Deireadh Fòrladh 1940

[Fonn / Tune]



O, Leódhais mo ghràidh, dèan innse dhomh ’n dràsd’
An àm dhomh bhith fàgail do ghlinn,
’N téid mi thairis air sàl ’n dùil tilleadh gu bràth
No an slàn le mo Thàbost a chaoidh?

Am faic mise tuilleadh a' ghrian ri dol sìos
’N Taobh Siar de dh’Eilean mo ghràidh?
No ’n cluinn mi na buillean bhios tonnan a’ chuain
A’ bualadh bith-bhuan air a thràigh?

Cha b'fhada bha'n t-seachdain dol seachad an Leódh's
An comunn nan eòlaich 's luchd-gaoil,
Chan fhaod mise fuireachd ged 's duilich an dràsd'
Dhomh fàgail Eilean an Fhraoich.

'S na balaich a dh'fhàs 's a' bhaile-s' leam 'n àird
'N diugh 'n sàs air muir agus tìr;
An nàmhaid gun truas -- ach gheibh sinn a' bhuaidh,
Ged 's goirt agus cruaidh oirnn a' phrìs.

Gach cnoc agus beann, gach sruthan is allt,
Gach gleann tha 'n eilean mo ghaoil,
Ma's nì e nach till, 's nach bi mise leibh,
O 's math bhios mo chuimhn' air gach aon.