Dhannsamaid Le Ailean

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Dhannsadh, gun dannsadh,
Dhannsamaid le Ailean;
Dhannsadh, gun dannsadh,
Dhannsadh Ailean leinn.


Ruidhleadh Màiri Tàillear,
Dhannsadh Màiri Tàillear,
Ruidhleadh Màiri Tàillear,
Gus na dh'fhàs i tinn.

Ged bha Màiri crùbach
Agus car 'na glùinean,
Dhannsadh i gu sunndach
Air an ùrlar ghrinn.