Uilleam Ros
An Suaithneas Bàn
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Soraidh bhuan do'n t-Suaithneas Bhàn,
Gu Là Luain cha ghluais o'n bhàs;
Ghlac an uaigh an Suaithneas Bàn,
Is leacan fuaraidh tuam' a thàmh.
Air bhith dhomhsa triall thar druim
Air Di-Dòmhnaich 's comhlan liom,
Leughas litir naidheachd linn,
'S cha sgeul ait a thachair innt'.
Albainn arsaidh! 's fathunn bròin
Gach aon mhuir-bhàitht' tha bàrcadh oirnn,
T'oighre rìoghail bhith 'san Ròimh
Tìrt' an caol-chist lìomhta bhòrd.
'S trom liom m'osnaich anns gach là,
'S tric mo smuaintean fad' o làimh;
Cluain an domhain, truagh an dàil,
Gur cobhartach gach feòil do'n bhàs.
Tha mo chridhe gu briste, fann,
'S deòir mo shùl a' ruith mar allt;
Ge do cheilinn sud air am
Bhrùchd e mach 's cha mhisde leam.
Bha mi seal am barail chruaidh
Gun cluinnte caismeachd mu'n cuairt,
Càbhlach Theàrlaich thighinn air chuan,
Ach thréig an dàil mi gu Là Luain.
'S lìonmhor laoch is mìlidh treun
Tha an diu an Albainn as do dhéidh,
Iad os n-ìosal sileadh dheur,
A rachadh dian leat anns an t-streup.
'S gur neo-shubhach, dubhach, sgìth
Do threud ionmhuinn anns gach tìr,
Buidheann mheanmhach bu gharg clì,
Ullamh, arm-chleasach 'san t-strìth.
Nis cromaidh na cruiteirean binn
Am bàrraibh dhos fo sprochd an cinn,
Gach beò bhiodh ann an srath no'm beinn
A' caoidh an comh-dhosgainn leinn.
Tha gach beinn, gach cnoc, 's gach sliabh
Air am faca sinn thu triall,
Nis air call an dreach 's am fiamh
O nach tig thu chaoidh nan cian.
Bha 'n t-àl òg nach fhac' thu riamh
Ag altrum gràidh dhuit agus miadh,
Ach thuit an cridhe nis 'nan cliabh
O'n a chaidil thu gu sìor.
Ach biodh ar n-urnuigh moch gach là
Ris an Tì as aird' atà,
Gu e dhìolaidh oirnn gu bràth
Ar n-eucoir air an t-Suaithneas Bhàn.
Ach 's eagal liom ge maith a' chléir,
'S gach sonas gheallar dhuinn le'm beul,
Gum faicear sinn a' sileadh dheur
A chionn an t-Suaithneis Bhàin a thréig.
Cuir'maid soraidh uainn gu réidh
Leis na dh'imicheas an céin,
Dh'ionnsaidh an àit' 'na laigh an reul
Dh'fhògradh uainn gach gruaim is neul.
Is bitheamaid toilicht' leis na tha,
O nach fhaod sinn bhith nas fheàrr,
Cha bhi ar cuairt an seo ach gearr
Is leanaidh sinn an Suaithneas Bàn.
Air Ais
Bruthaichean Ghlinn Braoin
[Fonn / Tune]
Thoir mo shoraidh le dùrachd,
Gu ribhinn nan dlùth-chiabh,
Ris an tric bha mi sùgradh,
Ann am bruth'chean Ghlinn Braon.
Gur e mis' tha gu cianail,
'S mi cho fad' uait am bliadhna,
Tha leann-dubh air mo shiaradh,
'S mi ri iargain do ghaoil.
Chan fhaod mi bhi subhach,
Gur h-e 's beus dhomh bhi dubhach,
Cha dìrich mi bruthach,
Chaidh mo shiubhal an lugh'd.
Chaidh m'astar am maillead,
Bho nach faic mi mo leannan;
'S ann a chleachd mi bhi mar riut
Ann an gleannan a' chaoil.
Anns a' choill' am bi'n smùdan
'S e gu binn a' seinn ciùil duinn,
Cuach is smeòrach 'gar dùsgadh,
'Cur na smùid diubh le faoilt'.
