Òrain is Luinneagan le Mairi Nic Leoid





Posadh Mhic Leoid



[Seisd] Hó lail oho
Hoireann ó.


MAIRI:

A Mhairearad chridhe
Nic an Tòisich,

Is bliadhna an t-seachdain
O na phòs thu;

Is ann gu d' bhaile
Thriall am mór shluagh:

Thriall Mac Coinnich
Le Mac Leoid ann:

Thriall Mac Fhionghain
Ann 's Mac Dhomhnaill.


NIC DHOMHNAILL:


An cluinn thu, Mhàiri
So na ceil orm:

Ciodh i an long ud
Seach an eirthir?


MAIRI:


Don-faighneachd ort!
Cuime an ceilinn?

Ciodh i tha sud ach
Long mo leinibh?

Tobar fìona
Shìos 'na deireadh,

Is tobar fìor-uisg'
'Na ceann eile.

Shìn i taobh ri
Long Mhic Coinnich,

Chuir i bòrd à
Long an Eilein.

Don-faighneachd ort!
Cuim' nach innsinn?

Ciodh i sud ach
Long nan rìghrean,

Air an seinnear
Na trì pioban:

Ruairidh òg Mac
Leoid nam pìosan:

Guala dheas mu'n
Iadh an sìoda:

Guala thoisgeal
Mu'n iadh na mìltean.

Dhìreadh mo leanabh
Mullach mhóirbheann,

Pìob 'ga spreigeadh
Leat 'san tòrachd:

Claidheamhna geala
Dhèanadh feòlach:

Targaidean donna
Tollta stròicte.

A Ruairidh Ruairidh
Ruairidh an Dùin ud,

Is tù mo mhire
Is mo cheòl sùgraidh:

Is tù mo phaidirean,
Mo chìr-chùil thu:

Mo ghàradh mheas
Am bi na h-ùbhlan.

Càite a bheil
A h-aon riut coltach,

O nach maireann
Fionn no Oisean,

Diarmaid donn no
Goll no Osgar?

Mi 'nam shuidh
Air chaolas rònach

M'aghaidh air Hirt
Nan ian gorma;

Thàinig bleidean,
Bleidean leòmach,

D'fharraid dhìomsa,
Le càil chomhraidh,

Ciod e bu bheus
Do shìol Leoid ud.

Fhreagair mi è
Mar bu chòir dhomh:

(Dhomhsa b'aithne
Beus nan Leòdach:)

"Fìon 'ga ligeadh,
Beoir 'ga h-òl ac',

Is treas-tarruing
'Ga cur an stòpa,

Cobhair fheumach,
Riarach' beòshlaint'".

A bhean ud thall
A chòir an uisge,

A Trondarnis 's ann
Thàinig thusa:

'S e sin a dh'fhàg
Thu an diugh gun trusgan.


NIC DHOMHNAILL:


Air do làimh
A chaile bhusdubh,

Chan 'eil mi
Gun òr gun usgar.

Tha mo ghùn dubh
Ur 'nam chiste,

Is mo sgòid-bhràghad,
Chan fhaigh thusa i!


MAIRI:


Is iomadh bodach
Leathann ceòsach

Agus cailleach
Rògach leòmach

Thigeadh a nall
A cùirt Dhomhnaill,

Dh'innseadh gun do
Thriall am mod air:

Gun do ghlais na
Gaill e an seòmar.

Chugaibh chugaibh
Phrasgain ghealtaich

Thàinig a nall
A Gleann Shealtainn;

Chugaibh 'sa' chuan
Mar na farspaich;

Chugaibh 'san fhraoch
Mar na glaisein,

D'eagal deagh Mhac
Leoid 'gur faicinn.

A' ghlas-ghuib ort,
Is air do sheòrsa!

Fàg an tìr so,
Tìr nan Leòdach!

Is rach 'gad ghearan
Do chùirt Dhomhnaill!




Air Ais




Mairearad nan Cuireid


[Òran a rinn Màiri nighean Alasdair Ruaidh, is Mairearad nan cuireid a' togail oirre gun robh i leatromach.]



Ach, a Mhairearad nan cuireid,
Cuime a chuir thu orm breug:
Hi riri o hiri o hi o.

Gun robh leanabh gun bhaisteadh
Fo aisne mo chléibh',

Ann an làraich mhic tighearn'
Far nach bithinn 's tu fhéin.

Cuim' nach innseadh tu an fhìrinn
Cho cinnteach rium fhéin?

Cha b'ionann do m'athair
Is do t'athair-sa, éisg!

Cha b'ionnan do m' bhràithrean
Is do d' ghàrlaich gun spéis.

Cha b'ionann do ar tighean
An àm laighe do 'n ghréin:

Gum faighte an tigh m'athar-s'
Sitheann 's cnàimhean an fhéidh:

Is e gheibhte an tigh t'athar-s'
Sùgh is cnàimhean an éisg.

An ám dìreadh o'n bhaile
Is trom 's gur h-annamh mo cheum.

Gur a diombach mi 'n chaile
Thog sgannal nam breug;

Dubh iomall na tuatha,
Buinneag shuarach gun spréidh,

Le farmad 's le mìorun
Chuir mìchliu orm fhéin;

Thog ormsa an droch alladh,
Is ortsa, a Chaluim nam beus,

Air an d'fhàs an cùl dualach
Tha 'na chuaileanan réidh,

Is e sìos mu d' dhà shlinnean
Mar an fhidheall fo theud.




Air Ais




Marbhrann do Fhear na Comraich


Tha mise air leaghadh le bròn
O'n là dh'eug thu 's nach beò
Mu m'fhiùran faidhidneach còir
Uasal aighearach òg
As uaisle shuidheadh mu bhòrd:
Mo chreach t'fhaighinn gun treoir éirigh.

Is tu an laoch gun laigse gun leòn
Macan mìngheal gun sgleò;
Fearail fìnealta an t-òg
De shliochd nam fear mór
D'am bu dual a bhith còir,
'S gum b'fhiù faiteal do bheoil éisdeachd.

Is tu clann na h-irghinn a b'fheàrr,
Glan an fhriamh as an d'fhàs,
Càirdeas rìgh anns gach ball,
Bha sud sgrìobht' leat am bann
Fo làimh duine gun mheang
Ach thu lìonta de ardan euchdach.

A Ruairidh aigeanntaich àird
O Chomraich ghreadhnaich an àigh,
Mhic an fhir bu mhór gàir
Nan lann guineach cruaidh garg,
Ort cha d'fhuaradh riamh cearb,
Iarogha Uilleam nan long bréidgheal.

