Nighean Donn a' Chòta Dhuibh

[Fonn / Tune]



[Sèisd:]
'S a nighean donn a' chòta dhuibh,
Gu 'n dèanainn suidhe cuide riut;
A nighean donn a' chòta dhuibh,
Gu 'n dèanainn suidhe là riut.


Thug mi ruaig a null a Mhira
Ach ma thug chan ann gun fhoidhneach,
Cha b'ann gun àireachd ar n-inntinn,
'S ann bh'ann ar càirdean.

Nuair ràinig sinne Maighstir Ruairidh
Rinn sinn toil-inntinn mu'n cuairt air;
Fear a' chòta 's e 'n deagh shnuadh,
'S gun cum sinn suas mur Ghaidheal.

Nuair ràinig sinne Maighstir Iosaph
Air na faoileadh 's com a cord ris,
Fhuair sinn biadh is deoch is ceòl,
'S ar beath' dhe 'n còrr gun àrdaich'.

'S ann aige-fhéin tha 'n àrdadh rìomhach,
B'e taigh-còmhnaidh de mhac rìgh i,
Leis gach seòmar ghabhadh innse
Dh'aithnich sinne bàigh às.

Thug e caileag à Dùn-Eideann,
Maighdinn i dha'n téid thu 'g éisdeachd,
Nuair a theudan cuir fo ghleusan
Chan i fhéin bhios tàireil.