'S e a th' anns 'An Doille' ach rud a bhios a' bualadh air sùilean chaorach, gu h-àraid suas as a' gheamhradh nuair a tha iad gam biathadh a-mach as na troughan agus iad uile a' tighinn cruinn còmhla gu math dlùth. 'S ann an uair sin a tha na diofar seòrsaichain grìd ga sgapadh. 'S e snow blindness no heather blindness a chanar ris sa Bheurla Ghallta, no contagious ophthalmia san dòigh saidheansail. 'S e grìd dhen ghnè Rickettsia as tric as màthair-adhbhar dha.
An doille - tràth na cùrsa
Dèan gliog air an dealbh seo os àrd agus chì thu gu bheil deargad air tighinn air geal na sùla air sgàth 's gu bheil na
cuislean beaga air at. Cuideachd, tha sgleò a' tighinn air ball soilleir na sùla, no cornea. Fuirichidh a' mhòrchuid
de chùisean aig an ìre seo, ach thèid feadhainn (inbhich mar as àbhaist) air adhart gu:
An doille - nas adhartaiche
Tha an sgleò air a dhol am meud gu ìre gu math adhartach air an t-sùil seo. Mar as trice tha buaidh aice air an dà shùil,
agus 's iongantach mura h-eil am beathach a
tha seo gu tur dall. 'S ann an uair sin a tha iad buailteach a dhol às an rathad, gu h-àraid ma tha iad air talamh briste
- mar a th' againn san Eilean! Theid an glacadh ann an tuill no ann am boglaichean.