Nighean Donn A' Chùil Réidh

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
E ho rò, mo nighean donn,
E ho rì, mo nighean donn,
E ho rò mo nighean donn a' chùil réidh;
Ribhinn òg a bha leam,
Dhèanadh còmhradh leam ciùin,
Tha mo chridh'-s' an diugh trom as do dhéidh.


'S e do chòmhradh, a rùin,
Guth bu cheòlmhoire leam,
Na guth smeòraich an dlùth choill nan craobh;
Mar ri torman nan allt,
Tighinn le aghaidh nam beann,
Anns a' mhoch mhaduinn shamhraidh ri m'thaobh.

'S math thig fàineachan òir
Do na meòirean as bòidhch',
A bhios tric ann an seòmar ag gleus;
Tha do ghruaidh mar an ròs,
Chan eil uaill ann ad dhòigh,
Thug thu buaidh le gach ceòl agus beus.

Nan robh beartas dhomh buan
Rachainn sgrìob thar a' chuain
Do'n Roinn-Eòrp' leat, a luaidh an deagh bheus;
Ann an dùthaich nan sonn
Bhiodh daoin-uaisle le fonn
Ag cur fàilt' air nighinn donn a' chùil réidh.

Tha do chàirdeas glé dhlùth
Ris na h-àilleagain ùr'
A bha tàmh anns na dùthchannan thall;
'S tric a ghléidh iad an cùis
Ann am fàbhar a' Phrìonns',
'S cha bhiodh onoir an dùthcha air chall.

Nuair a chìt' iad air sliabh,
Bu bhòidheach an triall,
'S gum b'e 'n suaicheantas riamh anns gach àm;
Long, leòghainn is craobh,
'S an làmh dhearg ri an taobh,
Bradan tarragheal, is fraoch glas nam beann.

Tha do nàdur, a luaidh,
Coibhneil, càirdeil, gun ghruaim,
Gur e d'àilleachd thug buaidh air gach té;
Dh'éireadh m'aigne le sunnd
Nuair a choinnicheadh tu rium
'S chuirinn fàilt' air nighinn donn a' chùil réidh.

Gur e coibhneas do chainnt
A chuir bruaillean nam cheann,
'S chan eil fuasgladh ach gann dhomh fo'n ghréin;
Chan eil léigheas do'm chràdh
Air an t-saoghal seo mhàin,
Mo nighean donn nan sùl' blàth, ach thu fhéin.


[Calum Mac Ill' Iosa]