Nighean Donn A' Chuailein Rìomhach

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Nighean donn a' chuailein rìomhaich,
B'àluinn uasal buaidh do shìnnsir;
Nighean donn a' chuailein rìomhaich,
Ghràdhaich mi do leannanachd.


'S ann a' fuireach thall 'sna cluaintean
Tha 'n nigh' bhàin a rinn mo bhuaireadh,
Mach o fhìor-fhuil ghlan gun truailleadh,
Sìol nam buadh 's na lannaireachd.

An tigh-an-eas a thogadh òg thu,
Fo sgàil taighe Taobh-a'-chrònain,
Far am biodh na féidh air lòintean
'S eòin ri ceòl air mheangan duit.

An àm do'n bharrach a bhi 'brùchdadh,
Bhiodh na smeòraichean a' dùsgadh
Air bhàrr gheugan a' seinn ciùil
'S a togail cliù mo leannain-sa.

Basan mìne, caoine, tlàtha;
Meòir chaol, fhada dh'iom'readh snàtha;
Càit' am facas riamh thug bàrr ort
'Tarruing snàth'd troimh anairtean.

Tha do chridhe mar an daoimean
Air là gréine, 's e ri soillse,
'S e gun ghoimh, gun ghìomh, gun ghaoid ann;
'S mór do loinn, 's chan ainneamh e.

Thug mi cion, 's chan fhaod mi àicheadh,
Do nigh'n donn a' chuailein àluinn;
'S mór gu'm b'fheàrr bhi suidhe làmh rith'
Na fìon Spàinnd is caineal ann.