Dh'Fhalbh Mo Nighean Chruinn, Donn

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Dh'fhalbh mo nighean chruinn, donn,
Bhuam dh'an Iùraidh;
Dh'fhalbh mo nighean chruinn, donn,
Cneas mar eal' air bhàrr thonn.
Och nan och, mo nighean donn,
A dh'fhàg mi-shunnd orm.


'S truagh nach robh mise 's mo ghaol
Ann an gleann cùbhraidh;
'S truagh nach robh mise 's mo ghaol
Ri uisg' ann 's ri gaoith;
'S fo shileadh nan craobh,
Bhitheamaid sunndach.

Nam biodh agam-sa spréidh,
Bhithinn glé chùirteil;
Nam biodh agam-sa spréidh,
Feadh bheann is feadh sléibh,
B'ùr a gheibhinn thu fhéin,
'S cha bu chéil' ùmpaidh.

Ged tha thusa an tràth-s'
Ann an gleann Iùraidh,
Ged tha thus' ann an tàmh,
Tha d'aigne fo phràmh,
Agus mise gun stàth,
Le do ghradh ciùrrte.

Bheir mo shoraidh le gràdh
Bhuam dh'an Iùraidh;
Bheir mo shoraidh le gràdh,
Fhios na h-òigh' rinn mo chràdh,
'S on nach mar leath' mar a tha,
Tha i fhéin tursach.

Chan eil aice mar chéil',
Ach am fìor ùmpaidh,
Chan eil aice mar chéil'
Ach sean bhodach gun spéis,
'S e mar ghearran o fhéill,
Doirbh, breun, brùideil.