a’ chuain
Far a bheil mol a’ dol na Linne Shlèitich,

Gucagan a’ diùchdadh fad prioba-nan-sùl
Air an uachdar ‘s a’ falbh nam braoin
‘S nan driùchd am bròn-an-t-samhraidh.


Feannagan
Feannagan-taomaidh
Ann an lagan ri taobh Linne Shlèite

Nan crò-cluiche mun d'rinn Sophocles
Is Aristophanes an cuid aithris

Aon samhradh
Air beulaibh muinntir na beinne.

air ais