Dh'Fhalbh Mo Bhean Chomuinn

[Fonn / Tune]



Gu'n dh'fhalbh mo bhean chomuinn,
Gu'n dh'fhalbh mo bhean ghaoil;
Cha till mo bhean chomuinn,
'S cha laidh i ri m'thaobh.

Thig blàth air a' ghiuthas,
Thig duilleach air géig;
Thig gucag air luachair,
'S cha ghluais mo bhean fhéin.

Thig na gabhra do'n mhainnir,
Beiridh aighean duinn laoigh;
Ach cha tig mo bhean dhachaidh
A clachan nan craobh.

Thig Màrt oirnn, thig Foghar,
Thig todhar, thig buar;
Ach cha tog mo bhean luinneag
Ri bleoghann no buain.

Cha dìrich mi tulach,
Cha shiubhail mi frìth;
Chan fhaigh mi lochd cadail
'S mo thasgaidh 'sa chill.

Tha m'aodach air tolladh,
Tha 'n olann gun snìomh;
Agus deagh bhean an taighe
'Na laidhe fo dhìon.

Tha mo chrodh gun an leigeil,
Tha 'n t-eadradh aig càch;
Tha mo leanabh gun bheadradh
'Na shuidh' air an làr.

Tha m'fhàrdaich-sa creachte,
'S lom mo leac is gur fuar;
Tha m'ionmhas 's mo bheairteas
Fo na leacan 'na suain.