Seo bus mairt os-àrd. Dèan gliog air.
Chithear na fiacail, an
teangaidh agus na stoban
a tha a' stobadh a-mach air taobh a-staigh nam pluicean.
(Na toiribh feart dhan mhilleadh air an teangaidh fhèin; sin rud eile uile-gu lèir)
An leigheas a bh' aca air a son ...
Bhathar a' cleachdadh clobhan gus am beul fhosgladh, agus ga chumail fosgailte ri fad mònadh eadar casan nan clobha. An uair sin, fad 's a bha grunn dhaoine a' cumail grèim air a' mhart, bhiodh cuideigin a' sìneadh a ghairdein a-steach dhan bhus agus a' gearradh nan stoban a bu mhotha - le deamhais! Cha robh anaesthetic an sàs sa chùis idir. 'S e seo a bha iad a' dèanamh tràth san fhicheadamh linne mus robh bheataichean ri lorg anns a h-uile àite.
Sna làithean an-diugh ...
An-diugh, tha fios againn gur e acetonaemia a th' orra nuair a tha iad a' dol far am biadh as t-earrach; rud meatabolach a tha togail ceann nuair a tha fodar uabhasach gann. Chan eil gnothaich aig na stoban seo ris idir!