Òrain is Dàin le Alasdair MacMhaighstir Alasdair









Hé’n Clò-dubh


[Séisd]

Hé’n clò-dubh, Hó’n clò-dubh,
Hé’n clò-dubh! B’fheàrr am breacan;
Hé’n clò-dubh, Hó’n clò-dubh!
Hé'n clò-dubh, B'fheàrr am breacan;
B'fheàrr leam breacan uallach
Mu'm ghuailnean 's a chuir fo 'm achlais,
Na ged gheibhinn còta
De'n chlò 's fheàrr a thig à Sasunn.


Mo laochan féin an t-éideadh,
A dh' fheumadh an crios g' a ghlasadh,
Cuaicheanach an fhéilidh,
Deis éiridh gu dol air astar.

Féileadh cruinn nan cuachan,
Gur buadhach an t-earradh gaisgich;
Shiùbhlainn leat na fuarain,
Feadh fhuar-bheann; 's bu ghasd' air faich' thu.

Bu mhath gu sealg an fhéidh thu,
'N àm éirigh do 'n ghréin air creachann;
Dh' fhalbhainn leat gu lòghar,
Di-dòmhnaich a 'dol do 'n clachan.

Shiùbhlainn leat a phòsadh,
'S bhàrr feòirnein cha fhroisinn dealta;
Siod an t-suanach bhòidheach,
An òg-bhean bu mór a tlachd dhi.

'S i 'n fhuil 'bha 'n cuisl' ar sìnnsre,
'S an ìnnsginn a bha 'nan aigne.
A dh' fhàgadh dhuinn mar dhìleab,
Bhi rìoghail. -- O! sin ar paidir!

Mo chion an t-òg fearrdha,
Thar fairge chaidh uainn air astar;
Dùrachd blàth do dhùthcha,
'S an ùrnuigh gu 'n lean do phearsa.




Air Ais




Moladh an Ughdair don t-Seann Chànain Ghàidhlig


Gur h-ì as crìoch àraid
Do gach cainnt fo'n ghréin,
Gu ar smuainte fhàsmhor
A phàirteachadh r'a chéil';

Ar n-inntinnean a rùsgadh,
Agus rùn ar crì,
Le'r gnìomh 's le'r giùlan
Sùrd chur air ar dìth.

Is gu laoigh ar beoil
Dh'ìobradh do Dhìa nan dùl;
Is i h-ard chrìoch mhór
Gu bhith toirt dòsan cliù.

Is e an duine fàin
As aon chreutair reusanta ann;
Gun d' thug toil Dé dha
Gibht le bheul bhith cainnt.

Gun chum e so
O'n uile bhrùid gu léir;
O ghibht mhór phrìseil-s'
Dheilbh 'n ìomhaigh féin!

Nam beirte balbh e
Is a theanga marbh 'na cheann,
B'i an iargain shearbh e;
B'fheàrr bhith marbh na ann.

Is ge h-iomadh cànain
O linn Bhabeil fhuair
An sliochd sin Adhaimh,
Is i Ghàidhlig a thug buaidh.

Do'n labhradh dhàicheil
An urram àrd gun tuairms',
Gun mheang gun fhàillin
As urra càch a luaidh.

Bha a' Ghàidhlig ullamh,
'Na glòir fìor-ghuineach cruaidh,
Air feadh a' chruinne
Mun thuilich an Tuil-ruadh.

Mhair i fòs,
Is cha téid a glòir air chall
Dh'aindeoin gò
Is mìoruin mhóir nan Gall.

Is i labhair Alba
Is gallbhodaich féin,
Ar flaith, ar prionnsaidhe
Is ar diùcanna gun éis.

An tigh-comhairle an rìgh
An uair shuidheadh air binn a' chùirt,
Is i a' Ghàidhlig lìomtha
Dh'fhuasgladh snaidhm gach cùis.

Is i labhair Calum
Allail a' chinn mhóir,
Gach mith is maith
Bha an Alba, beag is mór.

Is i labhair Goill is Gàidheil,
Neo-chléirich is cléir,
Gach fear is bean
A ghluaiseadh teanga am beul.

Is i labhair Adhamh
Ann a phàrras féin,
Is bu shiubhlach Gàidhlig
O bheul àluinn Eubh.

Och tha bhuil ann!
Is uireasbhach gann fo dhìth
Glóir gach teanga
A labhras cainnt seach ì.

Tha Laidionn coimhliont,
Torrach teann na's leoir;
Ach sgalag thràilleil
I do'n Ghàidhlig chòir.

'S an Aithne mhóir
Bha a' Ghreugais còrr 'na tìm,
Ach b'ion di h-òrdag
Chur fa h-òirchrios grinn.

Is ge mìn slìm bòidheach
Cùirteil ro-bhog lìomth'
An Fhraingis lòghmhor
Am pailis mór gach rìgh

Ma thagras càch oirre
Pàirt d'an ainbheach féin,
Is ro-bheag a dh'fhàgas
Iad de àgh 'na cré.

Is i an aon chànain
Am beul nam bàrd 's nan éisg
As fearr gu càineadh
O linn Bhabeil féin.

Is i as fearr gu moladh.
Is as torrunnaiche gleus
Gu rann no laoidh
A tharruing gaoth troimh bheul.

Is i as fearr gu comhairl'
Is gu gnothuch chur gu feum
Na aon teanga Eòrpach.
Dh'aindeoin bòsd nan Greug.

Is i as fearr gu rosg
Is air chosaibh a chur duain.
Is ri cruaidh uchd cosgair
Bhrosnachadh an t-sluaigh.

Mu choinne bàr
Is i as tàbhachdaich bheir buaidh,
Gu toirt a' bhàis
Do'n eucoir dhàicheil chruaidh.

Cainnt làidir ruithteach
As neo-liotach fuaim;
Is i seaghail sliochdmhor
Briosg-ghlorach mall luath.

Chan fheum i iasad
Is cha mhó dh'iarras uath';
O, an t-sean mhathair chiatach,
Làn de chiadaibh buaidh!

Tha i féin daonnan
Saoibhir maoineach slàn,
A tighean-taisge
Dh'fhaclaibh gasda làn.

A' chanain sgapach,
Thapaidh bhlasda ghrinn,
Thig le tartar
Neartmhor a beul cinn.

An labhairt shìolmhor
Lìonmhor, 's mìlteach buaidh;
Shultmhor bhrìoghmhor
Fhìorghlan, chaoidh nach truaill!

B'i an teanga mhilis
Bhinnfhoclach 'san dàn,
Gu spreigeil tioram
Ioraltach, 's i làn.

A' chànain cheòlmhor
Shòghmhor, 's glòrmhor blas,
A labhair móirshliochd
Scota is Gàidheil ghlais;

Is a réir Mhic Comb,
An t-ughdar mór ri luaidh,
Is i an freumhach òir
Is ciad ghràmair glòir gach sluaigh.




Air Ais





Am Breacan Uallach


B'fheàrr leam breacan uallach
Mu m'ghuaillibh 's a chur fo m'achlais,
Na ge do gheibhinn còta
De'n chlò as feàrr thig à Sasunn.

Mo laochan féin an t-éididh
A dh'fheumadh an crios d'a ghlasadh:
Cuaicheinachadh éilidh,
Déis éirigh gu dol air astar.

Eilidh cruinn nan cuaichein,
Gur buadhail an t-earradh gaisgich:
Shiubhlainn leat na fuarain
Feadh fhuairbheann, 's bu ghasda air faich thu.

Fìor chulaidh an t-saighdeir,
As neo-ghloiceil ri uchd na caismeachd:
Is ciatach 'san adbhans thu,
Fo shrannraich nam pìob 's nam bratach.

Cha mhios anns an dol sìos thu
An uair sgrìobar a duille claisich:
Fìor earradh na ruaige
Gu luas a chur anns na casaibh.