Fhuair mi m'àilleagan ùr
Is e gun smal air gun smùr,
Bu bhreac mìndearg do ghnùis,
Bu ghorm laghach do shùil,
Bu ghlan sliasaid is glùn,
Bu deas daingeann an lùb ghleusta thu.

A lùb abhall nam buadh,
Is mairg a tharladh ort uair
Mu Ghlaic Fhionnlaigh so shuas
Air each crodhanta luath,
Nàmhaid romhad 'na ruaig,
Air dhòigh buille cha b'uair éis e.

Ach fhir as curanta làmh
Thug gach duine gu cràdh,
Is truagh nach d'fhuirich thu slàn
Ri uair cumaisg no blàir
Thoirt tilleadh as do nàmh;
Bu leat urram an là cheutaich.

Bu tù an sgoilear gun dìobradh,
Meoir as grinne nì sgrìobhadh,
Uasal faidhidneach cinnteach,
Bu leat lagh an tigh-sgrìobhaidh,
Is tu nach mùchadh an fhìrinn;
Sgeul mo chreiche so! shil do chreuchdan.

Stad air m'aighear an dé;
Dh'fhalbh mo mharcanta féin;
Chuir mi an ciste an teud;
Dhiùlt an gobha dhomh gleus;
Dh'fhairtlich sud orm 's gach léigh,
Is chaidh m'onoir, is, mo rìgh, dh'eug thu.

Thuit a' chraobh as a bàrr,
Fhrois an gràinne gu làr,
Lot thu an cinneadh is chràdh
Air an robh thu mar bhàrr
'Gan dìonadh gach là,
Is mo chreach, bhuinig am bàs teum ort.

An ám suidhe 'nad sheòmar
Chaidh do bhuidheann an òrdugh,
Cha b'ann mu aighear do phòsaidh
Le nighean Iarla Chlann Domhnaill
As do dhéidh mar bu chòir dhi;
Is ann chaidh do thasgaidh 'san t-sròl fo d'léine.

Ach gur mise tha bochd truagh,
Fiamh a' ghuil air mo ghruaidh;
Is goirt an gradan a fhuair,
Marcach deas nan each luath,
Sàr cheannard air sluagh,
Mo chreach, t'fhàgail ri uair m'fhéime.

Ach fhuair mi m'àilleagan òg
Mar nach b'àbhaist gun cheòl,
Saoir ri càradh do bhòrd,
Mnài ri spìonadh an fheoir,
Fir gun tàilisg gun cheòl;
Gur bochd fulang mo sgeoil éisdeachd.

An uair a thionail an sluagh
Is ann bha an t-iomsgaradh cruaidh
Mar ghàir sheillean am bruaich
An déidh na meala thoirt uath;
Is ann bha an t-eireadh bochd truagh
Is iad mu cheannas an t-sluaigh threubhaich.




Air Ais



An Talla am bu ghnath le Mac Leoid


[Fonn / Tune]



Gur muladach thà mi,
Is mi gun mhire gun mhànran
Anns an talla am bu ghnàth le Mac Leoid.

Tigh mór macnasach meadhrach
Nam macaomh 's nam maighdean,
Far am bu tartarach gleadhraich nan còrn.

Tha do thalla mór prìseil
Gun fhasgadh gun dìon ann,
Far am faca mi am fìon bhith 'ga òl.

Och mo dhìobhail mar thachair,
Thàinig dìle air an aitribh:
Is ann is cianail leam tachairt 'na còir.

Shir Tormoid nam bratach,
Fear do dhealbh-sa bu tearc e,
Gun sgeilm a chur asad no bòsd.

Fhuair thu teist is deagh urram
Ann am freasdal gach duine,
Air dheiseachd 's air uirghioll beoil.

Leat bu mhiannach coin lùthmhor
Dhol a shiubhal nan stùcbheann,
Is an gunna nach diùltadh ri h-ord.

Is i do làmh nach robh tuisleach
Dhol a chaitheamh a' chuspair
Le do bhogha cruaidh ruiteach deagh-neoil.

Glac throm air do shliasaid
An déidh a snaidheadh gun fhiaradh,
Is bàrr dosrach de sgiathaibh an eoin.

Bhiodh céir ris na crannaibh
Bu neo-éisleanach tarruing,
An uair a leumadh an taifeid o d' mheoir.

An uair a leigte o d' làimh i
Cha bhiodh òirleach gun bhàdhadh
Eadar corran a gàinne is an smeoirn.

Ceud soraidh le dùrachd
Uam gu leannan an t-sùgraidh:
Gum b'e m'aighear 's mo rùn bhith 'nad chòir.

An ám dhuit tighinn gu d' bhaile
Is tu bu tighearnail gabhail,
An uair a shuidheadh gach caraid mu d' bhòrd.

Bha thu measail aig uaislean,
Is cha robh beagan mar chruas ort:
Sud an cleachdamh a fhuair thu ad aois òig.

Gum biodh farum air thàilisg
Agus fuaim air a' chlàrsaich,
Mar a bhuineadh do shàr mhac Mhic Leoid.

Gur h-e bu eachdraidh 'na dhéidh sin
Greis air ursgeil na Féinne
Is air chuideachda chéirghil nan cròc.




Air Ais




Marbhrann


[do Iain Garbh Mac Ghille Chaluim Ratharsaidh a chaidh a dhìth le ainneart mara.]



Mo bheud is mo chràdh
Mar a dh'éirich dà
An fhear ghleusta ghràidh
Bha treun 'san spàirn
Is nach faicear gu bràth an Ratharsaidh.

Bu tù am fear curanta mór
Bu mhath cumadh is treoir
O t' uilinn gu d' dhòrn
O d' mhullach gu d' bhròig:
Mhic Mhuire mo leòn
Thu bhith an innis nan ròn is nach faighear thu.

Bu tù sealgair a' gheoidh,
Làmh gun dearmad gun leòn
Air am bu shuarach an t-òr
Thoirt a bhuannachd a' cheoil,
Is gun d' fhuair thu na's leoir is na chaitheadh tu.

Bu tù sealgair an fhéidh
Leis an deargta na béin;
Bhiodh coin earbsach air éill
Aig an Albannach threun;
Càite am faca mi féin
Aon duine fo'n ghréin
A dhèanadh riut euchd flathasach?

Spealp nach dìobradh
An cath no an strì thu,
Casan dìreach
Fada fìnealt;
Mo chreach dhìobhail
Chaidh thu a dhìth oirnn
Le neart sìne,
Làmh nach dìobradh caitheadh oirre.

Och m' eudail uam
Gun sgeul 'sa' chuan
Bu ghlé mhath snuadh
Ri gréin 's ri fuachd,
Is e chlaoidh do shluagh
Nach d' fheud thu an uair a ghabhail orra.

