'S iad caoraich air a bheil pregnancy toxaemia a' bualadh. 'S e twin lamb disease a chanas iad ris sa Bheurla ghallta. Tha dà sheòrsa ann -
1) Far a bheil caoraich a tha ann an uan le càraid (no a' bharrachd) air an cumail air pàircean gorma torrach agus - gu h-iongantach - air an deagh bhiathadh. Seo an seòrsa pregnancy toxaemia as cumanta gu nàiseanta, ach cha robh treudan dhen a leithid seo a-riamh pailt san Eilean Sgitheanach far an b' àbhaist do chaoraich a bhith air an cumail air talamh monaidh; bha, ged-tà, caoraich dhen a leithid a-riamh ann an Uibhist a Deas.
Uaireannan bidh na h-uain siud a' fàs gu ro-luath am broinn am màthar, agus na h-iarrtasan aca airson beathachadh a'
sìor dhol am meud, gus nach bi am màthair comasach air an iarrtasan a choilionadh. Tha seo gu h-àraid fìor ma tha iad ann
an cor riaslach air sgàth m.e. tinneas eile, no cur is cathadh sneachda. An uair sin, tha am metabolism aig a'
chaora a' dol às a rian; tuitidh ìrean an t-siucair anns an fhuil, agus tha stuthan ris an can iad na
ketone bodies, a tha gu math cronail, a' togail agus a' togail anns an fhuil aca.
'S ann an uair sin a
nochdas na comharraidhean. Thathar an dùil gu bheil an seòrsa seo a' fàs nas cumanta san Èilean a-nis, le barrachd
chaorach air an cumail ann an pàircean gorma.
2) Gu nàiseanta chan eil an darna seòrsa seo cho cumanta, ach san Eilean 's dòcha gur e as cumanta. Bho àm gu àm bidh cùisean a' togail ceann ann an caoraich air a' mhonadh nach eil air am biathadh gu math, a-rithist nuair a tha iad trom le dà uain no a' bharrachd. Chithear e às dèidh sneachda mhòr. Mar sin, 's e seòrsa dhen a' chaoile a tha seo - rud a tha cion-bidhe ag adhbharachadh.
Chithear e aig àm trusaidh airson dòs a thoirt dhaibh aig deireadh a' gheamhraidh, 's iad ann an uan. Ma tha iad uabhasach riaslach air sgàth an trusaidh, tha iad buailteach tuiteam sa spot leis a' ghalar seo agus chan èirich iad a-rithist. Tha fiabhras bainne buailteach aig an àm seo cuideachd. Air sàillibh sin, tha e cho cudromach 's a ghabhas gum bithear ga làimhseachadh gu socair nuair a thathar gan trusadh is dòsadh aig an àm seo dhen bhliadhna, agus gun cumar na coin air falbh bhuapa ma ghabhas seo a dhèanamh.
Dubh na sùla air leudachadh. Tha a' chaora seo dall. | Leudachadh-broinn air sgàth cion-lùiths |
Faileadh mun druim aice. (Mìos no dhà air dhi tighinn am feabhas) |
'S e acetonaemia a chanas iad ris an rud a bhios a' bualadh air crodh tràth san earrach, nuair a tha fodar gu math gann. Tha e gu math coltach ris an darna seòrsa dhe pregnancy toxaemia ann an caoraich; 's dòcha gum bi laogh aca; tha an cuid siucair-fala a' tuiteam agus tha na ketone bodies a' nochdadh nam fuil air sgàth mi-chothrom meatabolach. Uaireannan gheibh thu fàileadh na h-acetone air an anail. Caillidh iad òrdan, sguiridh iad a dh'ithe a leithid agus cha bhi iad a' toirt a leithid a bhainne. Cha bhith iad beòthail idir, agus uaireannan thig sgleò air an sùilean. Thig comharraidhean nearbhasach aig feadhainn aca - roille, tuisleadh, criothnachadh, fiù 's leum-chaothach.
Le tìde thig a' chuid as motha aca air ais. Ach bha beachd eadar-dhealaichte aca sna seann làithean - faic a' chailleach riobach.