Bu mhaith gu sealg an fhéidh thu
'N ám éirigh do'n ghréin air creachunn,
Is dh'fhalbhainn leat gu lòghmhor
Di-dòmhnaich a' dol do'n chlachan.

Laighinn leat gu ciorbail,
Is mar earbaig gum briosgainn grad leat,
Na b'ullamh air m'armachd
Na dearganach is mosgaid ghlagach.

An ám coilish a bhith dùrdan
Air stùcan am maduinn dhealta,
Bu ghasda t'fheum 's a' chùis sin
Seach mùtan de thrusdar casaig.

Shiubhlainn leat a phòsadh,
Is bharr feoirnein cha fhroisinn dealta;
B'i sud an t-suanach bhòidheach:
An òigbhean bu mhór a tlachd dhith.

B'aigeanntach 's a' choill' thu,
Dam' choibhreadh le d'bhlàs 's le t'fhasgadh:
O chathadh is o chrìonchur
Gun dìonadh tu mi ri frasachd.

Air uachdar gura sgiamhach
A laigheadh an sgiath air a breacadh,
Is claidheamh air chrios ciatach
Air fhiaradh os cionn do phleata.

Is deas a thigeadh cuilbheir
Gu suilbhire leat fo'n asgaill,
Is dh'aindeoin uisge is urchoid
No tuilbheum gum biodh ar fasgadh.

Bu mhaith anns an oidhche thu,
Mo loinn thu mar aodach-leapa;
B'fheàrr leam na'm brat lìn thu
As prìseile mhìn tha'n Glaschu.

Is baganta grinn bòideach
Air banais 's air mòd am breacan:
Suas an éileadh-sguaibe,
Is dealg-gualainn ag cur air fasdaidh.

Bu mhaith an là is an oidhche thu,
Bha loinn ort am beinn 's an cladach;
Bu mhaith am feachd 's an sìth thu:
Cha rìgh am fear a chuir as duit.

Shaoil leis gun do mhaolaich so
Faobhar nan Gàidheal tapaidh;
Ach 's ann a chuir e géire orra
Na's beurra na deud na h-ealtainn'.

Dh'fhàg e iad làn mìoruin,
Cho cìocrasach ri coin acrach:
Cha chaisg deoch an ìotadh
Ge b'fhìon e, ach fìor fhuil Shasunn.

Gu spìon sibh an cridhe asainn,
Is ar broillichean sìos a shracadh,
Cha toir sibh asainn Tearlaich
Gu bràth gus an téid ar tachdadh.

R'ar n-anam tha e fuaighte,
Teann luaidhte cho cruaidh ri glasan;
Is uainn chan fhaodar fhuasgladh,
Gu'm buainear am fear ur asainn.

Ged chuir sibh oirnne buarach
Thiugh luaidhte, gu ar falbh a bhacadh,
Ruithidh sinn chomh luath
Is na's buaine na féidh a' ghlasraich.

Tha sinn 'san t-sean nàdur
A bha sinn roimh ám an achda;
Am pearsanna is an inntinn,
Is 'n ar rìoghalachd cha téid lagadh.

Is i an fhuil bha an cuisle ar sinnsridh,
Is an innsgin a bha 'nan aigne,
A dh'fhàg dhuinne mar dhìlib
Bhith rioghail: O sin ar paidir!

Mallachd air gach sèorsa
Nach deònaicheadh fòs falbh leatsa,
Cia dhiùbh bhiodh aca còmhdach
No comhrùisgte lom gu an craicionn.

Mo chion an t-òg feardha
Thar fairge chaidh uainn air astar:
Dùthrachd blàth do dhùthcha
Is an ùrnuigh gu lean do phearsa.

Is ged fhuair sibh làmh an uachdar
Aon uair oirnn le seòrsa tapaig,
An donas blàr r'a bheò-san
Nì am feòladair tuilleadh tapaidh.




Air Ais





Marbhrainn do Pheata Coluim


'S tùrsach mo sgeul ri luaidh
'S gun chàch d'ad chaoidh
Mu bhàs an fhir bu leanbail tuar
'S bu mheanbh ri chlaoidh.

'S oil leam bàs a' choluim chaoimh
Nach b'anagrach gnàths:
A thuiteam le madadh d'am beus
Dòbhran nan càrn.

'S tu as truaigh leinn de bhàs nan eun;
Mo chràdh nach beò,
Fhir a b'iteagach, miotagach triall
Ge bu mheirbh do threòir.

B'fheumail do Naoi na càch
An àm bhàrcadh nan stuadh,
Bu tu 'n teachdair' gun seacharan dà
Nuair thràigh an cuan.

A dh'fhidreachdainn 'do dh'fhalbh an tuil,
Litir gach fear,
Dùghall is Colum gun chuir
Deagh Naoi thar lear.

Ach chaidh Dùghall air seacharan-cuain
'S cha do phill e riamh,
Ach phill Colum le iteagaich luath
'S an fhreagra 'na bheul.

Air thùs, cha d'fhuair e ionad d'a bhonn
A seasadh e ann
Gus 'do thiormaich dìle nan tonn
Far mullach nam beann.

'S an sin, an litir sin leugh an duine bha glic,
Gun thiormaich a' bhailc,
'S gu faigheadh a mhuirichinn cobhair 'nan teirc'
Agus fuasgladh 'nan airc.

Le neart cha spùillte do nead
Ge do thigte d'ad shlad;
Bhiodh do chaisteal fo bhearraibh nan creag
Ann an daingnichibh rag.

Bha do mhodh-sìolaich air leth o chàch:
Cha togradh tu suas
Ach a' durrghail an taca ri d' ghràdh
A' cur cagair 'na cluais.

Cha do chuir thu dùil an airgead no sprèidh,
No fèisd am biodh sùgh
Ach spioladh is criomadh an t-sìl le d'bheul
'S ag òl a' bhùirn.

Aodach no anart, sìoda no sròl,
Cha cheannaicheadh tu 'm bùth,
Bhiodh t'èididh de mhìn-iteacha gorm
Air nach drùidheadh an driùchd.

Cha do ghabh thu riamh paidir no creud
A ghuidhe nan dùl;
Gidheadh, chan eil t'anam am pèin
O chaidh tu nùnn.

Chan e gun chiste no anart bhith còmhdach do chrè
Fo lic anns an ùir
Tha mise, ge cruaidh e, 'n diugh 'g acain gu lèir,
Ach do thuiteam le cù.




Air Ais





Òran a Rinneadh sa' Bhliadhna 1746


'S fuar fearthainneach gach lò,
Gach oidhche dorcha doineannach,
'S tùrsach donn gach lò,
Murtaidh trom le ceò:
Ach mosglaibh suas, a shlòigh,
'S ur n-airtneal trusaibh chum ur cairteal',
'S cairtibh uaibh ur bròn;
Tha lèig ri muir 's ri speur
Ri bhith aig Aeolus 's aig Neptiun.
'S thig gach tlachd 'na dèidh.

Thig soineann leis an Rìgh,
Teichidh sneachd is èighre uainn;
Fògrar dòrainn shìon,
Thig sòlas, falbhaidh pìan;
Gach seòrsa de gach fìon
Thig o'n Fhraing 'na thunnaichaibh,
'S gun caisg sinn uile ar n-ìot;
Gheibh sinn tuil d'ar miann,
'S m'ar nàimhde dh'fhàg sinn uireasach
'S dlùth chuireas sinn ar lìon.

O sheanchaidhnibh nan clann,
Suas dèanaibh eachdraidh èifeachdeach,
O sheanchaidhnibh san àm
Glacaibh dubh is peann!
Seo a ' bhliadhna chòrr
An tilg a' ghrian le meadh-bhlàths biadhchar
Gathain chiatach òirnn;
Bidh driùchd air bhàrr an fheòir,
Bainne 's mil gun luach gun mhargadh,
Airgead agus òr.

