Nach Till Thu, Dhòmhnaill?

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
O ho ao nach till thu Dhòmhnaill?
O hi rì nach till thu Dhòmhnaill?
O ho ao nach till thu Dhòmhnaill?


Latha dhomh 's mi falbh na mòintich,

Cha robh uisge mór no ceò ann.

Grian gheal air aghaidh nam mórbheann.

Thàinig mo leannan nam chòmhdail.

Shuidh sinn air taobh cnocain bhòdhaich.

Theann sinn ri mire 's ri gòraich.

'S e thàinig as sin dòbheairt.

Bhagair e mo léine shròiceadh.

'S rinn e liadan beag dhe'm chòta.

Chuir e falt mo chìnn fo bhrògan.

Thug e air mo shùilean dòrtadh.

Fhir ud a shiùbhlas a' mhòinteach,

Air an tig na h-oirm an òrdan --

Claidheamh, sgiath, bogha, 's dòrlach,

Fois air cheum 's bidh sinn còmhladh.

Soiridh gu m'phiuthair do Chnòideard;

Innis dhi mar a dh'éirich dhomhsa --

Rinn mi dìolanas roimh 'n phòsadh.

Thuit mi le glas ghiullan gòrach

Nach cuir cìr no stìm no bròg dhomh.

Nach tug fàinne far a mheòir dhomh.

'S nach tug am bréid -- 's e bu chòir dha.

Bheir soiridh bhuam fhìn gu m'eòlas

Do Sgorabreac 's am bi a' chòisir,

Do thaigh mhóir an ùrlair chòmhnaird,

Far an cluinnte pìob is organ,

Seathraichean gan cur an òrdugh,

Glainneachan gan cur air bhòrdan

'S truinnsear staoin 's a thaobh air òradh.