Cha b'àbhaist dha na boiteagan a bhith cudromach san Eilean. Ach le barrachd is barrachd chaorach gan cumail air pàircean feurach (far a bheil na boiteagan beò), an àite talamh-monaidh (far nach urrainn dha na boiteagan a bhith beò - ann am fraoch is mòine co-dhiù) tha na galaran seo a' fàs nas cumanta.
Tha an t-uabhas de bhoiteagan a' tighinn beo ann an stamagan agus mionach an dà chuid cruidh agus chaorach. Is
iomadh gnè dhiubh a tha air uachdar na talmhainn. (Mar as tric cha bhi boiteagan-cruidh a' toirt buaidh air
boiteagan-chaorach, agus tha a chaochladh fìor cuideachd). 'S iad caoraich as motha a bhios a' fulang le boiteagan.
Mar as tric tha na h-inbhich a' tighinn beò air lìnigeadh rian-cnàmhaidh a' bheathaich. Tha na h-uighean acasan
a' doirteadh a-mach sa bhuachar, an uair sin tha na
larbhaidh a' gur agus a' tighinn a-mach air na cluaintean feurach. Mar as fhaide 's a thèid a' bhliadhna air
adhart, 's ann as motha a tha an truailleadh a' togail air an ionaltradh, agus na beathaichean gan slugadh a-rithist
nuair a chriomas iad am feur. San dòigh sin,
dh'fhaodadh na mìltean thar mìltean dhe na h-inbhich a bhith a' togail suas am broinn nam beathaichean.
'S iad beathaichean òga air a bheil na boiteagan a' bualadh gu trom, agus is iad a bhios a' bàsachadh gu math tric air sgàth droch spùt is tiormachadh-cuirp. Chan eil caoraich a tha còrr is bliadhna a dh'aois a' sealltainn chomharraidhean follaiseach idir - ach tha iad gan iomchar agus gan aiseag dhan ath ghinealach. Agus bidh buaidh nas do-fhaicsinnich air na h-inbhich cuideachd - call òrdain, call bainne, tilgeil, droch rùsg agus a leithid.
'S e galar a tha seo a tha a' buntainn ris an treud gu lèir - no (dòigh eile ri thuigsinn) ris an fheurach far a bheil iad ag ionaltradh. Ma 's e 's gu bheil comharraidhean air aon uan, tha seo a' ciallachadh gu bheil am milleadh a' tòiseachadh ann am mòran eile cuideachd - feumar leigheas a thoirt dhan treud air fad. Ach bhiodh e air a bhith nas fheàrr nan tugadh cungaidh-bhacaidh dhaibh sa chiad àite.
Tha na h-inbhich a' tighinn beò ann an rian-cnàmhaidh bheathaichean, agus cuiridh iad an t-uabhas de dh'uighean, gu h-àraidh tràth as t-earrach - mu àm breith nan uan. Thig na h-uighean asta sa bhuachar. Guiridh larbhaidh sna h-uighean taobh a-staigh a' bhuachair; tha dà ìre ann gus an nochd larbhaidh gabhaltach na treasa ìre air an fheurach. Cho fad 's a tha an talamh gu ìre mhath fliuch, tha iad comasach air snàmh suas gu bileagan feòir, far a bheil iad a' tighinn beò ann am boinneagan dealta (faic an dealbh os ìosal). Tha an ìre seo dhem beatha, ma tha, gu math an crochadh air an t-sìde. Cuiridh turadh às dhaibh - ach chan eil seo cumanta as t-earrach san Eilean!
Tha co-chairdeas eadar an astar air am bi na larbhaidh a' fàs, agus dè cho math 's a tha an t-sìde. Thàinig seo gu bith gus am biodh an àireamh as motha de larbhaidh gabhaltach air an fheurach dìreach aig an àm 's a tha na h-uain a' tòiseachadh a dh'ionaltradh. Ithidh na h-uain na larbhaidh cuide ris an fheur, thèid na larbhae a-steach do lìnig an stamaig no a' mhionaich aca agus thig tòrr milleadh gu math luath.
boiteagan air taobh a-steach mionach uain
Tha iad air lìnigeadh a' mhionaich a sgrios. Bheir sin droch spùt air a' bheathach.
Tha iad a' fantainn beò tron gheamhradh ann an dà dhòigh:
1. Larbhaidh aig ìre 3 am broinn balla rian-cnàmhaidh a' bheathaich, a tha air sguir a dh'fhàs airson greis
(is iadsan a dh'ath-bheòthachas aig àm breith nan uan - nuair a thuiteas dìon a' chaorach gu nàdarrach - agus a
thòisicheas air uighean a chur); agus:
2) Uighean a chaidh a chur gu ruige deireadh an t-samhraidh agus a dh'fhuirich beò san fheurach, gun a bhith
a' fàs.
COMHARRAIDHEAN ...'S e spùt agus call òrdain a tha na biastan seo ag adhbharachadh. Fìor droch spùt uaireannan, a dh'fhaodadh beathach òg a mharbhadh.
Is iomadh cuingidh-leighis durrag-mharbhach, no anthelmintic, a tha ri fhaighinn air a shon. 'S e am bheat as fheàrr a bheir comhairle dhut man deidhinn.
Bu choir a h-uile chaorach, eadar 's gu bheil iad a-muigh air a' mhonadh no a-staigh sna pàircean, a dhòsadh an aghaidh bhoiteagan mu 6-8 seachdain ro àm breith. Feumar dèanamh cinnteach gu bheil an dòs seo eifeachdach an aghaigh nan inbheach agus nan larbhaidh (larbhaidh a' gheamhraidh a th' air sguir a dh'fhàs nan cois). Cuiridh seo às dhan srùth uighean aig àm breith, agus air an dòigh sin bidh na h-uain air an dìon gu ìre mhath. Faodar dòs an aghaidh a' ghlupaid a thoirt dhaibh aig an aon àm. Nuair a thèid iad dhan mhonadh às dèidh breith, togaidh iad tomhas de bhoiteagan an sin agus feumar an dòsadh a-rithist aig an ath thrusadh ('s e "an comharrachadh" (àm-spothaidh) a tha seo, mar as àbhaist).
Bu choir dòs a thoirt dhaibh a-rithist mus tèid iad dha na reitheachan.
Ma 's e 's gun deach na h-othaisgean a gheamhrachadh air taobh sear Siorrachd Rois (cleachdadh a tha cumanta san Eilean), feumar dòs a thoirt dhaibh nuair a thilleas iad mus tèid iad a-mach air an ionaltradh no air a' mhonadh.
Dòsadh chaorach le
gunna-dòsaidh.
Feumar a bhith faiceallach gun a bhith a' milleadh
nam fiacal - agus gun sluigear an dòs!