Na gabhaibh sìth o Dheòrs':
Le 'r dòchas neartor fìrinneach
Creidibh dìan sa' chòir,
Gun tig relìobh nas leòr;
Na biodh ur dòchas fann:
Gur h-ann air rèir mar chuireas sibh
A bhios ur buinnig ann;
O, fuirichibh, a Chlann,
'S chì sibh ur n-uil' uireasan
Da bhuinnig le cruas lann.

Ciod e do cheart-s' air crùn,
Ach adhaircean bhith sparradh ort?
'S co-sean ri d'chòir o thùs
Brìos òir-cheard bha Renfriù.
Ach bha ion-faileis ann
Do thrustar do dh'act Pàrlamaid
A dh'fhoil an crùn ma d'cheann.
Ach tog seo leat nad sgèith:
An t-Uilleam rinn an t-act-s' dhuit
Gum b'eucoireach e fèin.

Dèan aithridh thùrsach gheur
'S grad thoir air n-ais na th'agad uat;
Dèan aithridh ghuineach 's gèill,
'S le braoim-bhruic toilich t'fheum;
Cùm agad do chuid fèin
Is leig uat còir an atharraich
Gun chlaidheamh, gun dad streup;
Dia, daoine 's nàdur treun
Bidh ann a lèig m'an oighr'
Thoirt dhachaigh, choibhreas ceart a threud.

Craobh-sheanchais teaghlaich rìgh,
Na h-ìochdarain bidh eòlach uimp';
Craobh-sheanchais teaghlaich rìgh,
Bidh map dhi 'n iomad tìr;
'S ma chuirear car 'm bi foinn
San t-snàithean dhìreach oighreachdail
Gun toir fa-near an fhoill;
Ach gairmidh Dia le sgoinn
Chum an ionaid dhleasdannaich
Ceart oighre deas an loidhn.

Chan eil an leisgeul ann
Ach saobhadh fann mì-dhiongmhalta;
'S i 'n eucoir shoilleir th'ann
Do neach a bheirte dall;
Mas creideamh an aon chùis,
Chionn nach d'fhuair e oideachd
Anns an teagasg a rinn Lùth,
O! nam b'e sin an càs
Cuim' na chuir sibh 'shinn-seanair
Gu mìorunach gu bàs?

Chan eil ur gaol d'ur Rìgh
Ach mar air an t-siùrsaich choitcheanta;
'S cuglach staid ur Rìgh,
Cuairt thoirt da 's bhith sgìth;
Gun d'fhògair sibh a-rìs
Le 'r n-iomluas sliochd a' mhairteoir sin
Le ascaoineachd ur crìdh;
'S 'na dhèidh sin ged thug uaibh
Do dh'Anna crùn a sinnsireachd,
Gun phuinnseanaich sibh luath.

O 's caol an teud, a Dheòrs'
Air na sheinn thu gu trì rìoghachdaibh;
Gur meallta 'n t-act le 'n chleòc
Iad thus nad Rìgh òirnn;
Tha lethcheud pearsa 's còrr
As faigse fuil is tagraichean
Na thusa san Roinn Eòrp';
Bu leathoireach lag càm
'M meur boireann o na bhuineadh thu,
B'fhìor iumallach sa' chrann.

O! 'n cullach sin Rìgh Deòrs'
Mach na cràine Gearmailtich!
'S e 'chàirdeas ruinn 's a dhàimh
Gaol fithich air a' chnàimh;
Gun d'fheann e sinn o'r bèin;
Ghlac is chreach an cealgaire
'S gun mharbh e sinn gu lèir;
Na daoine cha leis fèin,
'S ann uaine sin gur coma leis
Ged phronnamaid a chèil'.

An leanabh nach leis fèin,
Ged dhèanta dà leth chothrom dheth
Cha tiomaichd' e le a phèin;
A chrìdh gun tlus gun deur;
Is amhail sin mar tha
Ged chuirt' a h-uile Breatainneach
Gun mhèin gun chead gu bàs;
O nach leis fèin am pàist
Cha ghluaist' an neach nach b'athair dha
Gu fabhar no gu bàigh.

Greas ort, a Sheumais chaoimh,
'S tu 's Rìgh 's as athair talmhaidh dhuinn
F'an athair nèamha naomh;
Gabh tlus ri d' chlainn s' bi caoin;
'S os leat fèin a' Chlann,
Cuir casg air croich 's air geuragaibh
Tha reubadh dhinn nan ceann;
Is cuir do threud fo lann,
'S na leig a bhith dar geur-leanmhainn
Feadh garbhlaich, slèibh is bheann.

Mo chion-sa Seurlas ruadh,
Ceart oighr' an fhìor Rìgh dhleasdannaich;
Cha toir sinn duibhse fuath
Gun cuirear sinn san uaigh;
Cha dèan croich no tuagh,
Glacaireachd no creachannan,
Gu bràth ar sracadh uat;
Tha 'n diog ud ceangailt shìos
An caigeann ris gach anam dhinn
Cho daingeann ri Beinn Shìont.

Och, a Rìgh nan dùl,
Na leig-sa neart a ghnàth thar cheart;
Ochòin, aon Dia ta 'd thriùir,
'S ann duit as lèir gach cùis;
Tog dhinn a' mhuc 's a cuing,
'S a h-àl breac brothach oirceanach
Le 'n cuid chrom-shoc thar tuinn;
Is cairt gu glan Whitehall
Air chionn an teaghlaich rìoghail sin
Bha 'sinnsreadh ann an tàmh.




Air Ais





Òran an t-Samhraidh


An dèis dhomh dùsgadh san mhaidean
'S an dealt air a' choill,
Ann am maidean ro shoilleir,
Ann a lagan beag doilleir,
Gun cualas a feadan
Gu leadarra seinn,
'S mac-talla nan creagan
Da fhreagra bròn-bhinn.

Bidh am beithe deagh-bholtrach,
Urail, dosrach nan càrn,
Ri maoth-bhlàs driùchd Cèitein,
Mar ri caoin-dheàrrsadh grèine,
Brùchdadh barraich roi gheugaibh
San mhìos cheutach-sa Mhàigh:
Am mìos breac-laoghach buailteach,
Bainneach, buadhach gu dàir.

Bidh gach doire dlùth uaignidh
'S trusgan uaine umpa a' fàs;
Bidh an snaodhach a' dìreadh
As gach freumhaich as ìsle
Roi na cuislinnean snìomhain
Gu mìodachadh blàth;
Cuach is smeòrach san fheasgar
Seinn a leadain 'nam bàrr.

Am mìos breac-uigheach braonach,
Creamhach maoth-ròsach àigh,
Chuireas sgeadas neo-thruaillidh
Air gach àite da dhuaichneachd.
A dh'fhògras sneachd le chuid fuachda
O gheur-ghruaim nam beann àrd
'S aig meud eagail roi Phèbus
Thèid sna speuraibh 'na smàl.

Am mìos lusanach mealach,
Feurach failleanach blàth,
'S e gu gucagach duilleach,
Luachrach dìtheanach lurach,
Beachach seilleanach dearcach,
Ciùthrach dealtach trom tlàth,
'S i mar chùirneanan daoimein;
'Bhratach bhoillsgeil air làr.

'S moch bhios Phèbus ag òradh
Ceap nam mòr-chruach 's nam beann,
'S bidh san uair sin le sòlas
Gach eun bionnfhoclach bòidheach
Ceumadh mear-bhuillean ceòlar
Feadh phreas, ògan is ghleann;
A' choireal chùirteach gun sgreadan
Aig pòr as beadarrach greann.

'S an àm tighinn don fheasgar,
Coi-fhreasgradh aon àm,
Nì iad co-sheirm shèimh fhallain,
Gu beilleach bionnghobach allail,
A' seinn gu lùth-chleasach daingeann
Am measg ùr-mheangain nan crann,
'S iad fèin a' beiceil gu foirmeil
Le toirm nan òrgan gun mheang.