'S tric a bha mi 's tu mireadh,
Agus càch ga 'nar sìreadh,
Gus'm bu deònach leinn tilleadh,
Gu innis nan laogh.
Sinn air fàireadh na tulaich,
'S mo làmh thar do mhuineil,
Sinn ag éisdeachd nan luinneag,
Bhiodh am mullach nan craobh.
Tha mise 'ga ràdhainn,
'S chan urrainn mi àicheadh,
Gur iomadach sàr
Thig air airidh nach saol.
Gur mis' tha sa' champar,
'S mi fo chìs anns an àm seo,
Ann am priosan na Frainge,
Fo ainneart gach aoin.
Ann an seòmraichean glaiste,
Gun cheòl, no gun mhacnas,
Gun òrdugh à Sasuinn,
Mo thoirt dhachaidh gu saor.
Cha b'ionnan sud agus m'àbhaist,
A' siubhal nam fàsach,
'S a' dìreadh nan àrd-bheann,
Gabhail fàth air na laoigh.
A siubhal nan stùc-bheann,
Le mo ghunna nach diùltadh,
'S le mo phlasgaichean fùdair,
Air mo ghlùn anns an fhraoch.
Air Ais
Cuachag Nan Craobh
[Fonn / Tune]
A chuachag nan craobh, nach truagh leat mo chaoidh,
Ag osnaich ri oidhche cheòthar;
Shiùbhlainn le'm ghaol fo dhubhar nan craobh,
Gun duin' air an t-saoghal fheòraich.
Thogainn ri gaoith am monadh an fhraoich,
Mo leabaidh ri taobh dòrainn,
Do chrutha geal caomh bhi sìnte ri m'thaobh,
Is mise 'gad chaoin phògadh.
Chunna mi féin aisling, 's cha bhreug;
Dh'fhàg sin mo chré brònach,
Fear mar ri té, a pògadh a béil,
A' brìodal an déidh pòsaidh.
Dh'ùraich mo mhiann, dh'ath'rraich mo chiall,
Ghuil mi gu dian, dòimeach,
Gach cuisle is féith, o ìochdar mo chléibh,
Thug iad gu leum còmhla.
Ort tha mo gheall, chaill mi mo chonn,
Tha mi fo throm chreuchdan,
Dh'aisigeadh t-fhonn slàinte do'm chom,
Dhiuchdadh air lom m'éibhneas.
Thiginn ad dhàil, chuirinn ort fàilt';
Bhithinn a ghràidh réidh riut --
M'ulaidh 's mo mhiann, m'aighear 's mo chiall,
'S ainnir air fiamh ghréin' thu!
Thuit mi le d'ghath, mhill thu mo rath,
Strìochd mi le neart dòrainn,
Saighdean do ghaoil sàitht' anns gach taobh,
Thug dhìom gach caoin còmhla.
Mhill thu mo mhais', ghoid thu mo dhreach,
'S mheudaich thu gal bròin dhomh;
'S mur fuasgail thu tràth, le d'fhuran 's le d'fhàilt';
Is cuideachd am bàs dhomhsa.
'S cam-lubach t'fhalt, fanna-bhuidh nan cleac,
'S fàbhradh nan rosg àluinn;
Gruaidhean mar chaor, broilleach mar aol,
Anail mar ghaoth gàraidh.
Gu'n cur iad mi steach an caol-thigh nan leac,
Bidh mi fo neart cràidh dheth,
Le smaointainn do chleas, 's do shùgradh mar seach,
Fo dhuilleach nam preas blàthmhor.
'S milis do bheul, 's còmhnard to dheud,
Sùilean air lìdh àirneig,
Ghiùlaineadh bréid, uallach gu féill,
'S uasal an reul àlainn.
'S truagh gun an t-eud tha'n uachdar mo chléibh,
Gad bhualadh-s' an ceud àite
Na faighinn thu réidh pòsd' o'n a chléir
B'fhasa dhomh-fhéin tearnadh.
'S tu 'n ainnir tha grinn, mìleanta, binn,
Le d'chéileir a seinn òran,
'S e a bhith na do dhàil a dh'oidhche 's a là
Thoilicheadh càil m'òige;
Gur ghile do bhian na sneachd air an fhiar,
'S na canach air sliabh mòintich,
Nan dèanadh tu rùin tarruinn rium dlù
Dhèanainn gach tùrs' fhògar.