Is math thig gunna mach diùlt
Air curaidh mo rùin
Ann am mullach a' chùirn
Is air uilinn nan stùc:
Gum biodh fuil ann air tùs an spreadhaidh sin.

Is e dh'fhàg silteach mo shùil
Faicinn t'fhearainn gun sùrd,
Is do bhaile gun smùid
Fo charraig nan sùgh,
Dheagh mhic Chaluim nan tùr á Ratharsaidh.

Mo bheud is mo bhròn
Mar a dh'éirich dhò,
Muir beucach mór
Ag leum mu d' bhòrd,
Thu féin is do sheoid
An uair reub ur seoil
Nach d' fheud sibh treoir a chaitheadh orra.

Is tu b' fhaicillich' ceum
Mu'n taice-sa an dé
De na chunnaic mi féin
Air faiche nan ceud
Air each 's e 'na leum,
Is cha bu slacan gun fheum claidheamh ort.

Is math lùbadh tu pìc
O chùlaibh do chinn
An ám rùsgadh a' ghill
Le ionnsaigh nach till,
Is air mo làimh gum bu chinnteach saighead uat.

Is e an sgeul cràiteach
Do'n mhnaoi a dh'fhàg thu,
Is do t' aon bhràthair
A shuidh 'nad àite:
Di-luain Càisge
Chaidh tonn-bhàidhte ort,
Craobh a b' àirde de' n abhall thu.




Air Ais




Tuireadh


[Seisd:]
Hóireann ó ho bhì ó
Hóireann ó ho bhì ó
Hóireann ó ho bhì ó
Ri hóireann ó o hao o!


Is muladach mì, hi ó
Hóireann ó ho bhi ó
O cheann seachdain, hi ó
Ro hóireann ó o hao o,

Is mi an eilean gun
Fhiar gun fhasgadh,

Ma dh'fhaodas mi
Théid mi dhachaidh;

Nì mi an t-iomramh
Mar as fhasa,

Do Uilbhinnis
A' chruidh chaisfhinn,

Far an d'fhuair mi
Gu h-òg m'altrum,

Air bainne chìoch
Nam ban basgheal,

Thall aig Fionnghail
Dhuinn nighean Lachainn,

Is i 'na banchaig
Ris na martaibh

Aig Ruairidh mór Mac
Leoid nam bratach.

'S ann 'na thigh mór
A fhuair mi am macnas,

Danns' le sunnd air
Urlar farsaing,

An fhìdhleireachd 'gam
Chur a chadal,

A' phìobaireachd
Mo dhùsgadh maidne.

Thoir mo shoraidh, hò ó
Hóireann ó ho bhi o,
Gu Dùn Bheagain, hi ó
Ro hóireann ó o hao o.




Air Ais




Luinneag Mhic Leoid


[Fonn / Tune]



Is mi am shuidhe air an tulaich
Fo mhulad 's fo imcheist,
Is mi ag coimhead air Ile,
Is ann de m'iongnadh 's an ám so;
Bha mi uair nach do shaoil mi,
Gus an do chaochail air m'aimsir,
Gun tiginn an taobh so
Dh'amharc Dhiùraidh á Sgarbaidh.


[Seisd]

I hurabh o i hoiriunn o,
i hurabh o i hoiriunn o,
I hurabh o i hogaidh ho ro,
hi ri ri rithibh ho i ag o.


Gun tiginn an taobh so
Dh'amharc Dhiùraidh á Sgarbaidh;
Beir mo shoraidh do'n dùthaich
Tha fo dhubhar nan garbhbheann,
Gu Sir Tormod ùr allail
Fhuair ceannas air armailt,
Is gun cainte anns gach fearann
Gum b'airidh fear t'ainm air.

Gun cainte anns gach fearann
Gum b'airidh fear t'ainm air,
Fear do chéille is do ghliocais,
Do mhisnich 's do mheanmain,
Do chruadail 's do ghaisge,
Do dhreach is do dhealbha,
Agus t'fholachd is t'uaisle
Cha bu shuarach ri leanmhainn.

Agus t'fholachd is t'uaisle
Cha bu shuarach ri leanmhainn;
D'fhuil dìrich rìgh Lochlainn
B'e sud toiseach do sheanchais.
Tha do chàirdeas so-iarraidh
Ris gach Iarla tha an Albainn,
Is ri h-uaislean na h-Eireann:
Cha bhreug ach sgeul dearbhta e.

Is ri h-uaislean na h-Eireann:
Cha bhreug ach sgeul dearbhta e.
A Mhic an fhir chliuitich,
Bha gu fiùghantach ainmeil;
Thug barrachd an gliocas
Air gach Ridir bha an Albainn
Ann an cogaidh 's an sìothshaimh,
Is ann an dìoladh an airgid.

Ann an cogadh 's an sìothshaimh,
Is ann an dìoladh an airgid.
Is beag an t-iongnadh do mhac-sa
Bhith gu beachdail mór meanmnach,
Bhith gu fiùghant' fial farsaing,
O'n a ghlac sibh mar shealbh e:
Clann Ruairidh nam bratach,
Is e mo chreach-sa na dh'fhalbh dhiubh.

Clann Ruairidh nam bratach,
Is e mo chreach-sa na dh'fhalbh dhiubh;
Ach an aon fhear a dh'fhuirich
Nìor chluinneam sgeul marbh ort;
Ach, eudail de fhearaibh,
Ge do ghabh mi uat tearbadh
Fhir a' chuirp as glan cumadh,
Gun uireasbhuidh dealbha.

Fhir a' chuirp as glan cumadh,
Gun uireasbhuidh dealbha;
Cridhe farsaing fial fearail,
Is maith thig geal agus dearg ort.
Sùil ghorm as glan sealladh
Mar dhearcaig na talmhainn,
Làmh ri gruaidh ruitich
Mar mhucaig na fearradhris.

Làmh ri gruaidh ruitich
Mar mhucaig na fearrdhris.
Fo thagha na gruaige
Cùl dualach nan camlùb.
Gheibhte sud ann ad fhàrdaich
An càradh air ealchainn,
Miosair is adharc,
Is rogha gach armachd.

Miosair is adharc
Is rogha gach armachd,
Agus lainntainean tana
O'n ceannaibh gu'm barrdhéis.
Gheibhte sud air gach slios dhiubh
Isneach is cairbinn,
Agus iubhair chruaidh fhallain
Le an taifeidean cainbe.

Agus iubhair chruaidh fhallain
Le an taifeidean cainbe,
Is cuilbheirean caola
Air an daoiread gun ceannaichte iad;
Glac nan ceann lìomhta
Air chur sìos ann am balgaibh
O iteach an fhìreoin
Is o shìoda na Gailbhinn.

