Dh'Fhalbh Mo Rùn


[Séisd:]
Dh'fhalbh mo rùn, dh'fhàg e 'n cala,
Dh'fhalbh mo rùn, hò hì ù,
Thog a siùil ris na crannaibh;
Dh'fhalbh mo rùn, dh'fhag e 'n cala.


Dh'fhalbh mo leannan bhuam o Ile
Air luing rìomhaich nan trì crannan.

Dh'fhalbh mo leannan bhuam gu Eirinn,
As do dhéidh cha bhi mi fallain.

Chuala mi gun d'rinn thu réiteach,
'S mur e bréig gun d'rinn thu banais.

Gun tuirt na mnathan gur beud e,
Gun tug mi mo spéis do'n mharaich'.

Mo cheist an Tuathanach bàn,
'S ann dhuit thug mi mo ghràdh 's mo ghealladh.

Dh'fhalbh mo leannan bhuam am bliadhna,
'S iad 'ga riasladh aig na Gallaibh.

Dh'fhalbh mi ann nam nighneag ghòraich
'S thug mi seòladair mar leannan.

Thig a' bhonaid ghorm ri fàbhar
Air fear àrd nan sùilean mealla.

Ach o'n a dh'fhalbh thu air a' bhàta
Dia 'gad shàbhaladh gu cala.