Nochdadh Ri Beanntan Na Hearadh

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Hì u rì hòirinn hòirinn,
Hì u rì hòirinn an,
Hì u rì bhi och is éile,
Leam-sa b'éibhinn t'fhaicinn slàn.


Nochdadh ri beanntan na Hearadh,
Nochdadh ri fearann na Pàirc,
Cianalas ri tighinn air m'aire,
'S gaol mo leannain ri dol bàs.

Chunnaic mis' thu ás mo chadal
Ri tighinn dhachdaidh ás a' bhlàr,
Le do chlaidheamh caol a' lasadh
Cha b'ann 'gam iarraidh-sa bha.

Ged a thigeadh tràigh nach fhacas
Riamh a leithid anns an àit,
'S iomadh sruthan de an chuan
Th'eadar mi 's mo luaidh nach tràigh.