O iteach an fhìreoin
Is o shìoda na Gailbhinn;
Tha mo chion air a' churaidh,
Mac Mhuire chur sealbh air,
Is e bu mhiannach le m'leanabh
Bhith am beannaibh na sealga,
Gabhail aighir na frìthe
Is a' dìreadh nan garbhghlac.

Gabhail aighir na frìthe
Is a' dìreachd nan garbhghlac,
A' leigeil nan cuilean
Is a' furan nan seanchon;
Is e bu deireadh do'n fhuran ud
Fuil thoirt air chalgaibh
O luchd nan céir geala
Is nam falluingean dearga.

O luchd nan céir geala
Is nam falluingean dearga,
Le do chomhlan dhaoine uaisle
Rachadh cruaidh air an armaibh;
Luchd aithneachadh latha
Is a chaitheadh an fhairge
Is a b'urrainn g'a seòladh
Gu seòlaid an tarruinte i.




Air Ais



Cronan an Taibh


[Fonn / Tune]



Ri fuaim am taibh
Is uaigneach mo ghean;
Bha mise uair nach b'e sud m'àbhaist.

Ach pìob nuallanach mhór
Bheireadh buaidh air gach ceòl,
An uair a ghluaiste i le meoir Phàdraig.

Gur mairg a bheir géill
Do'n t-saoghal gu léir:
Is tric a chaochail e cheum gàbhaidh.

Gur lìonmhoire a chùrs
Na'n dealt air an driùchd
Ann am madainn an tùs Màighe.

Chan fhacas ri m'ré
Aon duine fo'n ghréin
Nach tug e ghreis féin dhà sin.

Thoir an t-soraidh so bhuam
Gu talla nan cuach,
Far am biodh tathaich nan truagh dàimheil.

Chun an tighe nach gann
Fo an leathad ud thall,
Far bheil aighear is ceann mo mhànrain.

Sir Tormod mo rùin,
Oighearach thù,
Foirmeil o thùs t'àbhaist.

A thasgaidh 's a chiall,
Is e bu chleachdamh duit riamh
Teach farsaing 's e fial fàilteach.

Bhiodh teanal nan cliar
Ré tamaill is cian,
Dh'fhios a' bhaile am biodh triall chàirdean.

Nàile, chunnaic mi uair
Is glan an lasadh bha ad ghruaidh,
Fo ghruaig cleachdaich nan dual àrbhuidh'.

Fear dìreach deas treun
Bu ro-fhìrinneach beus,
Is e gun mhìghean gun cheum tràilleil;

De'n linnidh b'fheàrr buaidh
Tha 's na crìochaibh mun cuairt,
Clann fhìrinneach Ruairidh lànmhoir.

Chan 'eil cleachdainn mhic rìgh
No gaisge no gnìomh,
Nach 'eil pearsa mo ghaoil làn deth.

An tréine 's an lùth,
An ceudfaidh 's an cliù,
Am féile is an gnùis nàire.

An gaisge is an gnìomh,
Am pailteas neo-chrìon,
Am maise is am miann àillteachd.

An cruadal 's an toil,
Am buaidh thoirt air sgoil,
An uaisle gun chron càildeachd.

Tuigsear nan teud,
Purpais gach sgéil,
Susbaint gach céill nàduir.

Gum bu chubhaidh dhuit siod
Mar a thubhairt iad ris,
Bu tu an t-ubhal thar mios àrdchraoibh.

Leòdach mo rùin,
Seòrsa fhuair cliù,
Cha bu tòiseachadh ùr dhàibh Sir.

Bha fios có sibh
Ann an iomartas rìgh,
An uair bu mhuladach strì Theàrlaich.

Slàn Ghàidheil no Ghoill
Gun d'fhuaras oirbh foill,
Dh'aon bhuaireadh gun d'rinn bhur nàmhaid.

Lochlannaich threun
Toiseach bhur sgéil,
Sliochd solta bh'air freumh Mhànuis.

Thug Dia dhuit mar ghibht
Bhith mórdhalach glic;
Chrìosd deònaich do d'shliochd bhith àghmhor.

Fhuair thu fortan o Dhia,
Bean bu shocraiche ciall,
Is i gu foistinneach fial nàrach;

A bheil eineach is cliù,
Is i gun mhilleadh 'na cùis,
Is i gu h-iriosal ciuin càirdeil:

I gun dolaidh fo'n ghréin
Gu toileachadh treud,
Is a folachd a réir bànrighinn.

Is tric a riaraich thu cuilm
Gun fhiabhras gun tuilg:
Nighean oighre Dhùn-tuilm, slàn duit.




Air Ais




An t-Eudach


Hìriri ohù robhó,
Roho ì ohì o.


Gur a mise tha iar mo chlisgeadh,
Tha loch uisge fo m' chluasaig.

Ged a théid mi do m' leabaidh
Chan e an cadal as dual domh,

Is a' bhean tha an Ile
Sìor mhiadachadh m'euda;

Bhean thug uamsa mo roghainn,
Is gun taghainn thar cheud e.

Ach nam bithinn 'na fianuis,
Gum biodh spìonadh air bhréidean.

Chì mi an Fhionnairigh thall ud
Is i gun earras fo'n ghréin oirr'.

Gum faca mise uair a
Bha daoine-uaisle mu d'réidhlean.

Rachadh cuid do'n bheinn-sheilg dhiubh,
Cuid a mharbhadh an éisg dhiubh,

Air Linne na Ciste
Am bi na bric anns an leumraich.

Tha mo chean air an lasgair,
Saighdear sgairteil fo sgéith thu.

An uair a thig thu do'n chaisteal
Bheir thu dhachaidh do cheud ghràdh.

Ged a tha mi air m'aineol
O'n bhaile fo éislean,

Chan ion do'n bhan-Ilich
Bhith strìth rium mu d'dhéidhinn.




Air Ais




Cumha do Mhac Leoid


Gur e an naidheachd so fhuair mi
A dh'fhuadaich mo chiall uam
Mar nach bitheadh i agam
Is nach fhaca mi riamh i;
Gur e abhall an lios so
Tha mise ag iargain,
E gun abachadh meas air
Ach air briseadh fo chiad-bhàrr.

Gur e sgeula na creiche
Tha mi nise ag éisdeachd,
Gach aon chneadh mar thig orm
Dol an tricid 's an déinid;
Na chunncas 's na chualas
Is na fhuaradh o'n cheud là,
Creach nid an t-seabhaig,
Air a sgathadh ri aon uair.

Ach a chlann an fhir allail
Bu neo-mhalairtich beusan,
Ann am Lunnainn 's am Paris
Thug sibh bàrr air na ceudan;
Chaidh nur cliù thairis
Thar talamh na h-Eiphit,
A cheann-uidhe luchd-ealaidh
Is a leannain na féileachd.