Bidh gach creutair da laigid
Dol le suigeart don choill,
Bidh an dreathan gu balcant,
Foirmeil, talcarra, bagant,
Sìor chur fàilt air a' mhaidean
Le rifeid mhaisich bhuig bhinn,
Agus Robin da bheusadh
Air a' ghèig os a chinn.

Gur glan gaill-fheadan Richard
A' seinn nan cuislinnean grinn
Am bàrr nam bilichean blàthor
'S an dos nan lom-dharag àrda
Bhiodh sna glacagan fàsaich
As cùbhraidh fàileadh na fìon,
Le d'phuirt thrileanta shiùbhlach
Phronnor lùthor le dìon.

Siud na puirt as glan gearradh,
'S as ro-ealanta roinn,
Chuireadh m'inntinn gu beadradh,
Cliath-lùth t'fheadain mun eadradh,
'N àm don chrodh bhith da leigeadh
An innis bheitir san choill,
'S tu 'd lèig air baideal ri cianthar
An grianan aonchasach croinn.

Bidh bradan seang-mhear nam fìoruisg
Gu brisg, slinn-leumnach, luath,
'Na bhuidhne tàrr-ghealach lannach,
Gu h-iteach, dearg-bhallach, earrach,
Le shoillsean airgid da earradh
'S mion-bhreac lainnireach tuar,
'S e fèin gu crom-ghobach ullamh
Ceapadh chuileag le cluain.

A' Bhealltainn bhog-bhailceach ghrianach,
Lònach, lianach mo ghràidh,
Bhainneach, fhinn-mhèagach, uachdrach,
Omhnach, loinideach, chuachach,
Ghruthach, shlamanach, mhiosrach,
Mhiodrach, mhiosganach, làn,
Uanach, mheannanach, mhaoineach,
Bhocach, mhaoiseach, làn àil.

O 's fìor èibhinn ra chluinntinn
Fann-gheum laoigh anns a' chrò,
Gu h-ùrail, mion-bhallach, àlainn
Druimfhionn, geàrr-fhionnach, fàilidh,
Ceannfhionn, colgrasgach, cluaisdearg,
Tàrr-gheal, guaineiseach, òg,
Gu mogach, bogladhrach, fàsor,
'S e leum ri bàirich nam bò.

A shòbhrach gheal-bhuidh nam bruachag
Gur fanna-gheal snuadhor do ghnùis
Chinneas badanach cluasach,
Maoth-mhìn, baganta, luaineach,
Gur tu ròs as feàrr cruadal
A nì gluasad á h-ùir:
Bidh tu 't èideadh as t-earrach
'S càch ri falach an sùl.

'S cùbhraidh fàileadh do mhuineil
A chrios-Choin-Chulainn nan càrn,
Nad chruinn bhabaidean riomhach,
Loinneach, fhad-luirgneach, sgìomhach,
Nad thuim ghiobagach dhreach-mhìn,
Bhàrr-bhuidh', chasarlach, àrd,
Timcheall thulmanan diamhair
Mam bi 'm biadh-eunain a' fàs.

'S gum bi froidhneasan boillsgeil
A thilgeas foidhneul nas leòr
Air gach lùbhghort, do neòinein
'S do bharraibh shaimirean lòghor,
Mar sin is leasachan soilleir
Do dh'fheada-coille nan còs
Timcheall bhoganan loinneil
As tric an eilid dan còir.

Nis trèigidh coileach a' ghucag
'S caitean brucach nan craobh,
'S thèid gu mullach nan sliabhchnoc,
Le chirc gheàrr-ghobaich riabhaich,
'S bidh da suirghe gu cùirteil
Am pillibh cùlghorma fraoich,
'S ise freagradh le tùchan:
"Pi-hu-hù, tha thu faoin."

A choilich chraobhaich nan geàrr-sgiath
'S na falluinne duibh,
Tha dubh is geal air am miosgadh
Gu ro-òirdheirc nad itich;
Muineal lainnireach, sgibidh,
Uaine, slios-mhìn, 's tric crom,
Gob nam pongannan milis
Nach faict' a' sileadh nan ronn.

Siud an turraraich ghlan loinneil
As àird' coilleag air tom,
'S iad ri burraras sèimh ceutach
Ann am feasgar bog Cèitein,
Am bannal geal-sgiortach uchd-ruadh,
Mala ruiteach, chaol, chrom,
'S iad gu h-uchd-àrdach earra-gheal,
Grian-dheàrrsgnaidh, druim-dhonn.




Air Ais




Òran a' Gheamhraidh



Tharraing grian, rìgh nam planaid 's nan reul,
Gu “sign” Chancer Diciadain gu beachd
A riaghlas co-throm mun crìochnaich e thriall
Dà mhìos deug na bliadhna mu seach,
Ach gur h-e 'n dara Disathairn 'na dhèidh
A' ghrian-stad shamhraidh, aon-deug an là 's faid,
'S an sin tionndaidh e chùrsa gu sèimh
Gu seas-ghrian a' gheamhraidh gun stad.

'S o dh'imich e nis uainn mun cuairt
Gum bi fuachd oirnn gu 'm pill e air n-ais,
Bidh gach là dol an giorrad gu feum
'S gach oidhche d'a rèir dol am fad,
Struidhidh luibhean is coill agus feur,
'Na fàis-bheò ion-eugaidh iad ás,
Teichidh snodhach gu freumhaich nan crann,
Sùghaidh glaodhain an sùgh-bheath' a-steach.

Seacaidh geugan glan cùbhraidh nan crann
Bha san t-samhradh trom-stràichte le meas,
Gun toirleum an toradh gu làr,
Gu sgriosar am bàrr far gach lios,
Guilidh feadain is creachainn nam beann,
Sruthain chriostail nan gleann le trom sproc,
Craoidh na fuarain ri meacainn gun cluinn:
Deoch-thunta nam maoiseach 's nam boc.

Luighidh bròn air an talamh gu lèir,
Gun aognaich na slèibhti 's na cnoic,
Grad-dhubhaidh caoin-uachdar nam blàr,
Fàl-rùisgte, 's iad fàillinneach bochd,
Na h-eòin bhuchallach, bhreac-iteach, ghrinn
Sheinneadh baisgeanta, binn am bàrr dhos,
Gun tèid a' ghlas-ghoib air am beul,
Gun bhogha, gun teud 's iad 'nan tosd.

Sguiridh bùirdeasaich sgiathach nan speur
D'an ceileireadh grianach car treis,
Cha seinn iad a maidnean gu h-àrd
Na feasgairean chràbhach sa' phreas;
Cadal clùmhor gun dèan anns gach còs,
Gabhail fasgaidh am frògaibh nan creag,
'S iad ri ionndrain nan gathannan blàth
Bhiodh ri deàlraidh o sgàileadh do theas.

Cuirear daltachan srain-bhuidh' nan ròs
Far mhìn-chìoch nan òr-dhìthein beag,
Sinean gucagach lilidh nan lòn,
Na flùran 's geal-neòinein nan eag
Cha deòghlar le beachainn nam bruach,
Cròdhaidh fuarachd car cuairt iad 'nan sgeap,
'S cha mhò chruinnicheas seillein a mhàl
'S thar gheal-ùr-ròs chrann gàrraidh cha streap.

Teàrnaidh bradan is sgadan 's gach iasg
O t'iargain gu fèath-ghrùnnd nan loch,
'S gu fan air an aigeann dubh-dhonn
Ann an doimhneachd nam fonn is nan slochd;
Na bric tharr-ghealach, eàrr-ghobhlach shlìom
Leumadh meardha ri usgraichean chop,
'Nan cairtealaibh geamhraidh gun tàmh
Meirbh, sàmhach o thàmh thu fon ghlob.

Chas is ghreannaich gach tulach 's gach tom
'S dòite lom chinn gach fireach 's gach glac,
Gun d'òdhraich na sìtheinean feòir
Bu lusanach, feòirneineach brat;
Thiormaich maghannan 's ruadhaich gach fonn,
Bhèic an fhairge 's ro thonn-ghreannach gart,
'S gun sgreitich an dùldachd gach long,
'S thèid an càbhlach 'nan longphort a-steach.