Càirear gu réidh clach agus cré,
Mu m'leabaidh-sa 'bhrìgh t'uaisle --
'S fada mi 'n éis a' feitheamh ort féin,
'S nach togair thu 'gheug, suas leam.
Nam b'thusa bhiodh tinn, dheannain-sa luim.
Mu'm biodh tu fo chuing truaighe,
Ach 's goirid an dàil gu'm faicear an là,
'M bi prasgan a' càradh m'uaigh-sa!
'Mallachd an tùs, aig a mhnaoi-ghlùin',
Nach d'adhlaic sa chùil beò mi!
Mu'n d'fhuair mi ort iùil ainnir dheas ùr,
'S nach dùraig thu fiù pòg dhomh.
Tinn gun bhith slàn, dùisgt' as mo phràmh,
Cuimhneachadh dàn pòsaidh;
Mo bheannachd ad dhéidh, cheannaich thu féin,
Le d'leannanachd glé òg mi.
Air Ais
Feasgar Luain
[Fonn / Tune]
Feasgar Luain is mi air chuairt,
Gun cualas fuaim nach b' fhuathach leam:
Ceòl nan teud gu h-òrdail rèidh
Is còisir da rèir os a chionn;
Thuit mi 'n caochladh leis an iongnadh
Dh'aisig mo smaointean a-null,
'S chuir mi 'n cèill gun imichinn cèin
Le'm aigne fhèin 's e co-streup rium.
Chaidh mi steach an ceann na còisir
An robh òl is ceòl is danns,
Rìbhinnean is fleasgaich òga
'S iad an òrdugh còir gun mheang;
Dhearcas fa leth air na h-òighean
Le rosg fòil a-null 's a-nall --
Tè ghlac mo chridhe 's mo shùil còmhla,
'S rinn an gaol mo leòn air ball.
Dhiùc mar aingeal mu mo choinneimh
'N ainnir òg bu ghlaine snuadh,
Seang-shlios fallain air bhlàth canaich
No mar an eal' air a' chuan;
Sùil ghorm mheallach fo chaol-mhala
'S caoine sheallas 'g amharc uath',
Beul tlàth tairis gun ghnè smalain
Dhan gnàth carthannachd gun uaill.
Mar ghath grèine madainn Chèitein,
Gun d' mheath i mo lèirsinn shùl,
'S i ceumadh ùrlair gu rèidh iompaidh
A rèir pungannan a' chiùil:
Rìbhinn mhòdhail 's fìorghlan foghlam
Dh'fhìonn-shùil mhòralaich mo rùin,
Reul nan òighean, grian gach còisridh,
'S i chiall-chòmhraidh cheòl-bhinn chiùin.
'S tearc an sgeula sunnailt teagaisg,
Bhi ri fhaotainn 'san Roinn-Eòrp,
Tha mais', is féile, tlàchd, is ceutaidh,
Nach facas leam fhìn fa m'chòir;
Gach cliù a' fàs riut mùirn, 's an àillteachd
An sùgradh, 's a màran beòil,
'S gach buaidh a b'àill', bh'air Diana,
Gu léir mar fhàgail, tha aig Mòir.
'S bachlach, dualach, cas-bhuidh' , cuachach
Càradh suaithneas gruag do chinn,
Gu h-àlainn, bòidheach, fàinneach, òrbhuidh'
'N caraibh seòin 's an òrdugh grinn;
Gun chron a' fàs riut a dh'fhaodt' àireamh
Bho do bhàrr gu sàil do bhuinn --
Dhiùc na buadhan, òigh, mun cuairt dhut
'S gu meudaichainn d' uaill gach puing.
Bu leigheas eugail, slàn o'n Eug,
Do dh'fhear a dh'fhaodadh bhi ma d'chòir,
B'fhear na'n cadal bhi an t-fhagaisg,
'G éisdeachd agallaidh do bheòil;
Cha robh Bhenus a measg leugaibh,
Dh'aindeoin feucantachd cho bòidh'ch,
Ri mùirninn mhìn, a leòn mo chridh',
Le buaidhean, 's mi 'ga dìth ri m'bheò.
