Rob Donn Mac Aoidh
Cumha Do Huistein Mac Aoidh
Nach truagh an sgeul a fhuar mi féin
Mu'n àm seo 'n dé o'n dh'fhalbh mi uaibh,
Gu'n bhuail an t-eug an t-uasal treun,
Le cuartach gheur, 's gu'n mharbh siud e.
B'ann de Mhac Aoidh, 'thaobh duine 's mnaoi,
An gasan aoidheil dealbhach ud;
Mo chreach 'ga inns' gu'n deach gun aois
Mac-oighre tìr Strath Haladail.
Nach cruaidh an guth seo th'aig an t-sluagh,
O'n deach thu luath's a dh'earb iad riut;
Tha 'ghaoir cho coitchionn aig daoin' uaisl',
Aig mathaibh, tuath, 's aig searbhantaibh;
Chan eil o'n Tòrr gu ruig an Stòir
Aon duine beò o'n dh'fhalbh thu uainn,
A's urra còmhradh mu na bhòrd,
Ach tùirseach, brònach, marbhannach.
Cha'n ann mu chall an codach féin
Tha'n sluagh gu léir cho càsmhorach;
Ach aon thoirt uath', gun aon fhear-fuath,
'S an robh gach buaidh cho fàsmhorach:
A phears' gu léir, a dhreach 's a chéill,
Anns nach bu léir dhuinn fàilligeadh,
Mach o'n eug bhi cur an céill
Nach eil gach cré ach bàsmhorach.
Tha do chàirdean fala 's feòla
'S do luchd-eòlais cianalach
Airson do ghearradh as an t-saoghal
Mu'n robh aon diubh riaraicht' dhiot;
'S e cùis am bròin nach d'fhàg thu beò dhuinn
Fear cho òg 's cho ciallach riut;
Ma sgrìobhar cliù do bheath' air t'uaigh,
Gur lìonmhor buaidh na bliadhnachan.
'S lìonmhor cridhe thuit a mhàin
Mu'n cuairt, air là do thìodhlaicaidh,
Bha 'g earbsadh cinnteach ri do linn
Bhi suidhicht' an inntinn shìor-bheartach.
Bha iomadh ceud de t'fhine féin
A' dèanamh feum mar ìomhaigh dhiot;
Ach dhearbh am beum seo dhuinn gu léir
Nach eil fo'n ghréin ach dìomhanas.
Cò an duine thug ort bàrr
Am breith, am pàirt, 's an ionnsachadh!
No cò an t-aon a sheasas t'àit,
Dhe'n th'air an cràdh 'gad ionndrainn!
Gach beag is mòr, gach sean is òg,
Le gul is deòir 'gan cionnsachadh;
Ged 's tric le bròn bhi tuisleach oirnn,
Cha tig an còrr le aon duin' dheth.
Tha sinn uil' an iomadh truas,
Na bha mu'n cuairt do theaghlach-sa,
Bhi gun aon am measg an t-sluaigh
A dhèanadh suas do chall-sa dhuinn:
Do thomult mór, do chomunn còir,
Do chomas deònach, gealltanach,
'Chuir buille bhròin 's na h-uile pòit,
'S a chuir gach ceòl mu Bhealltainn uainn.
Air Ais
Gleann-Gollaidh
Gleanna-Gollaidh, Gleanna-Gollaidh,
Gleanna-Gollaidh nan craobh;
Cò a chì e nach mol e,
Gleanna-Gollaidh nan craobh!
Ri faicinn crioch àrdain
'Ga mo bhreugadh gu taobh,
'S ann a smuainich mi fanadh
An Gleann-Gollaidh nan craobh.
Chan àill leam bhur n-airgead;
'S ri bhur n-airm cha bhi mi;
Cha diùlt mi bhur drama,
Ach ri tuilleadh cha bhi.
Ged a gheibhinn gu m'ailghios
Ceann-t-Sàile Mhic Aoidh,
'S mór a b'annsa leam fanadh
An Gleann-Gollaidh nan craobh.
Fonn diasach 's mór a b'fhiach e,
Gu fiadhach 's gu ni;
Aite siobhalt' ri doinionn,
Is nach criothnaich a' ghaoth.