Neulaich pàircean is meadair gu bàs,
Thuit gach fàsach 's gach àite fo bhruid,
Chiaraich monaidh nan ìosal 's nan àrd,
Theirig dathannan gràsmhor gach luig;
Dh'fhalbh am fàileadh, am musga 's am fonn,
Dh'fhalbh a maise far lompair gach buig,
Chaidh an eunlaith gu caoidhearan truagh:
Uiseag, smeòrach is cuach agus druid.

A fhraoich bhadanaich, ghaganaich, ùir,
D'am b'ola 's d'am b'fhùdar a' mhil,
B'e 'bhlàth-ghrian do bhalet 's gach uair
Gu giollachd do ghruaige le sgil;
Sa' mhaidean iuchair nuair bhoillsgeadh a ghnùis
Air bhuidhinnean driùchdach nan dril,
B'fhìor chùbhraidh 's gum b'èiginn an smùid
Seo dh'èireadh far chùirnein gach bil.

Gun theirig sùgh-talmhainn nam bruach,
Dh'fhalbh an cnuasach le 'n trom-lùbadh slat,
Thuit an t-ubhall, an t-siris 's a' pheur,
Chuireadh bogh' air a' ghèig anns a' bhad;
Dh'fhalbh am bainne on eallach air chùl
M'am bi leanaba ri ciùcharan bochd,
'S gu 'm pill a' ghrian gu “sign” Thaurus nam buadh
'S treun a bhuadhaicheas fuachd agus gort.

Thèid a' ghrian air a thuras mun cuairt
Do “thropic” Chapricorn ghruamaich gun stad
On tig fearthainn chruinn mheallanach luath
Bheir á mullach nan cruaidhtichean sad:
Thig tein'-adhair, thig torrann 'na dhèidh,
Thig gailleann, thig èighre nach lag,
'S cinnidh uisge 'na ghlainneachaibh cruaidh
'S 'na ghlas-leugaibh mìn fuar-licneach rag.

Am mìos nuarranta, garbh-fhrasach dorch,
Shneachdach, cholgarra, stoirm-shìonach bith;
Dhìlseach, dhall-churach, chathach, fhliuch, chruaidh,
Bhiorach, bhuagharra, 's tuath-ghaothach cith,
Dheigheach, liath-reothtahch, ghlìb-shleamhainn, gharbh
Chuireas sgiobairean fairge 'nan ruith;
Fhlichneach, phunntainneach, ghuineach, gun tlàths:
Cuiridh t'anail gach càileachd air chrith.

Am mìos cnatanach, casadach, lom
A bhios trom air an t-sonn-bhrochan dubh,
Churraiceach, chasagach, lachdann is dhonn,
Bhrìsneach, stocainneach, chom-chochlach, thiugh,
Bhrògach, mheatagach, pheiteagach bhàn,
Imeacach, aranach, chàiseach, gun ghruth,
Le 'm miann bruthaiste, mairt-fheòil is càl,
'S ma bhios blàth nach dèan tàir air gnè stuth.

Am mìos brotagach, toiteanach, sòigh,
Ghionach, stròthail, fhìor gheòcail gu muic,
Liteach, làghanach, chabaisteach, chòrr,
Phòiteach, ròmasach, ròiceil gu sult;
'S an taobh a-muigh ged a thugh sinn ar com
Air an àilidh gheur-tholltach gun tlus
'S fheudar dram òl mar lìnigeadh clèibh
A ghrad-fhadas tein-èibhinn san uchd.

Bidh greann dhubh air cuid mhòr den Roinn Eòrp
O lagaich sgèimh òrdha do theas,
Do sholas bu shòlas ro mhòr,
Ar fradharc 's ar lòchran geal deas,
Ach nuair thig e gu Gemini rìs
'S a lainnir 's gach rìoghachd gun cuir,
Is buidh' soillsein nan coirein 's nam meall,
'S riochdail fiamh nan òr-pheall air 'a mhuir.

'S thèid gach salmadair ball-mhaiseach ùr
An crannaig chùbhraidh chraobh dlùth-dhuilleach cas,
Le 'n seòl féin a sheinn “hymns” 's a thoirt cliù
Choinn a' phlanaid-s' a chùrsadh air n-ais;
Gum bi còisir air leth anns gach gèig,
An dasgaibh èibhinn air rèidh-shlios nan slat,
A' toirt lag-ìobhairt le 'n ceileir d'an Triath
Air chaol chorraibh an sgiath anns gach glaic.

Cha bhi creutair fo chupan nan speur
'Sin nach tionndaidh ri spèirid 's ri 'n dreach,
'S gun toir Phoebus le buadhan a bhlàiths
Anam-fàis doibh is càileachdan ceart,
'S nì iad aiseirigh choitcheann á 'n uaigh
Far na mhiotaich am fuachd iad a-steach,
'S their iad guileag -- “doro hidola hann,
Dh'fhalbh an geamhradh 's tha 'n samhradh air teachd.”



Air Ais




Birlinn Chlann Raghnaill



Beannachadh Luinge

Gum beannaicheadh Dia long Chlann Raghnaill
A' cheud là do chuaidh air sàile,
E féin 's a thrèin-fhir da caitheamh
Trèin a chuaidh thar maitheas chàich,
Gum beannaich an Coimh-dhia naomh
An iùnnrais, anail nan speur,
Gun sguabte garbhlach na mara,
G'ar tarraing gu cala rèidh.
Athair, a chruthaich an fhairge,
'S gach gaoth a shèideas ás gach àird,
Beannaich ar caol-bhàirc 's ar gaisgich
'S cùm i fèin 's a gasraidh slàn.
A Mhic, beannaich fèin ar n-acair,
Ar siùil, ar beairtean, 's ar stiùir,
'S gach droineap tha crochte ri 'r crannaibh,
'S thoir gu cala sinn le d'iùl.
Beannaich ar racain 's ar slata,
Ar crainn 's ar teudaibh gu lèir,
Ar stagh 's ar tarraing cùm fallain
'S na leig-s' ann ar cara beud.
An Spiorad Naomh biodh air stiùir,
Seòlaidh e 'n t-iùl a bhios ceart,
'S eòl da gach longphort fon ghrèin,
Tilgeamaid sinn fèin fo 'bheachd.


Beannachadh nan Arm

Gum beannaicheadh Dia ar claidhean
'S ar lannan Spàinnteach geur, glas,
Ar lùirichean troma, màilleach,
Nach geàrrte le faobhar tais,
Ar làmhannan cruadhach 's ar gòrsaid
'S ar sgiathan eun-dealbhach, dualach;
Beannaich gach armachd gu h-iomlan
Th'air ar n-iomchar 's ar crios-guaille:
Ar boghannan foinealach iubhair
Ghabhadh luthadh ri uchd tuasaid,
'S na saighdean beithe nach spealgadh
Ann am balgan a' bhruic ghruamaich;
Beannaich ar biodag 's ar daga
'S ar n-èile gasd' ann an cuaichean
'S gach treallaich catha is còmhraig
Tha 'm bàirc Mhic Dhòmhnaill san uair seo.
Na biodh simpleachd oirbh, no taise,
Gu dol air ghaisge le cruadal,
Fhad 's a mhaireas ceithir bùird dhith
No bhios càraid shùdh dhith fuaighte,
Fhad 's a shnàmhas i fo ur casaibh
No dh'fhuir'eas cnag dhith an uachdar,
Dh'aindeoin aon fhuathais gam faic sibh
Na meataicheadh gart a' chuain sibh.
Ma nì sibh cothachadh ceart
'S nach mothaich an fhairg' sibh dìblidh
Gun ìslich a h-àrdan 's a beachd
'S d'ur cosnadh sgairteil gun strìochd i.
Do chèile-còmhraig air tìr,
Mur faic e thu cinntinn tais,
'S dòich' e bhogachadh san strì
Na chinntinn idir nas brais'.
Is amhail sin ata 'mhuir mhòr:
Coisinn i le colg 's le sùrd
'S gun ùmhlaich i dhuit fa-dheòidh
Mar a dh'òrdaich Rìgh nan Dùl.


