'S e galar-cruidh a tha seo. Nuair a tha iad a' stealladh, bidh dath na fala a' tighinn a-mach san fhual aca. 'S ann às
an seo a thàinig an ainm am mùn dearg. 'S e galar na beinne ainm eile air, air sgàth 's gun robh (agus gu bheil) e buailteach
a bhith a' bualadh air crodh nuair a tha iad a-mach air a' mhòintich, gun duine timcheall a bhiodh a' faicinn toiseach nan
comharraidhean. Bha An Galar Dearg aca air cuideachd ann an cuid a dh'àiteachan. Seo galar eile a tha ga sgapadh
leis
a' ghartan -
Ma nì thu gliog air an dealbh-fala a tha seo (làimh chlì), chì thu an t-uabhas dhe na meanbh-bheathaich (no a' "ghrìd" ann an Gàidhlig thraidiseanta) a tha ag adhbharachadh a' mhùin dheirg. 'S e Babesia divergens as ainm dhi, agus 's e protozoa (mo meanbh-bheathach air aon cheall) a th' ann. Tha i a' tighinn beò ann am fuil a' bheathaich agus a' toirt ionnsaigh air na ceallan dearga; leis an sin, tha dath nan ceallan dearga no haemoglobin a' tighinn a-mach sa mhùin. 'S ann air sgàth seo a chanas iad "am mùn dearg" ris. Aig an fhìor thoiseach, ann am beathach aig nach eil dìon, sguiridh iad a dh'ithe air sgàth fiabhras agus thig an tiormachadh orra. An uair sin, thèid iad an rathad eile - thig spùt orra. Fàsaidh iad cion-falach le sgrios nan ceallan-fala dearg; aithneachar seo le bàinead (faic os ìosal), laigse, buille-chridhe deannalach agus cion-anail. 'S ann a-nis a dh'fhàsas am fual aca dubh-dhearg. Caillidh iad an òrdan gu math luath air sgàth cion-fala agus, ma thèid gu leòr dhe na ceallan dearga a mhilleadh, tuitidh am beathach, thèid i na sìneadh agus thig am bàs gu math obann. Bho na ciad chomharraidhean gus an tig an fhìor chàs, dh'fhaodadh dà gu còig làithean a bhith ann.
Droch chion-fala ...
Dèan gliog air an dealbh beag seo (os àrd) agus chi thu gu bheil am mart a tha seo gu math cion-falach. Tha còir aig
lìnigeadh nan rosg a bhith fìor phionc - "coltach ri feòil bradain". Ach sa bheathach seo, cha mhòr nach
eil iad bàn.
Seo an àite as fheàrr a bhith a' sireadh comharraidhean cion-fala ann an crodh.
Bha aig a' bhuachaille ri fual na bà tinne a ghlacadh na làmhan, agus an uair sin bha aige/aice ri
am fual dearg a
thilgeil ann an uisge fìor-ghlan ruith. Bhiodh esan/ise an uair sin ag aithris:
Eòlas a' Bhun Deirg [sic]
-
An ainm Athar caoimh,
An ainm Mic na caoidh,
An ainm Spioraid Naoimh. Amen.
Muir mòr, muir ruadh,
Neart mara, neart cuain,
Naoi tobraiche Mhic-a-Lìr,
Cobhair ort a shil,
Casg a chur air d-fhuil,
Ruith a chur air d-fhual ... [ainm a' bheathaich].
Thèid droga làidir air a bheil imidocarb a chleachdadh an-diugh, le ann-stealladh. Tha e gu math trom air a' bheathaich fad 's a tha e a' tòiseachadh ri obair, agus chan eil e ceadaichte do neach nach eil na bheat a thoirt do bheathach. Ach tha e gu math èifeachdach, ma thòisichear ann an deagh àm leis.
Cuideachd, dh'fhaodadh leasachadh-fala a bhith gu math cuideachail dhan fheadhainn as miosa air a bheil cion-fala a bhualadh; dhèanadh e an diofar eadar beatha agus bàs, ged nach eilear gan cur an gnìomh gu tric gu ruige seo.