Ach a fhriamhaich nan curaidh
Is a chuilein nan leóghann
Is ogha an dà sheanair
Bu chaithreamaich lòisdean,
Càite an robh e ri fhaotainn
Air an taobh-s' an Roinn Eòrpa?
Cha b'fhuras ri fhaighinn
Anns gach rathad bu dòigh dhuibh.

Ach a Ruairidh mhic Iain,
Is goirt leam fhaighinn an sgeul-s' ort;
Is e mo chreach-sa mac t'athar
Bhith 'na laighe gun éirigh;
Agus Tormod a mhac-san,
A thasgaidh mo chéille!
Gur e aobhar mo ghearain
Gun chailleadh le chéile iad.

Nach mór an sgeul-sgrìobhaidh
Is nach iongnadh leibh féin e,
Duilleach na craoibhe
Nach do sgaoileadh a meanglain,
An robh cliù agus onoir
Agus moladh air deagh bheairt
Gu daonnachdach carthannach
Beannachdach ceutach.

Ge goirt leam an naidheachd
Tha mi faighinn air Ruairidh,
Gun do chorp a bhith as dùthaich
Anns an tuama bu dual duit,
Sgeul eile nach usa
Tha mi clàistinn 'san uair so,
Gar nach toir mi dha creideas,
Gur beag orm ri luaidh e.

Gur rò bheag a shaoil mi
Ri mo shaoghal gun éisd'mid,
Gun cluinneamaid Leòdaich
Bhith 'gam fògradh á'n oighreachd,
Is á'n còraichean glana
Is á'm fearainn gun déidh air,
Is ar ranntannan farsaing
Nan rachte 'nam feum sud.

Gun éireadh 'nad aobhar
Clann Raghnaill 's Clann Domhnaill
Agus tigh Mhic Ghille Eathain
Bha daingeann 'nur seòrsa,
Agus fir Ghlinne Garadh
Nall thairis á Cnòideart,
Mar sud is Clann Chamshroin
O champ Inbhir Lòchaidh.

Is beag an t-iongnadh Clann Choinnich
Dhèanamh oireachd mu d'ghualainn
Is gun robh thu 'nam fineachd
Air t'fhilleadh trì uairean.
Is e mo chreach gun do chinneadh
Bhith mu chruinneachadh t'uaighe,
No glaodh do mhnà-muinntir,
Is nach cluinntear 'san uair-s' i.

Tha mo cheist air an oighre
Tha a staoidhle 'sna Hearadh,
Gar nach deach thu 'san tuam ud
Far am bu dual duit o d'sheanair.
Gur iomadh fuil uaibhreach
A dh'fhuaraich ad bhallaibh
De shloinneadh nan rìghrean
Leis na chìosaicheadh Manainn.

Is e mo ghaol-sa an sliochd foirmeil
Bh'air sliochd Olghair is Ochraidh,
O bhaile na Boirbhe
Is ann a staoidhleadh tu an toiseach;
Gur iomadh fuil mhórdha
Bha reòta 's a' chorp ud;
De shliochd àrmunn Chinn-tìre,
Iarla Ile agus Rois thu.

Mhic Iain Stiùbhairt na h-Apunn,
Ged is gasda an duine òg thu,
Ged tha Stiùbhartaich beachdail,
Iad tapaidh 'n ám fòirneirt,
Na gabh-sa meanma no aiteas
Anns an staid ud nach còir dhuit:
Cha toir thu i dh'aindeoin
Is chan fhaigh thu le deoin i.

Cuime an tigeadh fear coigreach
Do thagradh ur n-oighreachd?
Gar nach 'eil e ro dhearbhta
Gur searbh e ri éisdeachd;
Ged tha sinne air ar creachadh
Mu chloinn mhac an fhir fhéilidh,
Sliochd Ruairidh mhóir allail,
Is gur airidh iad féin oirr'.




Air Ais




An Cronan


An naidheachd so an dé
Aighearach è:
Moladh do'n léigh
Thug malairt do m'chéill:
Nis teannaidh mi féin ri crònan.

Beannachd do'n bheul
Dh'aithris an sgeul
Dh'fhàg fallain mo chré;
Cha ghearain mi féin
Na chailleadh 's na dh'eug
Is mo leanabh 'nan déidh comhshlàn.

Nam biodh agamsa fìon
Gum b'ait leam a dhìol
Air slàinte do thighinn
Gu d'chàirdean 's gu d'thìr;
Mhic àrmuinn mo ghaoil,
B'e m'àrdan 's mo phrìs
Alach mo Righ thogbhail.

Is fàth mire dhuinn féin
Is do'n chinneadh gu léir
Do philleadh o'n eug;
Is milis an sgeul,
Is binne na gleus orghan.

Is e m'aiteas gu dearbh
Gun glacar grad shealbh
An grunnd farsaing nan sealg
Is an caisteal nan arm
Leis a' mhacaomh d'an ainm Tormod.

Tha mo dhùil-sa ann an Dia
Gur mùirneach do thriall
Gu dùn ud nan cliar
Far am bu dùthchas do m'thriath
Bhiodh gu fiùghantach fial foirmeil.

Gu dùn turaideach àrd,
B'e sud innis nam bàrd
Is nam filidh ri dàn
Far am bu mhinig an tàmh:
Cha b'ionad gun bhlàths dhoibh sud.

Gu àros nach crìon
Am bi gàirich nam pìob
Is nan clàrsach a rìs
Le deàrrsadh nam pìos
A' cur sàraidh air fion
Is 'ga leigeadh an gnìomh òircheard.

Buadhach am mac,
Uasal an t-slat
D'an dual a bhith ceart
Cruadalach pailt
Duaismhor am beachd
Ruaimneach an neart Leòdach.

Fiùran na cluain
Dhùisg 'san deagh uair,
Is dùth dhuit dol suas
An cliù 's ann am buaidh:
Is dùthchas do m'luaidh
Bhith gu fiùghantach suairc ceoilbhinn.

Fasan bu dual
Fantalach buan,
Socrach ri tuaith,
Cosgail ri cuairt,
Coisionta cruaidh
Am brosnachadh sluaigh,
A' mosgladh an uair fòirneirt.

Lean-sa 's na tréig
Cleachdamh is beus
T'aiteim gu léir,
Macanta sèimh,
Pailt ri luchd theud,
Gaisgeil am feum,
Neartmhor an déidh tòrachd.

De shliochd Olghair nan lann
Thogadh sròiltean ri crann:
An uair a thòsich iad ann
Cha bu lìonsgaradh gann,
Fir a b'fhìrinneach bann,
Prìseil am dream,
Rìoghail gun chall còrach.

