'S e galar-eanchainn chaorach a tha seo, ach 's e biast nan con (Taenia multiceps) a tha ga
adhbharachadh. Seall air an dealbh os àrd (làimh chlì). Tha làrach liath-ghlàs air an roinn chlì dhen eanchainn, no air
a' cerebellum ann an dòigh saidheansail.
Seo am milleadh a tha a' bhiast
a' dèanamh nuair a thig i a-steach gu eanchainn chaorach. Agus mar as motha a tha am milleadh a' dol am meud, 's ann
as motha a chithear na comharraidhean - bidh casan na caoraich bhochd a' fàs lag, bidh i a' dol mu seach agus
a' feuchainn ri dhol ann an cearcall gun sguir. 'S e sturdy a chanas cìobairean ris sa Bheurla-Ghallta, no
gid sa Bheurla.
Air an làimh dheas os àrd, chithear an rud a dh'adhbhraich am milleadh às dèidh a thoirt a-mach. 'S e balgan beag làn
uisge a th' ann, agus chithear àl na bèiste a' fàs taobh a-staigh dhen lìnigeadh. Chaidh a' chaora a thruailleadh leis an
rud nuair a dh'ith i feur a bh' air a thruailleadh le buachar coin.
Tha an galar seo an urra ris an dlùth-cheangal a th' eadar caoraich agus coin-chaorach. Tha biast nan con an urra ris an dlùth-cheangal a tha seo. 'S e cearcall-beatha a tha gu math co-thoinnte a th' aig a' bhiast. Tha na h-inbhich - ris an canar biast nan con - beò ann am mionach chon.
Tha na meanbh-uighean aca ga sgaoileadh sa bhuachar air feur far am bi caoraich ag ionaltradh, tha caoraich ag ithe an fheòir leis na h-uighean agus bidh na larbhae a' fàs sa chaora agus a' gluasad dhan eanchainn, agus do bhuill-chuirp eile. Thèid beatha na bèiste na làn-chearcall nuair a bhasaicheas caora air a' mhòinteach, agus nuair a dh'itheas cù-chaorach an closach (eanchainn agus larbhae na chois).
Tha e cho cudromach 's a ghabhas nach fhaigh coin-chaorach (no coin sam bith) cothrom closach chaorach a chagnadh! Cuideachd, bu choir dhan a h-uile cù a bhith air a dhòsadh gu cunbhalach le pileachan gus inbhich de bhiast nan con a chlìoragadh a-mach às a rian-cnàmhaidh. Tha na cungaidhean-bacaidh seo cudromach gus stad a chur air an galar hydatid cuideachd.