Sìleas Na Ceapaich
Alasdair à Gleanna Garadh
[Fonn / Tune]
Alasdair à Gleanna Garadh,
Thug thu 'n-diugh gal air mo shùilean.
'S beag iongnaidh mi bhith trom creuchdach,
Gur tric gar reubadh as ùr sinn.
'S deacair dhòmhs' a bhith gun osnaich,
'S meud an dosgainn th' air mo chàirdean,
Gur tric an t-eug oirnn a' gearradh
Taghadh nan darag as àirde.
Chaill sinn ionann agus còmhla
Sir Dòmhnall, a mhac 's a bhràthair,
Ciod am feum dhuinn bhith ga ghearan
Dh'fhan Mac 'ic Iain sa bhlàr bhuainn,
Chaill sinn darag làidir liath-ghlas,
Bha cumail dìon air a chàirdean,
Capall-coille bhàrr na giùbhsaich,
Seobhag sùl-ghorm, lùghmhor, làidir.
Bu tu ceann na càile 's na comhairl',
Anns gach gnothach am bi cùram,
Aghaidh shocrach, sheòlta, thaitneach,
Cridhe fial, farsainn mun chùineadh;
Bu tu tagha nan sàr-thaic is mo dhiùbhail;
Smiorail, fearail, foinnidh, treubhach,
Ceann-feadhna chaill Seumas Stiùbhart.
Na b'ionann do chàch 's do ghoill,
Mun d' imich an long a-mach,
Cha rachadh i rithist air sàil,
Gun 'n fhios cia fàth a thug i steach,
Ach nuair chunnaic sibh an tràth sin,
A bhith gar fàgail air faondradh,
Bhrist bhur cridheachan le mulad,
'S lèir a bhuil, cha robh sibh saoghalach.
Bu tu 'n lasair dhearg gan losgadh,
'S bu tu sgoilteadh iad gun sàiltean,
Bu tu 'n laoch gun athadh làimhe,
Bu tu 'm bradan anns an fhìor-uisg,
Fìor-eun on ealtainn as àirde,
Bu tu 'n leòmhann thar gach beathach,
'S bu tu damh leathann na cràice.
Bu tu loch nach faigheadh taomadh,
Bu tu tobair faoilidh na slàinte,
Bu tu Beinn-Neamhais thar gach aonach,
Bu tu chreag nach fhaodte theàrnadh,
Bu tu clach-mhullaich a' chaisteil,
Bu tu leac leathann na sràide,
Bu tu leug lòghar nam buadhan,
Bu tu clach luachmhor an fhàinne.
Bu tu an t-iubhar as a' choillidh,
Bu tu an darach daingeann làidir;
Bu tu an cuileann, bu tu an droigheann,
Bu tu an t-abhall molach blàthmhor.
Cha robh meur annad den chritheann,
Cha robh do dhlighe ri feàrna;
Cha robh do chàirdeas ri leamhan:
Bu tu leannan nam ban àlainn.
Bu tu cèile na mnà prìseil,
Is oil leam fhìn ga dìth an tràth-s' thu;
Ge nach ionann dhomhsa is dhi-se,
Is goirt a fhuair mi fhìn mo chàradh;
H-uile bean a bhios gun chèile
Guidheadh i mac Dhè na àite,
O 's e as urrainn dhi ga còmhnadh
Anns gach leòn a chuireas càs oirr'.
Guidheam t-anam a bhith sàbhailt'
On a chàireadh anns an ùir thu,
Guidheam sonas air na dh'fhàg thu
Ann ad àros 's ann ad dhùthaich;
Guidheam do mhac a bhith nad àite
Ann an saoibhreas 's ann an cùram
Alasdair à Gleanna Garadh,
Thug thu 'n-diugh gal air mo shùilean.
[Air Ais / Back]
Laoidh Mhoire Mhaighdean
[Fonn / Tune]
'S do bheatha, Mhoire Mhaighdean,
O 's gile do Mhac na grian;
Rugadh am Mac an aois Athar,
Oighre Fhlathanais gar dìon.
'S ìosal an ceum thug ar Slànair
A nuas o Phàrras gu talamh
Nuair a rugadh E 's an stàbull,
Gun tuilleadh àite dhà falamh.
Cha d'iarr ban-rìghinn na h-ùmhlachd
Fùirneiseachadh, rùm na seòmar;
Cha mhò dh'iarr i mnathan glùine,
Ach Rìgh nan Dùl bhith 'ga còmhnadh.
'S éibhinn an sealladh a fhuair i
Nuair thàinig E nuas à colainn;
Rothaill i 'n anartaibh bàna
An Slànair thàinig 'gar ceannach.
