An Ciaran Mabach
Gilleasbaig Ruadh Mac Mhic Dhòmhnaill
Ged Is Socrach Mo Leaba
[Fonn / Tune]
Ged is socrach mo leaba, b' annsa cadal air fraoch,
Ann an lagan beag uaigneach 's bad de luachair rim thaobh;
Nuair a dh'èirinn sa mhadainn, shiubhal ghlacagan caoin
Na bhith triall chon no h-Abaid 'g èisteachd glagraich nan saor.
Chan eil agam cù gleusta, chan eil feum agam dha;
Cha suidh mi air bac, an sliabh fada bho chàch;
Cha leig mi mo ghadhar chaoidh am faghaid an t-Sròim Bàin,
'S cha sgaoil mi mo luaidhe 'n Gleann Ruadhain gu bràth.
'S oil leam càradh na frìthe 's mi bhith 'n Lìte nan long --
Eadar ceann Sàile Shìofoirt 's Rubha Ghrianaig nan tonn,
Agus Uisinis riabhach san tric a dh'iarr mi 'n damh donn,
Bhith fo bhinn aig na bodaich dham bu chosnadh cas-chrom.
B' iad mo ghràdh-sa a' ghreigh uallach a thogadh suas ris an àird,
Dh'itheadh biolair an fhuarain 's air 'm bu shuarach an càl;
Is mise fhèin nach tug fuath dhuibh ged bu fhuar am mìos Màigh:
Is tric a dh'fhuiling mi cruadal is mòran fuachd air bhur sgàth.
Tha Loch Lacasdail fhèin 's gun fiù an fhèidh air a' chlàr
Far an cromadh na ceudan 'n àm dhan ghrèin dhol mu làr;
Loch nan Uighean ga trèigsinn far 'n tric am b' fheudar dhaibh snàmh
'S Gile Bheag air a' Chaorainn 's mu dhà thaobh a' Chùirn Bhàin.
'S binne leam na guth fìdhle ged a sgrìobt' i gu cruaidh
Crònan mullach na Caillich mun iadh gailleann is fuachd
Agus mullach Coir' Ile 's brèagha frìth san taobh tuath,
'S a' ghlas-ghaoth nam aodann gun a faotainn mun cuairt.
'S e mo ghràdh am fear buidhe nach dèan suidhe mun bhòrd,
Nach iarradh ri cheannach pinnt leanna no beòir;
Uisge-beatha math dùbailt 's e nach dùraigeadh òl --
B' fheàrr leis dibh' às an fhuaran 's uisge luaineach an lòin.
Bean a b' aigeantaich cèile aig àm èirigh ri driùchd,
Chan fhaigheadh tu beud dha 's cha bu lèir leis ach thu;
Sibh an glacaibh a chèile am fìor eudainn nan stùc,
'S ann àm èirigh na grèine bu ghlan lèirsinn do shùl.
Nuair a thigeadh am foghar bu bhinn leam gleadhar do chlèibh,
Dol a ghabhail a' chrònain air a' mhòintich bhuig rèidh,
Dol an coinne do leannain bu ghile feamann is cèir;
Gur i an eilid bu bhòidhche is bu bhrisge lòghmhoire ceum.
'S i mo ghràdh a' bhean-uasal dha nach d' fhuaras riamh lochd,
Nach iarradh mar chluasaig ach gualainn nan cnoc;
'S i nach fhuilingeadh an t-sradag bhith air a lasadh ri corp --
Och, a Mhuire, mo chruaidh-chas nach d' fhuair mi thu nochd.
Chuir mi 'n gunn' air a' choltair, chaoidh cha tog mi ri àird --
'S ann a bhios mi aig baile dèanamh arain le sàmh;
Nì mi balt a chruaich-mhònadh, 's math an-còmhnadh an càl,
'S fòghnaidh siud airson sìdhne, 'n gille-brìde breac, bàn.
[Air Ais / Back]