Dùthaich Nan Craobh

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
A bhi fàgail na dùthcha,
’S a bhi càradh na siùil rith’,
’S a bhi stiùireadh a cùrsa,
Gu dùthaich nan craobh.


Gura mis’ tha fo smuairean,
’S mi a’ seòladh thar chuantan,
Is mi ’g ionndrainn nan duanag,
’S tric a fhuair mi o m’ghaol.

Di-dòmhnuich mu’n d’fhàg mi
Is mi coiseachd na sràide,
Thachair orm-sa mo mhàldag
Le blàth-shùilean chaoin.

Nuair a bha mi le m’ghràdh-sa
Ann an dùthaich nan àrd-bheann,
’S tric a dh’éisd mi ri ’mànran
Fo sgàile nan craobh.

Thoir mo shoraidh thar sàile,
Ceud soraidh gu bràth ’uam
Dh’ionnsaidh rìbhinn nan blàth-shùl
Té ’s fheàrr leam ’san t-saogh’l.

Ach ma bhitheas mi maireann,
’S tighinn sàbhailte dhachaidh,
Cha téid mi tuille gu marachd;
Nì mi fanachd ’sna caoil.

Faiceam long a’ dol dachaidh
Gu Albainn no Sasuinn,
Sgrìobhaidh mise gu m’leannan
Gur maireann mo ghaol.