Tog colg ort a ghaoil!
Bi ro chalma is gum faod;
Gur dearbhtha dhuit, laoich,
Do chinneadh nach faoin
Thig ort as gach taobh gu d'chomhnadh.

Uasal an treud,
Deas cruadalach treun
Tha an dualchas dhuit féin,
Théid mu d'ghuaillibh ri t'fheum
De shliochd Ruairidh mhóir fhéil;
Cuir-sa suas, a Mhic Dé, an t-òg rìgh.

Tha na Gàidheil gu léir
Cho càirdeach dhuit féin,
Is gur feairrde thu gu t'fheum
Sir Domhnall a Sléit',
Ceannard nan ceud,
Ceannsgalach treun ròghlic.

Is maith mo bharail 's mo bheachd
Air na fiùrain as leat
Gu carantach ceart:
Is ann de bharrachd do neirt
Mach mhic Ailein is dà mhac Dhomhnaill.

A Gleann Garadh a nuas
Thig am barantas sluaigh
Nach mealladh ort uair:
Cha bu charantas fuar
Na fir sin o chluain Chnòideart.

Is leat Mac Shimidh o'n Aird,
Is Mac Coinnich Chinn t-Sàil,
Théid ad iomairt gun dàil
Le h-iomadaidh gràidh;
Cha b'iongantach dhàibh
Is gur h-iomadh do phàirt dhoibh sin.

Is goirt an naidheachd 's gur cruaidh
Mach Ghille Eathain bhith uainn,
Gun a thigheadas suas:
Bha do cheangal ris buan,
T'ursainn-chatha ri uair dòrainn.

B'iomad gasan gun chealg
Bu deas faicheil fo arm
Bheireadh ceartachadh garbh
Is iad a chlàistinn ort fearg
Eadar Breacachadh dearg is Bròlas.

Tha mi ag acain mar chall
Iad a thachairt gun cheann
Fo chasaibh nan Gall
Gun do phearsa bhith ann:
Mo chruaidh-chàs nach gann
Thu bhith fad anns an Fhraing air fògradh.

A Chrìosd, cinnich thu féin
An spionnadh 's an céill
Gu cinneadail treun
An ionad na dh'eug,
A mhic an fhir nach d'fhuair beum
Is a ghineadh o'n chré ròghlain.

A Rìgh nan gràs
Bi féin mar ghàrd
Air feum mo ghràidh,
Is dèan oighre slàn
Do'n teaghlach àigh
Bu mheamhrach dàimh,
D'an robh coibhneas air bhàrr sòlais.




Air Ais




Fuigheall


Théid mi le m'dheoin
Do dhùthaich Mhic Leoid,
M'iùl air a' mhór luachach sin.

Bu chòir dhomh gum bi
M'eòlas 'san tìr
Leòdach mur pill cruadal mi;

Siùbhlaidh mi an iar
Troimh dhùbhlachd nan sian
Do'n tùr g'am bi triall thuathcheathairn,

O'n chualas an sgeul
Buadhach gun bhreug
Rinn acain mo chléibhe fhuadachadh.

Chì mi MacLeoid,
Is prìseil an t-òg
Rìomhach gu mór buadhalach,

Bho Olghar nan lann
Chuireadh sròiltean ri crann,
Is Leòdaich an dream uabharra.

Eiridh na fuinn
Ghleusta air na suinn,
Is feumail ri ám cruadail iad,

Na fiùranan garg,
An àm rùsgadh nan arm
Is cliuiteach an t-ainm fhuaras leibh.

Sìol Tormoid nan sgiath
Foirmeileach fial,
Dh'éireadh do shluagh luathlàmhach;

Dealradh nam pìos,
Torman nam pìob,
Is dearbh' gum bu leibh an dualachas.

Thàinig teachdair do'n tìr
Gu macanta mìn,
Is ait leam gach nì chualas leam,

O Dhùn Bheagain nan steud
Anns am freagair luchd-theud
Bheir greis air gach sgeul buaidh-ghlòireach.

An uair chuireadh na laoich
Loingeas air chaol
Turus ri gaoith ghluaiste leibh,

O bharraibh nan crann
Gu tarruing nam ball
Teannachadh teann suas rithe;

Iomairt gu leoir
Mar ri Mac Leoid
Chàraich fo shròl uain-dhaite i,

Bho Aros an fhìon
Gu talla nam pìos:
Gum beannaich mo rìgh an t-uasal ud.




Air Ais




Do Mhac Dhomhnaill


Tha ulaidh orm an uamharrachd,
Mo ghibhte phrìseil uasal thu,
Mo leug bu lìonmhor buadhan thu,
Chan fhaigh an rìgh ri t'fhuasgladh thu:
Air m'fhocal fìor o'n fhuair mi thu
Cha tugainn uam air òr thu.

Tha tasgaidh ann an dìomhaireachd
O chionn an fhad-s' de bhliadhnachan;
Cha b'airgiod glas 's cha b'iarann e
Ach Ridire glic riaghailteach
Fhuair meas is gliocas iarlachan:
O'n fhuair mi nis ri t'iarraidh thu
Mathadh Dia Dhuit e, Shir Domhnall.

Bu chuid mhór de m'araichdean thu,
Mo phreasan snuadhach dealbhach thu,
Mo long bu lìonmhor seanchas ort
Bu mheasail buadhail ainmeil thu;
Nan leiginn féin air dearmad thu
Gu dearbhtha cha b'i chòir i.

O's craobh de'n abhall phrìseil thu,
De'n mheas bu ghasda brìoghalachd,
O ghrunnd na fala fìrinnich
D'am b'fhasan riamh an rìoghalachd:
Nam b'ann do lorg do shinnsir mi
Gun innsinn-se na b'eòl domh.

Gu meal thu féin do staoidhlichean
Is gach fearann tha an oighreachd dhuit,
Dùn-tuilm an talamh deagh-mhaiseach
Am biodh céir 'ga las' an coinnleiribh
Is fìon 'ga òl gu saoibhir ann
Am pìosa glasa soillsichte
An tigh farsaing meadhrach ceòlmhor.

De chùirt a b'fhìorghlan foidearachd
Is bu mhath làmh-sgrìobhth' air paipearan;
Bha cuid do mhiann air maighdeannan
Bhiodh an gùintean sìoda fraoidhneiseach
Is iad dùinte sìos mu'n staighisean,
Is gun toir iad cìos gun fhaighneachd
Do aon strainnseir thig air fògradh.

Tha deagh ghàrd air th'ainmealachd,
Do chàirdean an t-Iarl Earra-Ghàidhealach,
Mac Coinnich is Morair Tairbeirt leat,
Fir a' Bhealaich is Bhràid Albann leat,
Gleann Garadh 's fir nan Garbhchrìoch leat,
Is an Colla is cha bu chearbach e,
Is na Camshronaich o Lòchaidh.

