Dh'Fhalbh Mo Charaid

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Dh'fhalbh mo charaid do'n taobh tuath,
Eilean Sgìtheanach nam buadh,
Eilean dha 'n d'thug mi mo luaidh,
Ait' a's bòidhche fo na neòil.
Dh'fhalbh mo charaid do'n taobh tuath.


Anns a' mhaduinn moch Diluain,
Bha sinn ceudan mìl' do chuan,
Fhuair sinn uile na bha bhuainn,
Farsuinneachd a' chuain fo sròin.

Anns a' mhaduinn moch Dimairt,
Dh'fhàg mi dùthaich mo ghràidh,
Sneachd geal 'ga cuir fo làr,
Dh'fhàg siud mo mhàthair fo bhròn.

Anns a' mhaduinn moch Diciadain,
Thàinig an long mhór 'gan iarraidh,
Gu'n a shìl mo shùil gu cianail,
Nuair a dh'iarr iad ceann na ròp.

Anns a' mhaduinn moch Diardaoin,
A leig sinn an long fo sgaoil,
Bha i cur thairis na maor',
'S a sgaoileadh measg nan raon fo sròin.

Anns a' mhaduinn moch Dihaoine,
Sinne stiùireadh air Bermuda,
Cha robh i ro fad' air a curs'
Nuair leig i aodion fo sròin.

Dh'fhàg siud mo pheathraichean tùrsach,
'N àm dhomh bhi fàgail na dùthcha,
Nuair a chuir mi riuth' mo chùlthaobh,
Bogadaich bho sùil na deòir.

An cuimhne leat 'n uair bha sinn maoth,
Buachailleachd 's a' choille chraobh,
Long nan crannag ri ar taobh,
'S bìorain fraoich na slatan-shiùil.

Dh'fhoighnich mi dhe'n mheat a b'àird',
"Càit' a bheil thu dol an dràsd'?"
Dh'fhreagair e mi gun dàil,
"Ait' a's fheàrr leam a bhi beò."