'S glàn an fhìon-fhùil às na fhriamhaich
Thu, gun fhiarradh mhiar, no mheang,
Cinneadh mórghalach, bu chrodha,
Tional co'ladh cho-strì lann,
Bhuineadh cùis a bhàrr nan dù-Ghall,
Sgiùrsadh iad gu'n dùthchas thall,
Leanadh ruaig air Cataich fhuara,
'S a toirt buaidh orr' anns gach ball.
Tha cabar-féidh an dlùth 's do réir dhuit,
Nach biodh easlaineach san strì,
Fir nach obadh leis ga'n togail
Dol a chogadh 'n aghaidh rìgh.
Bu cholgail, faiceant' an stoirm feachdaidh,
Armach, breacannach, air tì
Dol 'san iomairt gun bhonn giornig,
'S nach pilleadh gu dhol fo chìs.
'S trom leam m'osna, 's cruaidh leam m'fhortan,
Gun ghleus socair, 's mi gun sunnd,
'S mi ri smaointinn air an aon rùn,
A bhuin mo ghaol d'a chionn;
Throm na Dùilcan peanas dùbailt,
Gu mis' umhlachadh air ball,
Thàladh Chupid mi san dùsal,
As na dhùisg mi brùite, fann.
Beir soraidh bhuam don rìbhinn shuairc
Dhen chinneadh mhòr as uaisle gnàths:
Thoir mo dhùrachd-sa ga h-ionnsaigh,
'S mi 'n deagh rùn da cùl bhuidh' bàn,
'S nach bruadar cadail a ghluais m' aigne --
'S truagh nach aidich e dhomh tàmh,
'S ge b' ann air chuairt no thall thar chuan,
Gum bi mi smuaineach' ort gu bràth.
Air Ais
Ged Is Socrach Mo Leabaidh
Ged is socrach mo leabaidh,
Chan e 'n cadal mo mhiann,
Leis an luasgans' th'air m'aigne,
O chionn fad' agus cian;
Gu bheil teine 'na lasair,
Gun dol às na mo chliabh,
Tabhairt brosnachadh geur dhomh,
Gu bhi 'g éiridh 'sa triall.
[Séisd:]
Seinn éibhinn, seinn éibhinn,
Seinn éibhinn, an dàil,
Seinn éibhinn, seinn éibhinn,
Seinn éibhinn gach là,
Seinn éibhinn, binn eutrom,
Seinn éibhinn, do ghnà,
Seinn éibhinn, seinn éibhinn,
Chuireadh m'easlain gu làr.
Tha mi còrr a's trì bliadhna,
Air mo lìonadh le gaol,
'S gach aon là dhiubh stiùireadh,
Saighead ùr ann mo thaobh;
Ciamar 's léir dhomh nì taitneach,
Dh'aindeoin pailteas mo mhaoin?
'S mi as eugmhais do mhàrain,
Bhiodh gun àrdan rium saor.
'S e do mhàran bu mhiann leam,
'S e tigh'nn gun fhiabhras gun ghruaim,
Mar ri blàsdachd na h-òraid,
'S e bu cheòl-bhinne fuaim;
Dh'éireadh m'inntinn gu h-àbhachd,
Ri linn bhi 'g àireamh gach buaidh,
A bha co-streup ri mo leannan,
Baindidh, farasda, suairc'.
'S gur gile mo leannan
Nan eal' air an t-snàmh,
Gur binn' i na'n smeòrach,
Am barraibh ro-chrann 'sa Mhàigh,
Gur e geam'nachd a beusan,
'S i gun eucoir na càil,
A lùb mise gu géilleadh
Air bheag éiginn 'na gràdh.
Gu bheil maise na h-aodann
Nach faodainn-s' a luaidh,
Tha i pailt ann an ceutaidh,
'S an céill a thoirt buaidh,
Gun a coimeas ri faotainn
Ann an spéis, 'san taobh-tuath,
M'òg mhìn-mhala bhaindidh,
Thogadh m'inntinn o ghruaim.
