AN GLUPAD

glupad
F hepatica - inbheach

Seo a' bhiast bheag, Fasciola hepatica, a tha ag adhbharachadh fear dhe na galaran as callmhoire a tha a' bualadh air crodh is caoraich na Gàidhealtachd. 'S e inbheach a tha seo.(Meudachd dha-rìribh = 2-3cm a dh'fhad).

Tha beatha annasach is modh-sìolachaidh co-thoinnte aig F. hepatica; ach tha a h-uile rud a' crochadh air seilcheag bheag a tha a' tighinn beò ann an uisge staoin tàmh ann am pàircean fliucha (faic os ìosal). Tha na h-inbhich dhe F hepatica a' tighinn beò ann an grùthan a' bheathaich; 's e pìoban an domblais far am faighear iad (faic dealbh gu h-ìosal). Nuair a tha an t-uabhas dhiubh ann, an ceann ùine seo an coltas a bhios air a' ghrùthan:

gruthan
Grùthan chaorach.
Tha pìoban a' ghrùthain air at gu h-uabhasach, ged a tha an grùthan air crìonadh gu meudachd gu math beag.
Bidh na h-inbhich a' cur mìltean de dh'uighean, a thèid a-mach air an ionaltradh anns a' bhuachar.

ugh
Ugh - F. hepatica (0.14mm a dh'fhad)
Tha e furasta an lorg sa bhuachar le microscope

Thèid na h-uighean a ghlanadh a-mach às a' bhuachar le uisge às na speuran. Ann an suidheachadh blàth agus fliuch (as t-earrach), aig a' cheann thall thig larbhaidh bheaga bhiodach (nach fhaicear) ris an canar miracidia a-mach às na h-uighean; feumaidh iadsan seilcheagan beaga dhen gnè Lymnaea truncatula a lorg gu math luath mus bàsaich iad. Chan eil na seilcheagan ach gu math beag (mu threas cuid d' ìngne) agus tha coltas faochaig orra. Ach tha beatha a' ghlupaid a' crochadh air na seilcheagan seo; ma tha an t-earrach math gun ach beagan eabair air na cluaintean, chan fhaighear L. truncatula agus cha bhuail an glupad air beathaichean chun na h-ìre àbhaisteach. Tha fios gu bheil earraich fliucha gu math cumanta san Eilean! Ma lorgas na miracidia seilcheag, ithidh iad a-steach dhi agus a-steach dhan ghrùthan aice (gun a bhith ga marbhadh), far an iomadaich iad na ceudan uidhir agus thèid iad nan cercariae, air a bheil coltas cheannaphollan:

cerc
cercaria F hepatica

Snàmhaidh na cercariae gu bileag feòir, no lùsan beaga a tha freagarrach, tàthaidh iad iad fhèin an sin, agus thèid iad nan cysts dìonach ris an can iad metacercariae. Faodaidh an riochd seo fantainn beò tron gheamhradh - fiù 's ann am feur air a thiormachadh. Ach ma thèid an ithe, guiridh iad ann am mionach a' bheathaich gus am brist F hepatica òga a-mach, 's iad fhathast gu math beag - 's dòcha millimetre a dh'fhad. Ithidh iad tro bhalla a' mhionaich a-steach do chom a' bheathaich, 's iad a' lorg a' ghrùthain. An sin, thèid iad a-steach do fheòil a' ghrùthain. Beathaichidh iad iad fhèin le feòil a' ghrùthain, tòisichidh iad ri fàs, agus iad a' dèanamh aig a' cheann thall air pìoban an domblais. Tha na 'lèabagan beaga' seo mar a chanas iad (air sgàth 's gu bheil coltas an èisg siud orra) comasach air tòrr milleadh a dhèanamh nuair a tha iad a' dèanamh air pìoban an domblais. Dh'fhaodadh a' chaora bàsachadh gu h-obann ma tha an t-uabhas dhiubh ann. 'S ann as t-foghair as trice sa bhios seo a' tachairt. Cuideachd, tha am milleadh seo uaireannan ag adhbharachadh nàdar de bhragsaidh - faic galaran Clostridial. Mura bàsaich a' chaora, thèid iad a-steach do phìoban an domblais nan inbhich, agus tòisichidh iad ri cur uighean. Tha an cearcall coileanta.

