Seònaidh Ivy (Dòmhnallach)

air a chlàradh le Andreas Wolff
air 2 An t-Iuchar 2007
ann an Duisdeil aig an taigh aige


loudspeaker

Àite air an mp3 agus geàrr-chunntas:

00:00

- Rugadh e san taigh a thog a shìn-shìn-sheanair
-"Gàidhlig a' mhargerine": oifis a' phuist
-"Yuppie-in-thing" a tha sa Ghàidhlig

05:00
-Rugadh e ann an 1924
-Sgothan-iasgaich aig Eilean Iarmain is ainmean Beurla orra uile (m.e. Santa Claus)
-Iasgachd sgadain; cutairean a' tighinn às an Airde an Ear

Dàn le Dòmhnall Iseabail, a chaochaill bho chionn còir is fichead bliadhna:

Is mòr a tha mi a' smaoineachadh
Togail orm gu h-aotrom
Thèid mi le sunnd an taigh-òsta.

Ged bhios uisge sian ann
Gun tèid mi a dh'Eilean Iarmain
Gheibh mi gu mo mhiann ann is solas.

Tha an oifig bheag aig Iain
Dìreach air mo bheulaibh
Thèid mi le sunnd a chur fàilte air.

Ma gheibh mi mar is dual dhomh
gum faigh mi làn na cuaiche
Cha chuir e sgilinn ruadh as mo phòcaid.

Air Sir Iain Noble. Bha Dòmhnall Iseabail aig muir.

Oh, nach mise a fhuair an tàileadh
Ghabh mi 'n deoch air là a' bhàilidh
'S ann a dh'fhulaing mi do thamailt
Dh'fhàg mo chàil mi is a dh'fhàs mi tinn.

seonaidh

Taigh-solais air Eilean Sionnach faisg air Eilean Iarmain (dealbh le Andreas Wolff)

10:00
- Rinn Lochlan an Tàilleir MacIlliosa, shios air a' Chruàrd, òrain,
m.e. air nighean thall ann am Borabhaig, a tha mu choinneimh a' Chruàrd
Air fann: Mo chulaibh, mo chulaibh, mo chulaibh ris a' bhaile seo

Nuair a thèid mi null do Chruàrd
Gun gabh mi cuairt a Bhorabhaig
A' choimhead air a' cìobair
Is moch air tìr air a' bhealaich e.

Is ma bhithinn dol a mhòine
Gum bithinn deònach tachairt ort
Chan fhaighinn greis dhe d' chòmhradh
Bhiodh feur na gnothaich is cabhag air.


- Bha fear as an Àth Leathann, Rob, a dhèanadh rannan cuideachd. Bhiodh e gu tric shìos an Slèite:
(òran luaidh)

A liu-ho-ro, a iu-ho
Is e Rob an gille stolta
A liu-ho-ro, a iu-ho

Is ann tèid thu oidhche Shatharna gum bi thu air Didòmhnaich
A liu-ho-ro, a iu-ho

Thèid thu null a Bhorabhaig is gun chaidil as a' chlosaid.
A liu-ho-ro, a iu-ho

Thèid thu sin a dh'Alasdair is gun gabh thu bràth air Seònaid
A liu-ho-ro, a iu-ho

Thèid thu a dh'Eilean Iarmain a chuir nam breug an òrdan
A liu-ho-ro, a iu-ho

Gearain a Dùn Èideann is gum faigh thu tè fo Fhlòraidh
A liu-ho-ro, a iu-ho

Ach, oh, nam faigh thu idir i, cha bhi e na do phòcaid
A liu-ho-ro, a iu-ho

15:00
- A' bhuaile: Is ann an sin air a' mhonadh a bhiodh iad a' bleoghann a' chruidh - cha bhiodh iad gan toirt a-staigh idir. Ach, cha bhiodh daoine a' fuireach air àirighean an Slèite.
- Chan e "Creag an Àirigh" ach "Creag na faire" a th' air creag faisg air Ionad Chlann Dòmhnaill ri taobh na mara. - Tha "Creag na h-èigheadh" beagan nas fhaide shìos far am biodh daoine ag èigheadh nan robh daoine a' tighinn a ghoid crodh. Mar as trice is ann à Cnoideart a thigeadh iad.

20:00
- Am Prionsa Teàrlach na Chailteigeach agus Flòraidh na Pròstanach: Cha do chuir e dragh air duine sam bith!
- Chanadh iad "Mòr Nighean a' Ghioballan" ris a' Phrionsa.

25:00
- An Eaglais

30:00
- A' bruidhinn ri Iain MacAonghais an Dùn Èideann air a' fòn

35:00
- An droch shùil: "Chanadh iad fliuch do shùil" gus beathach a dhìon an aghaidh an droch shùil.
- Bha Seònaidh Ivy ag obair aig taigh-tasgaidh Chlann Dòmhnaill. Bhuineadh esan do Dhòmhnallaich Bheaga Shlèite. Bha na Dòmhnallaich Mòra na b' fheàrr dheth.
- Chan eil mòran Dhòmhnallaich ann an Slèite an-diugh ach tha gu leòr de Chlann 'ic Phearsan is de Chlann MhicIlleBhraithe.
- Chanadh cuid MacIlleBhrath ach is e chanamaid an Slèite ach MacIlleBhreath [-vræ].

40:00
- A' cur a' bhuntàta: "Cnamhan glasa" (nach cuala e riamh e ach ann an Slèite).
- Tha Gàidhlig aig a' chlann aig Somhairle MacIlleathain (tha cuid a' cumail a-mach nach robh)!

45:00
- Each-uisge an Loch nan Dùraichean
- Fairy Bridge: Lagain Shìthean (taobh Dhùn Bheagain)

50:00 - Electric Fires
-Is e Seònaidh Ibheagh seach Ivy. Thàinig an teaghlach à Èirinn.

55:00
- A' dol don sgoil: Aig Àrd-sgoil Phort Rìgh bhiodh iad a' tighinn dhachaigh aig àm nan làithean-saora a-mhàin.
- A' bruidhinn mun chlann aige

60:00
- A' bruidhinn air muinntir Shlèite agus far-ainmean

1:00:00
- A' bruidhinn air muinntir Shlèite is a' chlann aige fhèin is Gàidhlig aig cuid dhiubh

1:10:00
- A' bruidhinn air Gàidhlig aig an taigh aig Seònaidh: Leughadh athair am Bìoball ach cha leughadh e leabhar Gàidhlig eile
- A' gabhail broar sa mhadainn: a' cur uisge teth is ìm air mion-choirce


air ais