Nam Faighinn Gille Ri Cheannach

[Fonn / Tune]



O 's nam faighinn gille ri cheannach
A bheireadh beannachd go Màiri,
Mo shoraidh le coibhneas
A dh'fhios na maighdinn a chràidh mi.
Ged nach d'thug mi dhuit faidhreann
Ann am foill dhuit cha d'fhàs mi,
'S mar a math leam thu fallain
Nara mheal mi mo shlàinte.

Nara mheal mi mo chòta
Mar b'e mo dheòin a bhith làmh riut,
'S a bhith brìodal ri m'leannan
A' seòmar daingeann na clàraidh,
'N iuchair fhaotainn 'nam phòca
'S gun an tòir a bhith làmh ruinn --
'S mi gun dèanadh do phògadh
Gun fheòraich de m'chàirdean.

Gun fheòraich de m'chàirdean
Is fhada dh'fhalbhainn 'nad choinneamh,
Far an dèanainn riut comhdhail
'S cha bhithinn beò gun a chumail.
Tha mo dhùil anns a' mhaighdinn
Nach tréig do choibhneas mi uile,
'S mar do chaochail thu t'àbhaist
Gheibhinn t'fhàilt agus t'fhuran.

Gur e t'fhuran a leòn mi
'S a dh'fhàg am bròn seo air m'aigne,
A thromaich m'intinn fo éislean
'S cha dèan mi éirigh an graìde.
Tha mo chridhe neo-shunndach
'S tha mi brùite fo m'asna,
Leis a' mheud 's a thug mi ghaol dhuit
'S nach fhaod sinn bhith tachairt.

Nach fhaod sinn bhith tachairt
An àite falaich no'n uaigneas,
Far an dèanainn riut beadradh
Is tacan cleasachd air uairean.
Ach 's e lagaich mo mhisneachd
Nach faod mi tric bhith m'un cuairt dhiot --
B'fheàrr aon phòg na bhith falamh
Mura faigh mi do bheannachd.