Mac Aoidh nam bratach meanmnach leat,
Siol Airt is Chuinn is Chormaic leat,
Na Collanan cìosail armailteach
Le'n loingeis luchdmhoir ghealbhréidich
Air fairge is iad a' seòladh.

An codal no bhith an dùsgadh dhuit
Bu leat an Caiptein Mùideartach
Is na dh'éireadh leis de fhiùranaibh,
Is cha bu neart gun dùrachd e,
Is gur beachd leam gum bi biùthas anns
A' chùis mu'm bi sibh deònach.

Ghléidhinn prasgan fathast duit:
Sìol Torcuill na tha air ghléidheadh dhiubh,
Clann Fhionghain 's fir an t-Stratha leat;
Bu dìleas duit na tighean ud:
Mur cumadh crùn no claidheamh iad
Gum faighinn-sa na's leoir dhuit.

Aig lìonmhorachd do chàirdeis riu
Cha sgrìobhar iad air phaipearan;
Bidh Frisealaich, bidh Granndaich leat,
Bidh Rothaich a thaobh nàduir leat
Nan cumadh iad an àbhaist riut
'Gad chur 'san àite an còir dhuit.

Dh'éireadh leat na Dubhghlasaich
A thaobh do mhàthar chùramaich:
Bidh cóig ciad gaisgeach cùirteil ann
Is gum b'e fàth mo dhùrachd dhaibh
Iad bhith dhuit cho dùbailte
Is nach diùltadh iad do chomhnadh.

Nan tigeadh airc no éiginn ort
Gun éireadh feachd á Eirinn leat;
Iarl Antruim nan each ceumnach leat
Is an sliochd sin Mhic Féilim leat,
Nan cluinnte foirm air fheumalachd
Gun éireadh leat am mór-shluagh.

Gun éireadh leat gun amharus
Feachd Iain Mhóir 's Iain Chathanaich
Is an dream dhìreach Leathanach
Is fir Chinn-tìre is Latharna,
Is gur mairg luchd beurla chaitheadh ort
Is na maithean ud an tòir orr'.

Gur cian 's gur fad an aimsir
O'n chuala mi aig seanchaidhibh
Nar thàinig sibh do na talmhaintean-sa
Gur gnìomh a chaidh a dhearbhadh gun
Robh tigh is leth na h-Albann air
A shealbhachadh an còir dhuibh.




Air Ais




Luinneag


[do Iain mac Shir Tormod Mhic Leòid air dhi bràth thombaca fhaotainn uaidh]


[Seisd]:

Hithill uthill agus ó
hithill ó horiunnan
hithill uthill agus ó
hithill óhó horiunnan
hithill uthill agus ó
hithill ó horiunnan
faillill ó hullill ó
hó ri ghealladh ill an.


Ged a théid mi do m' leabaidh
Chan e cadal as miannach leam
Aig ro mheud na tuile
Is mo mhuileann gun iarann air;
Tha a' mholtair ri pàidheadh
Mur cailltear am bliadhna mi,
Is gur feumail domh faighinn
Ged a gheibhinn an iasaid i.

Tha mo chean air a' chlachair
Rinn m'aigne-sa riarachadh,
Fear mór a' bheoil mheachair,
Ge tosdach gur briathrach thu:
Gum faighinn air m'fhacal
Na caisteil ged iarrainn iad:
A cheart aindeoin mo stàta,
Gun chàraich sud fiachan orm.

Ged a thubhairt mi riut clachair
Air m'fhacal cha b'fhìor dhomh e;
Gun rìoghail do shloinneadh
Is gur soilleir ri iarraidh e:
Fìor Leòdach ùr gasda
Foinnidh beachail glic fialaidh thu,
De shliochd nam fear flathail
Bu mhath an ceann chliaranach.

Ach a mhic ud Shir Tormoid
Gun soirbhich gach bliadhna dhuit
A chur buaidhe air do shliochd-sa
Agus piseach air t'iarmadan;
Is do'n chuid eile chloinn t'athar
Anns gach rathad a thriallas iad,
Gu robh toradh mo dhùrachd
Dol an rùn mar bu mhiannach leam.

An uair a théid thu do'n fhireach
Is ro mhath chinneas am fiadhach leat,
Le do lomhainn chon ghleusta
Ann do dhéidh 'n uair a thrialladh tu:
Sin in cuilbhir caol cinnteach
Cruaidh dìreach gun fhiaradh ann;
Bu tù sealgair na h-éilde,
A' choilich is na liath-chirce.

Tha mo chean air an Ruairidh,
Gun luaimneach mu d' sgeula mi;
Fìor bhoinne geal suairc thu,
Am bheil uaisle na peucaige,
Air an d'fhàs an cùl dualach
Is e 'na chuachagan teudbhuidhe;
Sin is urla ghlan shuairce:
Cha bu tuairisgeul breugach e.

Slàn iomramh dhuit Iain,
Guma rathail a dh'éireas duit,
Is tu mac an deagh athar
Bha gu mathasach meadhrachail,
Bha gu furbhailteach daonnairceach
Faoilteachail déirceachail;
Sàr cheannard air trùp thu
Nan cuirte leat feum orra.

Gur àlainn am marcach
Air each an glaic diollaid thu,
Is tu conbhail do phearsa
Ann an cleachdamh mar dh'iarrainn duit:
Thigeadh sud ann ad làimh-sa
Lann Spàinteach ghorm dhias-fhada
Is paidhir mhath phiostal
Air crios nam ball snìomhaineach.




Air Ais




Marbhrann (do Shir Tormod Mac Leoid)


Cha sùrd cadail
An rùn-s' air m'aigne,
Mo shùil frasach
Gun sùrd macnais
'S a' chùirt a chleachd mi
Sgeul ùr ait ri éisdeachd.

Is trom an cudthrom so dhrùidh,
Dh'fhàg mo chuislean gun lùth,
Is tric snighe mo shùl
A' tuiteam gu dlùth,
Chaill mi iuchair mo chùil:
An cuideachd luchd-ciuil cha téid mi.

Mo neart 's mo threoir
Fo thasgaidh bhòrd,
Sàr mhac Mhic Leoid
Nam bratach sròil,
Bu phailt mu'n òr,
Bu bhinn caismeachd sgeoil
Aig luchd-astair is ceoil na h-Eireann.

Có neach d'an eòl
Fear t'fhasain beò
Am blasdachd beoil
Is am maise neoil,
An gaisge gleois
An ceart 's an còir,
Gun airceas no sgleò féile?

Dh'fhalbh mo shòlas:
Marbh mo Leòdach
Calma cròdha
Meanmnach ròghlic;
Dhearbh mo sgeoil-sa
Seanchas eòlais
Gun chearb foghluim:
Dealbhach ròghlan t'éagasg.

