Na Reubairean

[Fonn / Tune]



Hugorin ò, tha ghaoth 'san t-seòl,
B'e siud ar ceòl 'bhi reubadh mara;
Ho i ò, tha ghaoth 'san t-seòl.

Ho i ò, tha ròin nan caol
A' dol 'nan sgaoth gu Éirinn mar ruinn,
Ho i ò, tha ghaoth 'san t-seòl.

Ho i ò, tha lachaidh 's geòidh
An dùil ri ròic nuair nì sinn Manainn;
Ho i ò, tha ghaoth 'san t-seòl.

Hugorin ò, tha coinnlean òir,
Tha nì is pòr air fòid nan dabhach,
Ho i ò, tha ghaoth 'san t-seòl.

Ho i ò, tha fir 'nan drùb
A bhois 'nan dùisg mus fàg sinn cala.
Ho i ò, tha ghaoth 'san t-seòl.

Ho i ò, tha fir air ghìll,
A bhios 's a' chìll mu'n àm seo 'n ath-oidhch',
Ho i ò, tha ghaoth 'san t-seòl.