Dhèanainn Sùgradh Ris An Nighinn Duibh

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Dhèanainn sùgradh ris an nighinn duibh,
Agus éirigh moch 's a mhaduinn --
Dhèanainn sùgradh ris an nighinn duibh.


'S ann Di-Luain an déidh Di-Dòmhnaich
Sheòl sinn a Steòrnabhagh a' chaisteil.

Nuair a dh'fhalbh mi fhìn le Màiri
'S ann 'sa Chàrn-bhàn fhliuch mi h-acair.

Dol seachad air Eilean Diarmain
Thàinig i 'n iar 's i 'na frasan.

'S dol seachad air Maol na h-Oa,
Cha robh feum air “moorings” againn.

A' dol seachad Rudha Gheàrrloch
Chuir sinn air an “starboard tack” i.

Nuair a shaoil leam Ile bhuannachd,
Ealasaid a' Chuain a bh'agam.

"Reef" 'san “topsail”, is dhà-san “foresail”,
Ceann a' “bhoom” an déidh a laiseadh.

"Reef" 'ga cheangail, 's “reef” 'ga fhuasgladh
Muir fo chlais is fuaim fo planca.

Nuair a dh'éireas am muir gàireach
Sligean bàna tighinn bho'n aigeal.

'S tric a sheòl mi 'n Cuan-a-Tuath leat
Le gaoith tuath 's cruaidh-fhrasan.

'S tric a bha mi 'gad stiùireadh
'S am muir a' sgùireadh na deaca.

Dhèanainn sùgradh ris a' ghruagaich,
Ri nighinn duinn a' chuailein chleachdaich.

'S bòidheach leam sealladh do chalpa,
Mar sin t'fhalbh agus t'astar.

'S bòidheach leam nì thu 'n t-éileadh
A' dol ro'n bheinn ri là frasach.

'S nuair a théid thu null a dh'Eirinn
Gheibh thu 'm bréid nach fheum am paitseadh.

Bidh buill ùr' nach feum an spliceadh
Ris a' mhaighdinn-sa tighinn dhachaidh.

Cha bhi seòl a feum a chàradh
Aig mo Mhàiri ri tighinn dhachaidh.

'S toilicht' ghabhainn fhéin mo “mhòrnin”
'N déidh a “moorigeadh” 'n Newcastle.