Nighean Dubh, Nighean Donn

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
O ho ha hù, nighean dubh, nighean donn,
Ha hù rì hù, nighean donn, bhòidheach,
O ho ha hù, nighean dubh, nighean donn.


A nighean donn a dh'fhàg an dùthaich,
Thug air mo shùilean dòirteadh.

A nighean donn a' bhroillich shoilleir,
Dheanainn coinneamh riut Di-Dòmhnaich.

Mise seo a' dol do'n Ghrianaig,
'S mi 'gam 'riasladh aig na ròpan.

Càch a' mire ris a' ghruagaich,
'S mis' air bhàrr a' chuain a' seòladh.

Càch a' mire ris an nighinn
A thug gaol a cridhe dhomh-sa.

Ach ma dh'fhanas tu gu Bealltuinn,
Chan fhaigh Caimbeulach tha beò thu.

Chan fhaigh Caimbeulach fo'n ghréin thu,
'S ann a ni mi-fhéin do phòsadh.