Nìghneag a' Chùil Duinn, Nach Fhan Thu?

[Fonn / Tune]



[Sèisd:]
Nìghneag a' chùil duinn, nach fhan thu?
'S fhios 's an tìr gur mi do leannan;
Nìghneag a' chùil duinn, nach fhan thu?


Latha dhomh 's mi air a' mhòintich,
Bha na lòin ann ri cur thairis.

Thachair orm a' ghruagach bhòidheach
'S rinn mi còmhradh rith' car tamuill.

Ged bu leabaidh dhuinn an luachair
'S ged bu chluasag dhuinn an canach.

Nìghneag a' chùil bhuidhe bhòidhich
Bha mi 'n tòir ort bho chionn fhada.

'S mi cho déidheil air do bhuannachd
'S tha sionnach nam bruach air falach.

'S mi cho deònach air do phòsadh
'S tha laoigh òg air òl a' bhainne.

'S mi cho duilich air son d'fhàgail
Ri laogh ràidh an déidh a spannadh.

Ged tha na h-ìghneagan bòidheach,
Tha iad sìnte, seòlta, carach.

'S ged tha na h-ìghneagan brèagha,
Tha iad briagach, 's mise dh'fhairich.