'S e a th' anns a' chlaimh ach fear
dhe na galaran-chaorach as sgriosaile a tha anns an dùthaich-sa, air sgàth 's gu bheil e a' sgapadh cho luath.
Nuair a chithear a' bualadh air aon chaora a-mhàin e, feumar leigheas a thoirt dhan a h-uile beathach san treud oir
bidh e nam measg mar-thà.
Caillidh na caoraich bochda an cuid clòimhe, agus caillidh iad an òrdan cuideachd. Tha tòrr fulaing an sàs.
'S e galar a bhios a' bualadh orra nas miosa sa gheamhradh a tha seo - nuair a tha a' chlòimh fada agus tiugh.
Tha an claimh na bagairt mhòr san Eilean air sgàth a leithid a chaoraich a th' air an cumail air talamh cùl-cinn. A dh'aindeoin nam buannachdan a thig às a' mhodh-ionaltraidh seo, tha e ga dhèanamh cinnteach gun sgap galaran gabhaltach - agus tha an claimh aig bàrr na liosta - eadar a' mheasgachadh de threubhan a th' air an cumail air a' chùl-cinn. Ma gheibh feadhainn an claimh air sgàth dearmaid (dìth diobaidh), gheibh càch e ged a tha iad air an deagh ghlèidheadh.
Seo a' bhiast a tha ga
adhbharachadh - Psoroptes ovis (meudachd dha-rìribh = 0.5mm).
Tha a' bhiast seo a' tighinn beò air uachdar craiceann na caorach.
Bidh iad ag ithe gèir a bhios a' còmhdach craiceann a' bheathaich.
Thig na comharraidhean nuair a ghabhas dìon a' bheathaich nan aghaidh.
Seo am milleadh a chithear nuair a ghabhas dìon na caoraich an aghaidh na bèiste: dean gliog
air an dealbh bheag air an làimh chlì agus chì thu gu bheil an dà chuid uachdar a' chraicinn, agus freumhan na clòimhe,
fliuch, loibhte agus làn sgreaban. Le sùil geur, chitheadh tu na biastan a' gluasad anns a' chlòimh; tha iad faicsinneach
do chuideigin le deagh fhradharc (is iad mu 0.5mm a dh'fhad agus a' sìor ghluasad, le dath buidhe orra).
Cuiridh a'
chaora bhochd seachad an latha ga tachas fhèin
air feansaichean, creagan, togalaichean - àiteachan a bhios cunnartach do bheathaichean eile an uair sin, oir tha a'
bhiast seo comasach air fantainn beò fad - thathar a' smaoineachadh - 17 làithean far a' bheathaich. Tha seo
cudromach oir sgapaidh an galar bho na h-àiteachan truaillte seo ma thig caoraich eile an rathad.
Tha an rùsg a-nis gun fheum airson obair-clòimhe, agus thèid an t-seiche a dhìteadh.
Feumar na làmhan a ghlanadh an dèidh beathach mar seo a làimhseachadh, oir buailidh i air cinne-daonda gu ìre.
Seo cùis a tha gu math adhartach.
Tha a' chlòimh air tuiteam far a' bheathaich, tha an craiceann mun druim agus mu na cliathaichean aice dubh agus làn
neasgaidean.
Dh'fhaodadh am beathach seo a bhith a' fulang le tinneas-tuiteamais cuideachd, oir thig siud an lùib nan droch
chomharraidhean-craicinn.
a' mhial chaobaidh - Bovicola ovis (meudachd dha-rìribh: 2mm a dh'fhad) Tha coltas donn orrasan. |
a' mhial shùghaidh - Linognathus ovillus Tha coltas dubh-ghorm orra, air sgàth na fala a dh'òl iad. |
Dh'fhaodadh droch bhuaidh a bhith aig mialan air craiceann agus rùsg chaorach. 'S iad an fheadhann caobaidh a
bhios beò sa chlòimh agus ga milleadh - tha an fheadhann shùghaidh a' tighinn beò air craiceann fionnach, leithid air a'
cheann, agus chan eil iad gu h-uabhasach cronail.
