Galaran Clostridial

'S e bacteria dhen genus Clostridia as coireach airson nan galaran a tha seo. Tha an grìd a' tighinn beò anns an talamh, agus ann an rian-cnàmhaidh is buachar bheathaichean callta. Mairidh iad beò ùine fhada san talamh ann an cruth spòran. Nuair a gheibh iad an cothrom, bidh iad ag iomadachadh gu math luath anns a' bheathach air a bheil iad a' bualadh, doirtidh puinnseinean a-steach dhan fhuil agus thig am bàs gu grad. Gu math tric chan eil comharraidhean gam faicinn; gheibhear lorg air 'a bheathach 's e marbh mar-tha. Chan eil leigheas ann, feumar bacadh a chur air mus buail e iad le bhith a' cleachdadh banachdach.

Tha fios againn an-diugh gu bheil co-dhiù ochd diofar galaran clostridial ann. Ach cha robh na Gàidheal gam faicinn mar ghalaran fa-leth; cha robh iad a' faicinn ach a dhà (a trì 's dòcha, ma thèid glas-ghiall - tetanus - a chunntadh).

bragsaidh ...

'S e galar a bha seo a bha (agus a tha) a' bualadh air uain, othaisgean agus dianagan. Bha fios aig na Gàidheil bho shean gun robh e buailteach tachairt às dèidh reothaidh, agus gun robh e buailteach bualadh air an fheadhainn a bha ann an òrdan matha - 's mathaid ro mhath. Bhathar (agus thathar) a' smaoineachadh gun dèan biadh reòite milleadh air taobh a-staigh na stamaig, a tha a' leigeil leis a' bhacteria a dhol am meud. 'S ann as t-fhoghair a chithear e mar as trice.

Mar as àbhaist gheibh am beathach bàs gu math luath, gun fiù 's comharraidhean rim faicinn leis a' chìobaire.

Ma thèid am fosgladh às dèidh bàis, gheibhear a-mach gu bheil an stamag air grodadh, agus i làn fala dubh-ghorm. Uaireannan bidh an coltas seo air fhaicinn ann an caoraich nas sine - eadar 2-4 bliadhna - agus bidh an grùthan air a thruailleadh cuideachd, 's e dubh agus làn 'lèabhagan' (an glupad òg). An-diugh, tha fios againn gur e galar eadar-dhealaichte (ach cairdeach) a tha seo - black disease, a bhios air a bhrosnachadh leis a' mhilleadh a bhios na lèabagan a' dèanamh air a' ghrùthan. Cuideachd, uaireannan bidh a leithid a chomharraidhean rim faicinn ann an uain aig aois gu math òg, a tha air an deagh bhiathadh ach an turas-se bidh na dubhagan air am bogachadh, agus grodaidh an ablach gu lèir gu h-annasach luath. A-rithist, tha seo ga fhaicinn an-diugh mar galar eadar-dhealaichte - pulpy kidney.

an spog dhubh ...

Bha (agus tha) seo a' bualadh air an dà chuid crodh is caoraich. An-diugh, 's e blackquarter a chanas iad ris mar as trice ann an crodh, agus blackleg ann an caoraich. Thàinig an ainm 'an spog dhubh' air sgàth 's gum bi seo gu tric a' bualadh air na ceathramhan-deiridh, agus bha an dath dubh gu litreachail a' tighinn air an fheòil mar a ghrod e gu grad. A-rithist, bhiodh am beathach a' faighinn bàs gu math aithghearr.
An-diugh, tha fios againn nach eil an spog dhubh a' bualadh air na ceathramhan-deiridh a-mhàin, ach air ball sam bith dhen chorp; dh'fhaodadh e tachairt aig àm rùsgadh nan caorach, ma thèid na bacteria a-steach do ghearradh a thàinig bhon deamhais, no fiù 's aig àm breith nuair a dh'fhaodadh e faighinn a-steach tro leabaidh an uain - faic tàire-bhreith. Co-dhiù dè an dòigh sam faigh e a-steach, thig grodadh do-leigheasach air feòil a' bheathaich - rud ris an can iad gangrene ann an cinne-daonna. Nuair a ruitheas tu làmh air, tha thu a' faireachdainn rud coltach ri sligean uighean fon chraiceann.

feòil
Feòil beathaich air a bhualadh leis an spog dhubh
Chithear san dealbh seo gu bheil coltas agus dath
gu math mi-fhallain air feòil a' chlosaich a tha seo.


'teàrlag' ...

'S e glas-ghiall no tetanus a tha seo, ach cha robh Gàidheil an Eilein Sgitheanaich a' cleachdadh an fhacail siud san fhicheadamh linn - na àite, bha iad a' cur loinn Gàidhlig air 'jaw lock' agus ag ràdh 'teàrlag'! Bha caoraich gu h-àraid buailteach an galar seo fhaighinn. 'S e Clostridia tetani as coireach, agus nuair a gheibh e a-steach tha e a' dòirteadh a-mach toxins a tha a' toirt ionnsaigh air nearbhan a' bheathaich. Thèid a h-uile fèith-luthaidh sa bheathach na staid rag, timcheall bus a' bheathaich cuideachd - 's ann a-mach à seo a tha an ainm Beurla lockjaw a' tighinn.

Faodar leigheas fheuchainn, ach chan eil e idir cinnteach. Cleachdar urchasg no antitoxin a tha ag obair bho àm gu àm. Ach gu tric 's e galar bàsmhor a tha seo. Bàsaichidh iad air sgàth eu-comas anail a tharraing.

tetanus
Uan le glas-ghiall no 'teàrlag'

Gu fòrtanach, tha cuid dhe na banachdaich an aghaidh nan galaran clostridial a' buileachadh dìon an aghaidh na glàis-ghiall cuideachd.