Brosnachadh iomraidh gu ionad seòlaidh

Gun cuirt an iùbhrach dhubh dhealbhach
An àite seòlaidh;
Sàthaibh a-mach cleathan rìghne,
Liagh-lom, còmhnard,
Ràmhan mìn-lunnacha, dealbhach,
Socair, aotrom
A nì 'n t-iomradh toirteil, calma,
Bos-luath, caoir-gheal,
Chuireas an fhairge 'na sradaibh
Suas sna speuraibh,
'Na teine-sionnachain a' lasadh
Mar fhras èibhlean,
Le buillean gailleacha tarbhach
Nan cleath troma
A bheir air bhòc-thuinn thonn-anfaich
Lot le'n cromadh;
Le sginean nan ràmh geal tana
Bualadh cholainn
Air mhullach nan gorm-chnoc gleannach,
Gharbhlach, thomach.
O, sìnibh, tàirnibh is lùbaibh
Anns na bacaibh
Na gallain bhas-leathann ghiùthsaich
Le lùths ghlac-gheal:
Na fuirbidhnean troma treuna
A' luigh suas orr'
Le'n gàirdeanan dòideach, fèitheach,
Gaoisneach, cnuacach,
Thogas 's a leagas le chèile,
Fo aon ghluasad,
An gathan liagh-leabhar rèidhe
Fo bhàrr stuaghan;
Iorghaileach, garbh an tùs clèithe
Ag èigheach shuas orr'
Iorram a dhùisgeas an spèirid
Anns na guaillean,
Sparras a' bhirlinn le sèitrich
Roimh gach fuar-ghleann,
Sgoltadh na bòc-thuinne beucaich
Le saidh chruaidh chruim,
Dh'iomaineas beanntainean bèisteil
Roimh 'dà ghualainn.
Hùgan le cuan, nuallan gàireach,
Heig air chnagaibh,
Faram le bras-ghaoir na bàirlinn
Ris na maidibh,
Ràimh gam pianadh 's bolgain fhal' air
Bois gach fuirbidh,
Na suinn làidir, gharbha, thoirteil
'S coip-gheal iomradh,
Chreathnaicheas gach bòrd dhe 'darach,
Bìth is iarunn,
'S lannan dan tilgeil le staplainn
Chnap r'a sliasaid.
Fòirne fearail a bheir tulgadh
Durrgha, dàicheil,
Sparras a' chaol-bhàirc le giùthsaich
An aodann àibheis;
Nach pillear le frìth nan tonn dubhghorm
Le lùths ghàirdean;
Siud an sgioba neartmhor, sùrdail
Air chùl àlaich,
Phronnas na cuartagan cùl-ghlas
Le rinn ràmhachd,
Gun sgìos, gun airtneal gan lùbadh
Ri uchd gàbhaidh.


Iorram

Ann sin, an dèidh do na sia feara deuga suidh air na ràmhaibh, chum a h-iomradh fon ghaoith gu ionad seòlaidh, do ghlaodh Calum Garbh mac Raghnaill nan Cuan iorram oirre, 's e air ràmh-bràghad, agus is i seo i:

A-nis, on rinneadh bhur taghadh,
'S gur coltach dhuibh bhith nur roghainn,
Thugaibh tulgadh neo-chladharra dàicheil.

Thugaibh tulgadh neo-chearbach,
Gun airtneal, gun dearmad,
Gu freasdal na gailbhinne sàil-ghlais.

Tulgadh dannara treun-ghlac
A righeas cnàmhan is fèithean,
Dh'fhàgas soilleir o cheumannan àlaich.

Sgobadh fonnmhor gun èislein
Ri garbh-phrosnachadh 'chèile
'S iorram ghleusd' ann am beul fir a bràghad.

Cogall ràmh air na bacaibh,
Leòis is rùsgadh air bhasaibh,
'S ràimh da snìomh ann an achlaisean àrd-thonn.

Biodh bhur gruaidhean air lasadh
'S biodh bhur bois gun leòb chraicinn
Fallas mala bras-chnapaidh gu làr dhìbh.

Sìnibh, tàirnibh is luthaibh
Na gallain liagh-leabhar ghiuthais
'S dèanaibh uidhe roimh shruthaibh an t-sàile.

Cliath ràmh air gach taobh dhith
Masgadh fairge le saothair
Dol 'na still ann an aodann na bàirlinn.

Iomradh comh-luath, glan, gleusda
Sgoltadh bòc-thuinne beucaich,
Obair shùnntach, gun èislein, gun fhàrdal.

Buailibh cothromach, treun i,
Sealltainn tric air a chèile,
'S dùisgibh spiorad nur fèithean 's nur gàird'nibh.

Biodh a darach a' collainn
Ris na fiadh-ghleannaibh bronnach
'S a dà shliasaid a' pronnadh gach bàirlinn.

Biodh an fhairge ghlas thonnach
Ag at 'na garbh-mhothar lonnach,
'S na h-àrd uisgeachan bronnach a' bàirich.

A' ghlas-fhairge sìor chopadh
Steach mu dà ghualainn thoisich,
Sruth ag osnaich o shloistreadh a h-eàrrlainn.

Sìnibh, tàirnibh is lùbaibh
Na gathain mhìn-lunnach chùl-dearg
Le iomarcaidh smùis air garbh-ghàirdean.

Cuiribh fuidhibh an rubh' ud
Le fallas-mhail'ean a' sruthadh
'S togaibh seòl rith' o Uibhist nan cràdh-ghèadh.


Dh'iomair iad an sin i gu ionad-seòlaidh

'S an sin nuair thàrr iad an t-seòlaid
Gu fìor ghasda
Shaor iad na sia ràimh dheuga
Steach roimh 'm bacaibh;
Sgathadh grad iad shìos r'a sliasaid
Sheachnadh bhac-bhrèid;
Dh'òrdaich Clann Raghnaill d'a uaislean
Sàr sgiobaire-cuain bhith aca
Nach gabhadh eagal roimh fhuathas
No gnè thuarapaidh a thachradh.


Dh'òrdaicheadh, an dèidh an taghadh, a h-uile duine a dhol ann an seilbh a ghrama àraidh fèin, 's 'na cho-lorg sin, ghlaodhadh ris an stiùireamach suidhe air stiùir anns na briathraibh seo:


Suidheadh air stiùir trom-laoch leathann,
Neartmhor, fuasgailt
Nach tilg bun no bàrr na sumaid
Fairge uaithe:
Clàranach taiceil, làn spionnaidh,
Plocach, màsach,
Mìn-bheumanach, faicleach, furachail,
Làn nàistinn,
Bùnnsaidh, cudthromach, garbh, socair,
Solta, lùthmhor,
Eirmseach, foighidneach, gun ghriobhag
Ri uchd tùilinn;
Nuair a chluinn e an fhairge ghiobach
Teachd le bùirein
Chumas a ceann caol gu sgibidh
Ris na sùghaibh,
Chumas gu socair a gabhail
Gun dad luasgain,
Sgòd is cluas ga rian le amharc,
Sùil air fuaradh;
Nach caill aon òirleach na h-òrdaig
D'a cheart chùrsa
Dh'aindeoin bàrr sumaidean mara
Teachd le sùrdaig;
Thèid air fuaradh leath' cho daingeann,
Masa h-èiginn,
Nach biodh lann no reang d'a darach
Nach toir eubh asd';
Nach taisich 's nach tèid 'na bhreislich
Dh'aindeoin fuathais,
Ged a dh'atadh a' mhuir cheann-ghlas
Suas gu chluasaibh,
'S ged a bhristeadh e 'na dheannaibh
Steach mu ghuaillibh;
Nach b'urrainn am fuirbidh chriothnachadh
No ghluasad
O ionad a shuidhe, 's e treunant,
'S ailm 'na asgaill,
Gu freasdal na seana-mhara ceanna-ghlais
'S gleanna-gharbh ascaoin;
Nach criothnaich le fuaradh cluaise
An taod-aoire,
Leigeas leatha ruith is gabhail
'S làn 'na h-aodach,
Cheanglas a gabhail cho daingeann
'M bàrr gach tuinne,
Falbh dìreach 'na still gu cala
'M bàrr gach buinne.