Coltach ris a' chlaimh, 's ann anns a' gheamhradh as miosa a bhios mialan a' dèanamh cròn, agus dh'fhaodadh na
comharraidhean a bhith gu math coltach ris. Tha e furasta gu leòr mialan a shònrachadh bhon a' chlaimh fhèin le sùil geur sa
chlòimhe - tha mialan nas motha, agus nas so-fhaicsinnich. Ach dh'fhaodadh mialan agus an claimh (agus an gartan
agus am mial-chaorach!) a bhith a' bualadh air beathach aig an aon àm.
Leigheas airson mialan ...
- na pyrethroids ann an iomadh riochd: "spot air a' cheann", pour-on, fras, diobaichean (faic os ìosal).
- na diobaichean organophosphate (faic os ìosal).
Mar as àbhaist tha e furasta cuairt-dhurrag a shònrachadh bhon a' chlaimh, ach a-mhàin an glè bheag de bheathaichean a tha
a' faighinn fìor dhroch sheòrsa dhith.
Ach seo air an làimh chlì na seòrsa chomharraidhean a chithear sa chumantas.
Thoir an aire: tha a' chuairt-dhurrag gu math gabhaltach do chinne-daonna.
(Thoiribh an aire: chan eil buntainneas sam bith aige seo ri galaran bacterial no fungal).
Thèid an dà chuid organophosphates is na pyrethroids a chleachdadh nan diobaichean-chaorach. Feumaidh luchd-obrach diobaidh a bhith air an deagh thrèanaghadh sa chùis, oir dh'fhaodadh organophosphates (OPs) - na stuthan ceimigeach as fheàrr a bhios ag obair - a bhith cunnartach do chinne-daonna. Feumar teisteanas-trèanaidh bhon NPTC a bhith aig an neach a tha os cionn gnothach nan OPs, agus feumar cead bho SEPA, buidheann dìon-àrainneachd Riaghaltas na h-Alba, gus cuidhteas fhaighinn dhen diop às dèidh a chleachdaidh. Tha cunnart anns na SPs cuideachd, ged nach eil cead sònraichte a dhìth air an luchd-obrach air an son. Feumaidh aodach dìonach - clogad agus miotagan na chois - a bhith aig a h-uile neach-obrach fhad 's a tha diopadh a' dol air adhart.
Feumar na caoraich a bhogadh fad mionaid a thìde, agus feumaidh an ceann a bhith air a bhogadh
co-dhiù aon turas sa mhionaid seo.
Mura thèid seo a dhèanamh ceart, chan obraich e - cha dhrùidh na stuthan
ceimigeach a-steach dhan rùsg gu h-iomlan, agus chan fhaighear cuidhteas dhen a' chlaimh.
Marbhaidh an OP a h-uile biast bheag a th' air uachdar na caorach - ge b' e claimh, gartan, mial (de gach uile seòrsa),
no mial-chaorach a th' ann. Nas cudromaiche buileach, tha èifeachd mhaireannach aig an diob a sheasas co-dhiù
trì seachdainean (no nas fhaide buileach leis an OP as èifeachdaiche - diazinon). Chan eil aon seach aon dhe na
pyrethroids cochurach ag obair cho math ri seo; ged a tha èifeachd mhaireannach aig flumethrin, chan eil e a' cur às
dha na cnuimheagan. Ach às dèidh eadar trì is sia seachdainean, caithidh e às a'
chraicinn agus a' chlòimh (far a bheil e taisgte san lanolin) agus bidh iad
buailteach a' chlaimh a thogail a-rithist.
Bhiodh an eisimpleir seo samhlachail de dheagh churam a thaobh nan ectoparasites san Eilean:
Leigheas "spot air a' cheann" aig àm a' chomharrachaidh - air sgàth a' ghartain;
Diobadh mu àm rùsgaidh (toiseach an iùchair) le pyrethroid math - an aghaidh nan cnuimheagan;
Diobadh as t-fhoghar le OP - gus a' chlaimh agus na mialan a chumail bhuapa.
Dh'fhaodadh e a bhith gum faodar leigheasan a thoirt dhan treud aig amannan a' bharrachd a rèir an t-suidheachaidh.