An glupad - na comharraidhean

Tha trì dòighean air am bi an glupad a' bualadh air beathaichean:


1) Comharraidhean dian, far am bi am beathach a' tuiteam marbh gu grad, co-aimsireil leis a' ghluasad as mò dhe na lèabagan beaga tron ghrùthan. Tha seo gu math ainneamh ann an crodh, ach cumanta an an caoraich. Tachraidh e aig deireadh an t-samhraidh agus as t-fhoghar. Tha e doirbh diagnosis a ruigsinn air sgàth 's nach eil uighean sa bhuachar.

2) Comharraidhean fo-dhian; 's ann am meadhan a' gheamhraidh as cumanta a tha seo, agus a-rithist 's iad caoraich air a bhios e a' bualadh. Uaireannan bidh iad a' tuiteam marbh, uaireannan eile bidh iad a' call an t-uabhas òrdain. 'S e an dà chuid na lèabagan beaga agus inbhich san domblais as coireach, mar sin gheibh thu uighean sa bhuachar.

3) Comharraidhean leantainneach, a bhios a' bualadh air beathaichean aig deireadh a' gheamhraidh no as t-earrach; 's e na h-inbhich a-mhàin a tha ga adhbharachdh - uaireannan tha an t-uabhas dhiubh beò ann am pìoban an domblais. Bidh am beathach bochd a' call òrdain agus a' cnàmh, agus bidh ìre mhòr de chion-fala orra. Uaireannan tha iad a' tuiteam agus a' bàsachadh gu grad, ach fiù 's ma tha iad a' maireachdainn beò tha iad a' call uain, a' call cudrom agus a' call luach (luach na feòla agus luach na rùisge). Gu math tric, thig 'am poca' orra (faic os ìosal). Gu math tric cuideachd, cha bhith crodh a' sealltain chomarraidhean gu bheil iad bochd, ach tha iad fhathast a' call luach agus thèid an grùthan aca a dhìteadh san taigh-spadaidh.

poca
Am poca

Uaireannan chithear cnapan uisgeach ag at fo amhaich a' bheathaich (faic dealbh os àrd).
'S e 'am poca' a chanas iad ri seo agus 's e fìor dhroch chomharra a th' ann, a' sealltainn gu bheil grùthan a' bheathaich ann an droch staid air sgàth a' ghlupaid.

"Ged bhiodh chemist 's e ri taobh
san robh foinneadh na cailce*;
an tè air an tig am poca tràth,
gheibh i bàs as t-earrach".

- seann òran.

*pileachan calcium tetrachloride - seann leigheas

Cunnart do chinne-daonna!

Faodaidh an glupad bualadh air cinne-daonna. 'S ann le bhith ag ithe biolair a bhios mac an duine ga faighinn.
Dh'fhaodadh e a bhith doirbh do dhòtairean diagnosis a ruigsinn, air sgàth 's nach eil dùil aca air a leithid.

Leigheas air a shon ...

Nuair a tha iad bochd air sgàth a' ghlupaid, feumar dòs durrag-mharbhach (no anthelmintic) a thoirt dhaibh. A rèir ràithean na bliadhna, feumar a bhith cinnteach an e dòs a mharbhas inbhich a-mhàin, no inbhich agus 'lèabagan' a th' ann. Mar eisimpleir, tràth san t-earrach chan eil ach inbhich anns a' ghruthan, agus cha bhiodh dòs a mharbhadh larbhae F. hepatica gu feum sam bith.

Cungaidh-bhacaidh air a shon ...

Anns an Eilean Sgitheanach, bu choir a h-uile caora san treud a bhith air a dòsadh 's dòcha sia tursan sa bhliadhna; tha an dòs a thig ro àm breith gu h-àraidh cudromach. Gheibhear rabhaidhean agus faidheadaireachd bho bheataichean an riaghaltais. Mar as àbhaist, thathar a' cleachdadh dòs a mharbhas inbhich airson cungaidh-bhacaidh.

Gheibhear faidheadaireachd mu bhuaidh a' ghlupaid sna mìosan a tha romhainn.

Faodar an dìon an aghaidh an t-seòrsa bhragsaigh - no black disease mar as aithnichear an-diugh e - le banachdach.