Dh'òrdaicheadh a-mach fear-beairte

Suidheadh toirteal-laoch garbh-dhòideach
An gloic beairte,
A bhios staideil, làn de chùram,
Graimpidh, glac-mhor,
Leigeas cudthrom air ceann slaite
Ri h-àm cruadhaich,
Dh'fhaothaicheas air crann 's air acfhainn,
Bheir dhaibh fuasgladh,
Thuigeas a' ghaoth mar a thig i
A-rèir seòlaidh,
Fhreagras mìn, le fearas-bheairte,
Beum an sgòid-fhir,
Sìor chuideachadh leis an acfhainn
Mar a dh'fhaodas
Mura fàillnich buille-bheairte
Reamhar ghaoisid.


Chuireadh air leth fear-sgòid

Suidheadh fear-sgòid air an tobhtainn,
Gàirdean làidir
Nan ruigheannan gaoisneach, fèitheach,
Reamhar, cnàmhach;
Cràgan tiugha, leathann, cliathnach,
Meur-gharbh, cròcach,
Mach 's a-steach an sgòid a leigeas
Le garbh-sgròbadh;
An àm cruadhaich a bheir chuig' e,
Gaoth ma shèideas,
'S nuair a nì an oiteag lagadh
Leigeas beum leis.


Dh'òrdaicheadh air leth fear-cluaise

Suidheadh fear cnaparra, taiceil,
Gasda, cuanda
Làimhsicheas a' chluas neo-lapach
Air a fuaradh,
Bheir imrich a-sìos 's a-suas di
Chum gach urracaig
A-rèir 's mar a thig an soirbheas
No bàrr urchoid,
'S ma chì e an aonrais ag èirigh
Teachd le osnaich
Lomadh e gu gramail, treunmhor
Sìos gu stoc i.


Dh'òrdaicheadh don toiseach fear-eòlais

Eireadh màirnealach 'na sheasamh
Suas don toiseach
'S dèanadh e dhuinn eòlas seasmach
Cala a choisneas,
Sealladh e an ceithir àirdean
Cian an adhair,
'S innseadh e do dh'fhear na stiùireadh
'S math a gabhail,
Glacadh e comharra-tìre
Le sàr shùil-bheachd,
On 's esan as dia gach sìde
Is reul-iùil duinn.


Chuireadh air leth fear air calpa na tàirne

Suidheadh air calpa na tàirne
Fear gun soistinn,
Snaomanach fuasgailteach, sgairteil,
Foinnidh, solta,
Duine cùramach gun ghriobhag,
Ealamh, guamach,
A bheir uaipe 's dhi mar dh'fheumas,
Gleusda, luaineach,
Laigheas le spadhannan troma,
Treun air tarraing,
Air cudthrom a dhòid a' cromadh
Dh'ionnsaigh daraich;
Nach ceangail le sparraig mun urracaig
An ròp frithir
Ach gabhail uime daingeann, seòlta
Le lùb-ruithe,
Air eagal, nuair sgairtear an t-abhsadh,
I chur stad air,
Los i ruith 'na still le crònan
Bhàrr na cnaige.


Chuireadh air leth fear-innse-nan-uisgeachan agus an fhairge air cinntinn tuilleadh is molach, 's thuirt an Stiùireamaich ris:

Suidheadh fear-innse gach uisge
Làimh ri m'chluais-sa
Is cumadh e shùil gu biorach
An crìdh an fhuaraidh.
Tagham an duine leth-eaglach,
Fiamhach, sicir,
'S cha mhath leam e bhith air fad
'Na ghealtair riochdail.
Biodh e furachair nuair chì e
Fuaradh froise,
Cia dhiùbh bhios an soirbheas 'na deireadh
No 'na toiseach;
Gun cuireadh e mise am fhaicill,
Suas dam mhosgladh,
Ma nì e gnè chunnairt fhaicinn
Nach bi tosdach;
'S ma chì e coltas muir-bhàite
Teachd le nuallan
Sgairteas cruaidh ceann-caol a fiodha
Chumail luath ris;
Biodh e àrd-labhara, cèillidh,
'G èigheach bàirlinn,
'S na ceileadh e air fear na stiùireadh
Ma chì gàbhadh.
Na biodh fear-innse-nan-uisgean
Ann ach esan:
Cuiridh griobhag, briot is gusgal
Neach 'na bhreislich.


Dh'òrdaicheadh a-mach fear-taomaidh, 's an fhairge a' bàrcadh air am muin, rompa 's 'nan dèidh

Freasdladh air leaba na taoma
Garbh laoch fuasgailt
Nach fannaich gu bràth 's nach tiomaich
Le gàir chuaintean,
Nach lapaich 's nach meataich fuachd sàile
Na clach-mheallain
Laomadh mu bhroilleach 's mu mhuineal
'Nam fuar-steallaibh,
Le crumpa mòr cruinn garbh fiodha
'Na chiar dhòidibh,
Sìor-thilgeadh a-mach na fairge
Steach a dhòirteas;
Nach dìrich a chaoidh a dhruim lùthmhor
Le rag-eàrlaid
Gus nach fàg e siola an grùnnd
No 'n làr a h-eàrrlainn,
'S ged chinneadh a bùird cho tolltach
Ris an ruidil
Chumas cho tioram gach cnag dhith
Ri clàr buideil.


Dh'òrdaicheadh dithis làidir ghramail gu draghadh nam ball chùl-aodaich, 's coltas oirre gun tugte na siùil uatha le ro-ghairbhid na sìde

Cuiribh càraid làidir, chnàmh-reamhar,
Ghairbhneach, ghaoisneach,
Gu freasdladh iad tàirneant, treunant
Buill chùl-aodaich,
Le smùis agus le meud lùiths an
Ruighean treuna
'N àm cruadhaich a bheir orra steach
No leigeas beum leis,
Chumas gu sgiobalta a-staigh e
'Na teis-meadhan,
Ordaich ann Donncha Mac Carmaig
'S Iain mac Iain,
Dithis starbhanach theòma, ladarn'
Dh'fhearaibh Chanaigh.


Thaghadh seisear gu fearas-ùrlair, an earalas gu fàilneachadh aon fhear de na thuirt mi, no gu sgrìobadh anfadh na fairge mach thar bòrd e, 's gu suidheadh fear dhiubh seo 'na àite


Eireadh seisear ealamh, ghleusda
Làmhach, bheòtha
Shiùbhlas 's a dh'fhalbhas 's a leumas
Feadh gach bòrd dhith
Mar gheàrr-fhiadh am mullach slèibhe
'S coin da còpadh;
Streapas ri cruaidh-bhallaibh rèidhe
Den chaol-chòrcaich
Co-ghrad ri feòragan Cèitein
Ri crann rò-choill;
Bhios ullamh, ealamh, treubhach,
Falbhach, eòlach
Gu toirt dhi 's gu toirt an abhsadh
'S clabhsail òrdan;
Chaitheas gun airtneal, gun èislein
Long Mhic Dhòmhnaill.


