Dh'éirich Mi Moch Maduinn Chéitein


Dh'éirich mi moch maduinn chéitein,
Faill-ill é ill ù ill ó,
Hiuraibh ó na hó-ró éill-e,
Faill-ill é ill ù ill ó.


Ma's moch an-diugh bu mhuìch' an dé e.

'S binn a chòisir rinn mi éisdeachd.

Smeòraichean air bhàrr nan geugan.

Uiseagan os cionn an t-sléibhe.

'S bòidhche 'fhiamh 's a' ghrian ag éirigh.

Maduinn chiùin fo dhrùchd nan speuran.

Bric air linneachan a' leumraich.

Crodh air àiridhean a' geumraich.

Na laoigh bheaga ruaig a chéile.

Cailinn donn a' chuailein cheutaich.

'S binne beul na ceòl nan teudan.

'Dol do'n bhuaile le ceum aotrom --

Leanaidh slàinte agus éibhneas

Riusan a bhios moch ag éirigh!