Gur Muladach Mi 'N Còmhnuidh
Gur muladach mi 'n còmhnuidh
Measg cuideachd 's mi 'nam aonar;
'S ged bheir mi greis air spòrs,
Bidh mi trom, trom, trom.
Airson ciod 'eil mi gnìomhach
Mu'n nì mu bheil mi miannach,
Gidheadh nach eil mo chrìochan,
'Dol liom, liom, liom.
Gach seachduin dhomh mi-fhaoilteach,
Gach là a' dèanamh saothrach,
'S gach oidhche laighe m'aonar
An rùm, rùm, rùm.
Di-sathuirn bidh mi gruamach,
'S Di-dòmhnaich bidh mi smuainteach,
'S air moch-a-thràth Di-luain
Théid mi null, null, null.
Ged ruigeas mi gu h-anmoch,
'S ged fhairich mi mo mheanmainn,
Chan fhaigh mi cainnt à Barabra
Ach gann, gann, gann.
Le iomadaidh luchd mìoruin
'Cur bacadh air ar miannaibh,
'S 'ga falach-sa à m'fhianuis,
Gu teann, teann, teann.
Sin 'n uair labhair Bàbi --
Tha roghainn dhiubh a b'fheàrr liom
Nam faighinn sud gu m'àilghios
'S an àm, àm, àm.
O athair, na biodh fearg ort,
Tha 'n roghainn ud neo-chearbach;
Am fear a's fhaid' bha 'g earbsadh,
Leig liom, liom, liom.
Mo bharail air do runnsachd,
Is t'fhanadh anns an aon stagh,
Nach eil thu 'ga mo chunntadh
Ach gann, gann, gann.
Do dh'innseadh dhuit nach fìor siud,
Thoir dhomhsa pears' an lìon-anairt,
Is gléidh go chuid is t'ìomhaigh
Gu àm, àm, àm.
Air Ais
'Se Do Bhàs, Mhaighstir Mhorchaidh
'Se do bhàs, Mhaighstir Mhorchaidh,
A rinn na h-àitean seo dhorchnadh;
'S ged chaidh dàil ann do mharbhrann,
Labhraidh balbhachd ri céill.
Nam biodh a' Chriosduidheachd iomlan,
Cha rachadh dìochuimhn' air t'iomradh,
No do ghnìomharan iomlaid,
Ach leantadh t'iomachan-s' gu léir.
Gur e chràidh mi 'nam mheamnadh,
'S do luchd-gràidh agus leanmhainn;
Meud do shaothrach mus dh'fhalbh thu,
'S lugh'd a luirg as do dhéidh.
Bheir cuid leasanan buadhach,
O bhruaich fhàsanta t'uaghach,
Nach d'thug daiseachan suarach
As na chual' iad uat féin.
Bha thu caomh ri fear feumach;
Bha thu saor ri fear reusont';
Bha thu aodannach, geurach,
Mar chloich, ri eucoireach, cruaidh.
Bu tu'n tabhairteach maoineach,
Bu tu'n labhairteach saoithreach;
Bu tu'n comhairleach tìomail,
'S crìoch a' ghaoil ann ad fhuath.
Tha e 'na ladarnas gàbhaidh
Bhi le h-eagal ag àicheadh
Nach eil stoc aig an Ard-Rìgh
Ni an àird na chaidh uainn;
Ach 's fàbhor Freasdail, 's is ioghnadh,
No'n nì a's faisge do mhìorbhuill,
Am beàrn seo th'againn a lìonadh
Gu blas miannach an t-sluaigh.
Bha do chuid air a sgaoileadh
Gu bhi cuideachadh dhaoine;
'S fhad 's a bha thu 's an t-saoghal,
'S tu nach faodadh bhi pàidht';
'Chuid bu taitnich 'n an iomchain,
Chan eil facal mu'n timchioll;
Cha bhi ceartas mu'n iomradh,
Ach le'n imrich 'nam bàs --
'S truagh am peanas a thoill sinn
Thaobh nan ciontan a rinn sinn --
Bhi sìor ghearradh ar gaibhlean,
'S ar cuid theaghlaichean fàs;
Gun cheann làidir gu 'fhaighneachd
Co ni'n àirde na chaill sinn;
Cuid d'an cràdh, là is oidhche
Nach tig t'oighre 'na t'àit'.
Air Ais