Do bha h-uile goireas a bhuineadh do sheòladh nis air a chur ann an deagh riaghailt, agus theann a h-uile laoch tapaidh, gun taise, gun fhiamh, gun sgàthachas, thun a' cheart ionaid an d'òrdaicheadh dha dol, is thog iad na siùil ann an èirigh na grèine Là Fhèill Brìghde, a' trogbhail a-mach bho bhun Loch Aoineart an Uibhist a' Chinn a Deas


'Ghrian a' faoisgneadh gu h-òr-bhuidh
As a mogal,
Chinn an speur gu dùldaidh, dòite,
Làn de dh'oglachd,
Dh'fhàs i tonn-ghorm, tiugh, tàrr-lachdann,
Odhar, iarghalt,
Chinn gach dath bhiodh ann am breacan
Air an iarmailt:
Fadadh-cruaidh san àird-an-iar oirr',
Stoirm 'na coltas,
'S neòil shiùbhlach aig gaoith gan riasladh,
Fuaradh-frois' oirr'.
Thog iad na siùil bhreaca, bhaideal-
acha, dhìonach,
Shìn iad na coilpeinean raga,
Teanna, rìghne
Ri fiodhannan àrda, fada
Nan colg bìth-dhearg;
Cheanglaidh iad gu gramail, snaompach,
Gu neo-chearbach
Roimh shùilean nan cromag iaruinn
'S nan cruinn fhailbheag;
Cheartaich iad gach ball den acfhainn
Ealamh, dòigheil,
'S shuidh gach fear gu freasdal tapaidh
'Bhuill bu chòir dha.
'Sin dh'fhosgail uinneagan an aeir
Ballach, liath-ghorm
Gu sèideadh na gaoithe greannaich
'S bannail, iargalt;
Tharraing an cuan a bhrat dùbhghlas
Air gu h-uile,
Mhantal garbh, caiteanach, ciar-dhubh,
'S sgreataidh buinne;
Dh'at e 'na bheanntaibh 's 'na ghleanntaibh,
Molach, robach,
Gun do bhòc an fhairge cheigeach
Suas 'na cnocaibh,
Dh'fhosgail a' mhuir ghorm 'na craosaibh
Farsaing, cràcach,
An glaicibh a chèile ri taosgadh,
'S caonnag bhàsmhor;
Gum b'fhear-ghnìomh bhith 'g amharc an aodann
Nam màm toinnte,
Lasraichean sradanach sionnachain
Air gach beinn diubh,
Na beulanaich àrda, liath-ghorm
Ri searbh bheucail,
Na cùlanaich 's an cladh dùldaidh
Ri garbh gheumnaich;
Nuair a dh'èireamaid gu h-allail
'M bàrr nan sonn sin
B'èiginn an t-abhsadh a bhearradh
Gu grad-phongail;
Nuair theàrnamaid le ion-slugaidh
Sìos sna gleanntaibh
Bheirte gach seòl a bhiodh aice
'M bàrr nan crann dith;
Na ciasanaich àrda chroma
Teachd sa' bhàirich,
Mus tigeadh iad idir nar gaire
Chluinnt an gàirich,
Iad ri sguabadh nan tonn beaga
Lom, dan sgiùrsadh,
Chinneadh i 'na h-aon mhuir bhàsmhor,
'S càs a stiùireadh;
Nuair a thuiteamaid fo bhàrr
Nan àrd-thonn giobach
Gur beag nach dochainneadh a sàil
An t-aigeal sligneach.
An fhairge ga maistreadh 's ga sluistneadh
Roimh a chèile,
Gun robh ròin is mialan-mòra
'M barrachd èiginn;
Anfadh is confadh na mara
'S falbh na luinge
Sradadh an eanchainnean geala
Feadh gach tuinne,
Iad ri nuallanaich àrd, uaimhinn-
each, searbh-thùrsach,
'G èigheach gur ìochdarain sinne
Dragh chum bùird sinn.
Gach mion-iasg a bha san fhairge
Tàrr-gheal, tionndaidht',
Le gluasad confadh na gailbhinn
Marbh gun chùnntas;
Clachan is maorach an aigeil
Teachd an uachdar,
Air am buain a-nìos le slacraich
A' chuain uaibhrich;
An fhairg' uile 's i 'na brochan
Strioplach, ruaimleach
Le fuil 's le gaorr nam biast lorcach
'S droch dhath ruadh oirr',
Na biastan adharcach, iongnach,
Pliutach, lorcach,
Làn cheann 's iad nam beòil gu'n giallaibh,
'S an craos fosgailt.
An àibheas uile làn bhòcan
Air an cràgadh,
Le spògan 's le earbaill mhòr-bhiast
Air a màgradh.
Bu sgreamhail an ròmhan sgriachaidh
Bhith da èisdeachd,
Thogbhadh iad air caogad mìlidh
Aotrom cèille:
Chaill an sgioba càil gan claisneachd
Ri bhith 'g èisdeachd
Ceileireadh sgreadach nan deomhan
'S mothar bhèistean.
Foghar na fairge 's a slacraich
Gleac r'a darach,
Fosghaoir a toisich a' bocsaich
Mhuca-mara;
'Ghaoth ag ùrachadh a fuaraidh
As an iar-àird,
Bha sinn leis gach seòrsa buairidh
Air ar pianadh,
Sinn daillte le dall-cheò fairge
Sìor dhol tharainn,
Tàirneanach àibhseach rè oidhche
'S teine-dealain,
Peileirean beithrich a' losgadh
Ar cuid acfhainn,
Fàileadh is deathach na riofa
Gar glan thachdadh.
Na dùilean uachdrach is ìochdrach
Ruinn a' cogadh,
Talamh, teine 's uisge 's sian-ghaoth
Rinn air togail.
Ach nuair dh'fhairtlich air an fhairge
Toirt oirnn strìochdadh
Ghabh i truas, le faite-gàire
Rinn i sìth ruinn.
Ged rinn, cha robh crann gun lùbadh,
Seòl gun reubadh,
Slat gun sgaradh, rac gun fhàillin,
Ràmh gun èisl' air,
Cha robh stagh ann gun stuagh-lèimneadh,
Beairt gun ghaiseadh,
Tarraing no cupladh gun bhristeadh,
Fise, faise!
Cha robh tobhta no beul-mòr ann
Nach tug aidmheach,
Bha h-uile crannghail is goireas
Air an lagadh;
Cha robh achlaisean no aisne
Dhith gun fhuasgladh,
A slat-bheòil 's a sguitichean-asgaill
Air an tuairgneadh;
Cha robh falmadair gun sgoltadh,
Stiùir gun chreuchdadh,
Cnead is dìosgain aig gach maide
'S iad air dèasgadh;
Cha robh crann-tarrann gun tarraing,
Bòrd gun obadh,
H-uile lann bha air am barradh
Ghabh iad togail;
Cha robh tarrann ann gun trochladh,
Cha robh calpa ann gun lùbadh,
Cha robh aon bhall bhuineadh dhì-se
Nach robh nas mìosa na thùbhradh.
Ghairm an fhairge sìoth-shàimh ruinne
Air crois Chaol Ile,
'S gun d'fhuair a' gharbh-ghaoth shearbh-ghlòireach
Ordan sìnidh.
Thog i uainne do dh'ionadaibh
Uachdrach an aeir,
'S chinn i dhuinn 'na clàr rèidh mìn-gheal
An dèidh a tabhainn.
'S thug sinn buidheachas don Ard-rìgh
Chum na dùilean
Deagh Chlann Raghnaill a bhith sàbhailt
O bhàs brùideil.
'S an sin bheum sinn a siùil thana,
Bhallach, thùilinn
'S leag sinn a crainn mhìn-dearg, ghasda
Fad a h-ùrlair,
'S chuir sinn a-mach ràimh chaol bhasgant
Dhaite, mhìne
Den ghiuthas a bhuain Mac Bharrais
An Eilean Fhìonain,
'S rinn sinn an t-iomradh rèidh tulgan-
ach gun dearmad,
'S ghabh sinn deagh longphort aig barraibh
Charraig Fhearghais.
Thilg sinn acraichean gu socair
Anns an ròd sin.
Ghabh sinn biadh is deoch gun airceas
'S rinn sinn còmhnaidh.



Air Ais