Nighean Bhàn Ghrùlainn

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Thug mi rùn, 's chuir mi ùidh,
'S an té ùir a dh'fhàs tlàth;
Maighdeann chiùin dh'an tig gùn,
Cha b'e 'n t-iongnadh leam d'fhàilt'.


'S ann an Grùlainn fo'n Sgùrr
Tha mo rùn 'gabhail tàimh;
Maighdeann ùr a tha ciùin,
'S i mo rùn-sa thar chàich.

Gun do bhruadair mi 'n raoir
A bhi d'choibhneas a ghràidh,
'S nuair a dhùisg mi à m'shuain,
B'fhada bhuam thu air sàil.

Tha do shlios mar chanach lòin,
No mar eala òig air tràigh;
Gruaidh a's deirge na 'n ròs,
Beul a's bòidhche ni gàir'.

Pearsa dhìreach gun chearb,
Aghaidh mheanbhdhearg a ghràidh;
Mar ghath gréine 's an fhairg'
Tha do dhealbh a measg chàich.

Dosan lìobharra, réidh,
'S e gu h-eibhinn a' fàs;
Tha e sìos ort 'n a chléit,
'S air gach té bheir thu bàrr.

Nuair a rachainn-sa gu féill,
Bu leat fhéin seud no dhà;
'S bhiodh tu cinnteach a gùn
As na bùithean a b'fheàrr.

Ged bu leam-sa le còir
Na tha de dh'òr anns a' Spàinnt,
Liùbhrainn bhuam e le deòin
Air son pòig o'n té bhàin.

Dh'aindeoin tuaileis luchd-bhreug,
Tha gach céill riut a' fàs,
Tha thu firinneach, réidh,
O'n là cheum thu air làr.