'S e galar uabhasach a tha seo a tha a' bualadh air an dà chuid caoraich agus crodh ('s ann nas cumanta a tha e ann an caoraich). 'S e bhioras beag bìodach a tha ga adhbharachadh, a thèid a sgapadh le gartanan. Tha an galar seo garbh cumanta san eilean; sin as coireach (ann am pàirt, co-dhiù) gu bheil na croitearan a' dèanamh falaisg a h-uile bliadhna, ann an creideas gum bi seo a' cur às dha na gartanan (chan eil beachd nam bheataichean a' dol le seo ged-tà, oir tha a' bhiast a' tighinn beò ann am badan chòinnich, far a bheil dìon aca bhon fhalaisg). Tha corra ghalaran eile air an sgapadh le gartanan cuideachd - nan cois, am mùn dearg. Bidh na biastan sgreataidh seo gan suidheachadh fhèin air bàrr an fheòir agus a' feitheamh ri beathach blàth-fhuilteach a' tighinn an rathad.
Tha a' chaora san dealbh seo gu math tuisleach air a casan; 's e sin ri ràdh, tha i "a' dol mu seach" mar a chanas iad. Chan urrainn dhi seasamh gu ceart. Bheir a' bhioras droch bhuaidh air na nearbhan ann an còrd an droma, gus nach eil smachd aice air far a bheil a casan a' dol. Mar sin, bidh i buailteach gu tuiteam leis a' ghluasad as lugha a nì i. Cuideachd, thig criothnachadh oirre - 's ann bhuaithe seo a tha ainm a' ghalair a' tighinn. Mu dheireadh thall, chithear pàirilis air a' bheathach. Thig na comharraidhean gu math luath, agus dh'fhaodadh am beathach a bhith marbh ann an dà latha.
Tha e nas buailtiche nochdadh ann am beathaichean a chaidh a thoirt a-staigh dhan Ghàidhealtachd bhon taobh a-muigh -
bho àiteachan far nach eil an gartan cho cumanta. Chan eil dìon aca dhan bhioras air sgàth 's nach do dh'fhiosraich iad
e a-riamh nam beatha. Tha beathaichean - crodh no caoraich - dhen a leithid buailteach fìor dhroch sheòrsa dhen ghalar a
thogail.
Ach tha ìre mhath a dhìon aig beathaichean a rugadh is a thogadh san sgìre, a chionn 's gun robh an gartan a' greimeachadh orra
cha mhòr bhon latha a rugadh iad - agus pasgan beag dhen bhioras a' bualadh orra gu cunbhalach air sgàth sin. Air an
adhbhar sin, chan eil a' chrith cho cumanta ann am beathaichean a tha a' buntainn ris an àite. Ach dh'fhaodadh i fhathast
bualadh orra - gu h-àraidh ma thèid an dìon aca a leagail airson adhbhar air choireigin.
Gheibh uain is laoigh antibodies sa chiad-bhainne a bhios a' buileachadh dìon orra; tha an dìon seo a' maireachdainn fad co-dhiù dhà no thrì mhìosan. Ach as dèidh sin, feumaidh an siostam-dìona aca fhèin dhol an sàs sa chùis. Ma 's e 's gum buail pasgan tuilleadh is mòr dhen bhioras orra - taing dhan a' ghartan - mus tog iad dìon nàdarrach na aghaidh, gheibh iad na droch chomharraidhean.
Tha an aon dealbh a thaobh dìon ri fhaicinn leis na galaran eile a thèid a sgapadh leis a' ghartan.
Seann tuagh-fhola
Tha "fuileachadh" a' ciallachadh "leigeil fuil às" agus b' seo an leigheas a b' fheàrr le croitearan (is eile) sna làithean a dh'fhalbh. Bha creideas làidir aca gun robh e gu sònraichte math a bhith a' fuileachadh bheathaichean air an robh a' chrith a' bualadh. Bhathar a' cleachdadh tuagh-fhola gus fuil a leigeil às; dhèanadh gearradh beag ann an cuisle mhòr na h-amhaich, le fear de na lainn air an tuagh-fhola. Dh'fheumar (bhathar a' creidsinn) gu leòr de dh'fhuil a leigeil às gus am biodh am beathach a' fàs lag! Aig deireadh an fhuileachaidh, bhathar a' dùnadh cuisle agus craiceann le grèim snàithle, no - nas sìmplidh buileach - a' cleachdadh maide sgoilte air an robh "spreangan" gus an craiceann a dhùnadh. Bha tomhas de sgil an sàs ann a bhith a' leigeil fùil às mart, ach ann an caoraich bhathar gu sìmplidh a' gearradh cuisle bheag mu choinneamh atha na sùla le sgian-phòcaid agus leigeil leis an fhuil doirteadh!
Chaidh innse dhomh le D.I.M. gun robh cuid de na bodaich fhathast ag iarraidh fuileachadh airson nam beathaichean air an robh a' chlaimh a' bualadh, nuair a thòisich e san Eilean mu mheadhan na ficheadamh linn.
Gheibhear cungaidh-bhacaidh mhath air a son - banachdach shònraichte a bhios gan dìon bho bhuaidh na bhioras.
'S e zoonosis (no galar a tha gabhaltach do chinne-daonnda bho bheathaichean) a tha seo. Bidh i a' toirt an aon bhuaidh 's a tha i air beathaichean. Fhuair corra chìobairean pairilis ri mo linn-sa. Ma gheibh thu lorg air gartan air do lurgainn, na bi ro iomagaineach - chan fhaigh thu a' chrith! Ach ma 's e 's gu bheil ceudan dhiubh a' greimeachadh ort, thoir an aire.
Tha zoonosis eile a sgapadh leis a' ghartan cuideachd - an galar Lyme.
Thèid an toirt air falbh le dubhan beag a gheibhear ann am bùth-pheata.