Cha d'iarr Macan na h-uaisle
Cuision na cluasag na leabaidh,
Gus an d'éirich leis a' mhàthair
'Ga chur 's a' mhainnseir 'na chadal.
Chruinnich na buachaillean bochda
Ghabhail beachd air ann an tìm sin,
Chur misneach an lag 's an làidir
Bhith cho dàna air an Rìgh sin.
Shoillsich rionnag anns an athar,
Rinn rathad do na trì rìghribh
Thàinig 'ga ionnsuidh le h-àbhachd,
Gaol is gràdh is fàilte 's fìrinn.
Nuair chuala Herod an àrdain
An Tàrganach teachd gu talamh,
Cha d'fhàg e macan aig màthair
Gun a chur gu bàs an ealachd.
Cha d'fhuirich E ach ri seachdain
An déidh a ghearradh 's an Teampull,
Gun fhalbh a dh'oidhche 's a latha
Do'n Eiphit a ghabhail tàmha.
Bha E ann an sin ri tamull
'Ga altrum agus 'ga àrach,
Ann an gaol 's an gràdh 's an dùrachd
Fo chùram Athar 's a mhàthar.
Nuair chuala iad gun d'eug Herod,
Smaoinich iad ceum a thoirt dhachaidh;
Aig fhad 's a rinn iad am fàgail,
Bu mhiann leò an càirdean fhaicinn.
Dh'imich iad 'nan triùir an rathad
'S bha iad a' caitheamh na slighe:
Sùil d'an tug iad thar an guaillibh,
Dh'ionndrainn iad uap' am Messia.
'S iad a bha gu brònach duilich
Nuair nach b'urrainn iad 'ga fhaotainn,
'S a' mheud 's a rinn iad 'ga shireadh;
Bu dubhach bha iad as aonais.
Air dhaibh dol deiseil an Teampull
Dh'aithnich iad a chainnt gu beothail,
Eadar na doctairean teagaisg --
Bu deas a thigeadh dhà labhairt.
Sin nuair a labhair a mhàthair:
"Cionnas a thàinig dhuit tighinn?
'S tùirseach a rinn Thu ar fàgail
Na tri là bha sinn 'gad shireadh."
"Mhàthair, na biodh ort-sa mulad
Ged a dh'fhuirich mi 's an Teampull;
Seirbhis m'Athar ann am Flaitheas,
'S fheudar dhomh feitheamh 's gach àm dhi.
"'S iomadh latha fuachd is acrais,
Siubhail is seachrain is imeachd,
Th'agam-sa ri fhulang fhathast
Mun téid mo ghnothach gu finid.
"Fuilgidh mi 'n toiseach mo bhaisteadh
Agus traisgeadh anns an fhàsach;
Fuilgidh mi nàimhdean 'gam bhualadh,
'Gam bhuaireadh is 'gam phàgadh.
"Fuilgidh mi breith agus binn,
'S mo dhìteadh le fianuis bhréige;
Seallaidh mi gu h-umhal ìosal
Agus strìochdaidh mi do'n eucoir.
"Mo chur o Phìleat gu Herod,
Dh'innse sgeula mar a b'àill leò;
Nuair nach dèan mi mar bu mhath leò
Cuirear deis de'n anart bhàn orm."
Cha b'fhad a dh'fhuirich E aca,
Nuair thriall E dhachaidh 'ga mhuinntir;
Bheannaich E 'n t-suipear is bhlais i
'S rinn E 'n sin an casan ionnlad.
Nuair dh'aithnich E 'm bàs dha rìreadh,
Dh'fhàg E dìleab aca deònach;
O nach d'fhaod E aca fuireach,
Bheannaich E fhuil agus fheòil dhàibh.
Rinn E anns a' ghàirdin ùrnaigh,
Chuir gu dlùth dheth fallas fala;
Dh'fhuiling E an sin a sgiùrsadh
'S an crùn a chur air gu daingean.
Thilg iad smugaid ann a aodann,
Gabhail air gach taobh le 'n deàrnaibh;
Ghiùlain E chrois air a ghualainn,
'S chaidh chur suas eadar dhà mheàirleach.
Ghlac E 'n cup 'san robh an t-searbhag
Sealan beag mun d'fhalbh an anail;
Thug E maitheanas d'a nàimhdibh,
'S liubhair E do'n Àrd-Rìgh anam.
Thug iad a-nuas as a' chrois E
'S liubhair iad a chorp d'a mhàthair,
I fhéin 's na bha aice mhuinntir;
Rinn iad anns an ùir a chàradh.
Aig fheabhas rinn thu a ghléideadh,
Dol leis a latha 's a dh'oidhche,
Aig fheabhas rinn thu air feitheamh,
'S e do bheatha, Mhoire Mhaighdean.
[Air Ais / Back]