An treas là de'n Mhàirt
Dh'fhalbh m'aighear gu bràth;
B'i sud saighead mo chràidh
Bhith 'g amharc do bhàis,
A ghnùis fhlathasach àilt,
A dheagh mhic rathail
An àrmuinn euchdaich.

Mac Ruairidh reachdmhoir
Uaibhrich bheachdail,
Bu bhuaidh leatsa
Dualchas farsaing,
Snuadh ghlaine pearsa,
Cruadal 's smachd gun eucoir.

Uaill is aiteas
Is ann bhuat gu faighte,
Ri uair ceartais
Fuasgladh facail
Gun ghruaim gun lasan
Gu suairce snasda reusant'.

Fo bhùird an cistidh
Chaidh grunnd a' ghliocais,
Fear fiùghant miosail
Cuilmeach gibhteil,
An robh cliù gun bhristeadh:
Chaidh ùr fo lic air m'eudail.

Gnùis na glaine
Chuireadh sunnd air fearaibh,
Air each crùidheach ceannard
Is lann ùr thana ort
Am beairt dhlùth dhainginn
Air cùl nan clannfhalt teudbhuidh'.

Is iomadh fear aineoil
Is aoidh 's luchd ealaidh
Bheir turnais tamall
Air crùintidh mhalairt
Air iùl 's air aithne:
Bu chliù gun aithris bhreug e.

Bu tu an t-sìothshaimh charaid
Ri ám tighinn gu baile,
Ol dian aig fearaibh
Gun strì gun charraid,
Is bu mhiann leat mar riut
Luchd innse air annas sgeula.

Bu tric uidh chàirdean
Gu d'dhùn àghmhor
Suilbhir fàilteach
Cuilmmhor stàtail
Gun bhuirb gun àrdan,
Gun diùlt air mhàl nan déirceach.

Thu á sliochd Olghair
Bu mhór morghail,
Nan seòl corrbheann
Is nan còrn gormghlas,
Nan ceòl orghan
Is nan seòd bu bhorb ri éiginn.

Bha leth do shloinnidh
Ri sìol Cholla
Nan cìos troma
Is nam pìos soilleir,
Bho chóigeamh Chonnacht:
Bu lìonmhor do loingeas bréidgheal.

Is iomadh gàir dhalta
Is mnài bhasbhuailt'
Ri là tasgaidh:
Chan fhàth aiteis
Do d' chàirdean t'fhaicsin
Fo chlàr glaiste:
Mo thruaighe, chreach an t-eug sinn!

Inghean Sheumais nan crùn,
Bean-chéile ghlan ùr,
Thug i ceud-ghràdh d'a rùn,
Bu mhór a h-aobhar ri sunnd
An uair a shealladh i an gnùis a céile.

Is i fhras nach ciuin
A thàinig as ùr,
A shrac ar siuil
Is a bhrist ar stiuir
Is ar cairt mhaith iuil
Is ar taice cùil
Is ar caidreabh ciuil
Bhiodh againn 'nad thùr éibhinn.

Is mór an ionndrainn tha bhuainn
Air a dùnadh 'san uaigh,
Ar cùinneadh 's ar buaidh,
Ar cùram 's ar n-uaill,
Is ar sùgradh gun ghruaim:
Is fada air chuimhne na fhuair mi féin deth.




Air Ais




Cumha (do Shir Tormod Mac Leoid)


Mo chràdhghal bochd
Mar a thà mi nochd
Is mi gun tàmh gun fhois gun sunnd.

Gun sùrd ri stàth
Gun dùil ri bhith slàn,
Chaidh mo shùgradh gu bràth air chùl.

Chaill mo shusbaint a càil,
Fàth mo thùrsaidh gach là,
Is mi sìor-ursgeul air gnàths mo rùin.

Mu dheagh mhac Ruairidh nan long,
Lamh lìobhraigeadh bhonn,
Is bha measail air fonn luchd-ciuil.

Is e bhith smuainteachadh ort
A chràidh mi am chorp
Is a chnàmh na roisg bho m'shùil.

Mi ri smuaintean bochd truagh
Is ri iomradh baoth buan
Is mi 'gad ionndrainn-sa uam: 's tu b'fhiù.

Ag ionndrainn Leòdach mo ghaoil
Bhith 'san t-sròl-anart chaoil
Gun chomhdach r'a thaobh ach bùird.

O'n là ghlasadh do bheul
Gun deach airc air luchd-theud
An uair sgapadh th fhéin na crùin.

Thog na filidh ort sgeul
Fhad 's a dh'imich an ceum
Nach fhaca iad na b'fhéile gnùis.

Gun robh maise ann ad fhiamh,
Sin is tlachd ort measg chiad,
Rud nach cuala mi riamh air triuir.

Tha am Mac Leoid-s' air ar ceann
Is e fo thùrsadh nach gann;
Is beag an t-iongnadh, 's e chaill a stiuir.

Chaill e maothar a threud
'San robh fradharc nan ceud
Is tagha de dheagh chairt-iuil.

Deagh shealgair am frìth,
Bha gun cheilg do thigh Rìgh,
Agus seirbhiseach dìleas crùin.

Tha do chinneadh fo ghruaim
Is gach aon fhine mun cuairt
O'n là ghrinnicheadh t'uaigh 's a' chrùist.

Mu'n t-sàr ghaisgeach dheas threun
Ann am batail nan ceud,
Cha bu lapach 'san leum ud thù.

Làmh churanta chruaidh
Ann an iomairt 's gach buaidh,
Chan urrainn domh t'uaisle, a rùin.

Do thigh-talla fo ghruaim,
Is e gun aighear gun uaill,
Far am bu mhinig a fhuair sinn cuirm.




Air Ais





Siùth'daibh, Siùth'daibh, A Mhnàthan


[Fonn / Tune]



Air fàir an là, il o hò,
O hao ri rì o hò,
Siùth'daibh, siùth'daibh, a mhnàthan,
E hò hi rì ù hò.

Air fàir an là, [etc.]
Luadhaibh, athaiseach leam,
E hò ri, [etc.]

Ma théid mi air m'adhart,

Nì mi tadhal 'san Dùn

Far 'eil Ruairidh mac Iain,

Mac athar mo rùin,

Feuch am faigh sinn a' bhirlinn

No am faod i toirt dhuinn.

Tha sinn an seo 'nar ceathrar,

Duine bharrachd air triùir,

Cha b'fhuilear dhuinn ochdnar

Chuireadh a' bhirlinn air stiùir;

'S e gheibh sinn an coite

'S i bu choltaiche ruinn.





[Air Ais / Back]