'S ged a bhithinn an eugail,
Agus leigh air toirt dùil,
Nach biodh furtachd an dàn dhomh,
Ach am bàs an gearr ùin',
Chuireadh eugas mo mhìn-mhal',
Mo mhì-ghean air chùl,
Ghlacainn binneas na smeòraich
A's gheibhinn sòlas às ùr.
Gè binn cuach 's gè binn smeòrach,
'S gè binn còisir 's gach crann,
Seinn ciùil dhomh 'n coill smùdain,
Theich mo shùgradh-s' air chall --
Tha mi daonnan a smaointeach
Air mo ghaol anns a' ghleann,
'S mi air tuiteam am mì-ghean
Gun a brìodal bhith ann.
Nuair a bhithinn-s' 's mo mhìn-mhal'
An gleannan rìomhach na cuaich,
No 'n doire fasgach na smeòraich,
Gabhail sòlais air chuairt;
Cha mhalairtin m'éibhneas
O bhi ga h-eugmhais car uair,
Air son stòras fhir-stàta,
Dh'aindeoin airgead an uaill.
Gè bu rìgh mi air Albainn,
Le cuid airgeid a's spréidh,
B'e mo roghainn mo mhìn-mhal',
Thar gach rìbhinn dhomh fhéin.
Cha bu shuaimhneas gu bàs dhomh
'N aon àite fo'n ghréin,
'S mi as eugmhais do mhàrain,
Gus mo theàrnadh o bheud.
Ach mosg'leam tharais a mì-ghean,
'S cuiream dìth air mo ghruaim,
Beò na's fhaide cha bhi mi
Gun mo mhìn-mhala shuairc';
Òig-mhìn beir mo shòraidh
Leat na choirean seo shuas,
Seinn mo rùin anns na gleannan,
'S tuigidh 'n cailin e bhuat.
Air Ais
Tha Mise Fo Mhulad 'San Àm
[Fonn / Tune]
Tha mise fo mhulad 'san àm;
Chan òlar leam dram le sunnd;
Tha durrag air ghur ann mo chàil
A dh'fhiosraich do chàch mo rùn.
Chan fhaic mi dol seachad air sràid
An cailin bu tlàithe sùil:
'S e sin a leag m'aigne gu làr
Mar dhuilleach bho bhàrr nan craobh.
A ghruagach as bachlaiche cùl,
Tha mise 'gad ionndrainn mór;
Ma thagh thu deagh àite dhut fhéin,
Mo bheannachd gach rè 'gad chòir;
Tha mise ri osnaich 'nad dhéidh,
Mar ghaisgeach an dèis a leòn,
Na laighe 'san àraich gun fheum
'S nach téid anns an t-sreup nas mó.
'S e dh'fhàg mi mar iudmhail air treud,
Mar fhear nach toir spéis do mhnaoi,
Do thuras thar chuan fo bhréid
Thug bras-shìleadh dheur o'm shùil.
B'fheàrr nach mothaichinn fhéin
Do mhaise, do chéill, 's do chliù;
No suairceas milis do bhéil
As binne na séis gach ciùil.
Gach an-duin' a chluinneas mo chàs
A' cur air mo nàdar fiamh,
A' cantainn nach eil mi ach bàrd
'S nach cinnich leam dàn a's fiach --
Mo sheanair a' pàigheadh a' mhàil
Is m'athair ri màileid riamh;
Chuireadh iad gearrain an crann
Is ghearrainn-sa rann ro cheud.
'S fad' a tha m'aigne fo ghruaim
Cha mhosgail mo chluain ri ceòl,
'M breislich mar ànrach a chuan
Air bharraibh nan stuadh ri ceò.
'S e iunndaran t-àbhachd bhuam
A chaochail air snuadh mo neòil,
Gun sùgradh, gun mhìre, gun uaill,
Gun chaithream, gun bhuadh, gun treòir.
Cha dùisgear leam ealaidh air àill,
Cha chuirear leam dàn air dòigh,
Cha togar leam fonn air clàr,
Cha chluinnear leam gàir' nan òg;
Cha dìrich mi bealach nan àrd
Le suigeart mar bha mi 'n tòs,
Ach triallam a chadal gu bràth
Do thalla nam bàrd nach beò.
Air Ais