Duanag Do Cheap Breatuinn

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
An tìr a dh'fhàg mi, na hò rò eile,
An tìr a dh'fhàg mi, na hò rò eile,
'S an fir a dh'fhàg mi, na hò rò eile,
Mo shoraidh slàn leibh gach là dhuibh éirigh.


Thoir soraidh bhuam-sa thar chuain gu'm chàirdean
'S an eilean uaine 's an d'fhuair mi m'àrach,
A thog na h-uaislean bha stuam' 'nan nàdur,
'S bha làn do luaidheachd nach d'fhuair am pràbar.

Bha seasmach, dìreach 's gach nì bu chòir dhaibh,
'S a lean an fhìrinn le sìth gun do-bheart;
B'e siud an dìleab fhuair sibh mar stòras,
Nach tréig gu dìlinn is sìlean beò dhibh.

Clann nan seòid nach crion 'nan nàdur,
O'm faight' an fhialachd 's am biadh gun phàidheadh;
Cha diùlt na siantan feur is bàrr dhiubh,
Na saibhlean lìonta gu riarach' chàich leis.

Clann nan sàighdeir, gun fhioll, gun fhàillinn,
Ri uchd nan nàimhdean nach d'fhaighnich fàbhar;
'S ann mar an daoimein le bhoillsgeadh àluinn,
A bhitheadh soillse nan sonn 's na blàraibh.

'S e soillse gréin air a' shliabh trà-nòine,
'S na h-uillt 's an iarmailt a' riaghladh ceò dheth;
A' mhaighdean bhriagha gun ghòimh no go innt',
A lùghdaich t'iargain 's a mhiadaich d'shòlais.

Na gleannan tiorail tha biadh is ceòl annt';
Tha glòir do'n Trianaid am beul nan òighean,
'S an t-eòinean briathrach cuir meud 'na òran,
'S a' mhaduinn fhiathail mu'n iath an ceò ás.

Na tig gu dìllinn ach sìth is sòlas
'S an àit' am bi sibh, no linn dhe'r seòrsa;
'S e 'bhi 'nar rìghrean am prìs 's am mórachd,
Mo dhùrachd fhìn dhuibh is mi air fògradh.


[Am Painter Mór]