Fiabhras Bainne

- cùis èiginneach!

'S e cion-calcium às màthair-adhbhar dha fiabhras bainne, no "fiabhras a' bhainne" mar a bhios cuid ag ràdh, ann an crodh is caoraich. 'S e hypocalcaemia ainm eile air a shon ('s e sin ri ràdh, cion calcium san fhuil). Mar as trice cluinnear daoine a' cannail 'fiabhras bainne' ris nuair a nochdas e am measg crodh, ach canar hypocalcaemia ris an rud ann an caoraich.
Tha rudeigin coltach ris a' nochdadh ann an coin cuideachd (agus agus ann an cinne-daonna!)

Ann an caoraich, tha fiabhras bainne nas buailtich tachairt san trian mu dheireadh dhen torrachas, i.e. ro àm breith. Tha seo eadar-dhealaichte bho chrodh is coin, far a bheil e a' togail ceann goirid às dèidh àm breith. Ach dh'fhaodadh e a bhith a' bualadh air caoraich às dèidh àm breith cuideachd. Gu tric 's e caoraich nas sine a bhios ga fhaotainn. 'S e cùis èiginneach a th' ann, agus gheibh an dà chuid crodh is caoraich am bàs mura faigh iad leigheas gu math aithghearr - taobh a-staigh sia uairean ann an caoraich, ach beagan a bharrachd ùine ann an crodh.

Na Comharraidhean ... (caoraich)

bainne
Caora air a bualadh le hypocalcaemia.

An toiseach, dh'fhaodadh caoraich a bhith tuainealach agus frionasach; an uair sin, fàsaidh iad lag gu math luath agus thèid iad nan laighe le an ceann sìos air an làr. Gu math tric bidh iad a' tarraing anail gu luath agus a' sgeitheadh cìr a-mach air na cuinnlean aca; uaireannan bidh cìobairean a' smaoineachadh le mearachd gu bheil fiabhras-clèibh orra. Thig am bàs gu math aithghearr às dèidh seo oir tha gainead de chalcium a' cur stad air an cridhe. Tha e uaireannan doirbh a bhith ga shònrachadh bho pregnancy toxaemia ma thig e ro àm breith, agus bho hypomagnesaemia ma thig e às dèidh breith.*

Ann an crodh, 's e na h-aon chomharraidhean a thig orrasan cuideachd. Tha e cumanta ann an crodh-bainne leithid na feadhainn mu deas; tachraich e às dèidh dhaibh breith, nuair a tha iad a' toirt an t-uabhas de bhainne (a chionn 's gu bheil am bainne làn calcium). Chan eil e cho cumanta ann an crodh-laoigh leithid na th' againn a-bhos an seo san Eilean Sgitheanach, ach tha e a' togail ceann bho àm gu àm.

An leigheas air a shon ...

Gabhaidh fiabhras-bainne a chur ceart gu sgiobalta, ma thèid na comharraidhean fhaicinn leis a' bhuachaille ann an deagh àm. Nuair a thèid calcium ann-stealladh a-steach dhan fhuil, a' cleachdadh prìomh chuisle an sgòrnain, thig iad am feabhas gu math luath agus bidh iad nan seasamh a-rithist ann am beagan mhionaidean. Ach tha cìobairean is croitearan nas buailtich a bhith ga ann-stealladh fon chraiceann. Tha seo tòrr nas fhasa, agus nas so-dhèante a-muigh ann am pàircean no air a' mhonadh, gu tric ann an droch shìde. Obraichidh e fhathast, ach chan eil e cho luath no cho buileach èifeachdach.

Gu math tric thèid measgachadh de chalcium agus de mhagnesium a chleachdadh, a chionn 's gu bheil e uaireannan doirbh fios le cinnt a bhith agad cò am fear dhiubh a tha a' bualadh air a' bheathach.

Seann leigheasan ...

San naodhamh linn deug, bhathar a' smaoineachadh gur e puinnsein a bh' anns an ùth agus bha iad a' stealladh acriflavin a-steach na sinean. An uair sin, fhuaradh a-mach gun robh àidhear leis fhèin ag obair fìor mhath agus b' e siud an leigheas a bh' aca suas gu tricheadan na ficheadamh linn co-dhiù - air a phumpaghadh a-steach dhan ùth! Anns na h-Eileanan, bhathar a' cleachdadh ite chirce mar teat cannula - agus bicycle pump! Cha robh càil a dh'fhios aca ciamar a bha e ag obair, agus chan eil fhathast.

Às dèidh sin, thàinig calcium a-steach. Ach bha cleachdannan agus creideasan fa-leth aca fhathast. San t-Srath san Eilean Sgitheanach, mar eisimpleir, bhathar a' bleoghainn a' chiad bainne agus a' toirt air a' bhò ri òl! Bhathar a' smaoineachadh gun robh sin ga dìon an aghaidh fiabhras-bainne.




* Sùil aithghearr air hypomagnesaemia

Dh'fhaodar a ràdh gun tig comharraidhean nearbhasach nas braise an luib cion-magnesium, an coimeas ris na comharraidhean a thig an cois fiabhras-bainne. Mar eisimpleir, le dìth magnesium chithear am beathach a' dol mu seach, thig crith mòr oirre agus an uair sin thig droch fhiotaichean. 'S e grass staggers a chanar ri seo ann an Galltachd na h-Alba, a chionn 's gu bheil e tric a' bualadh air caoraich nuair a tha iad gan ionaltradh air feur ùr às dèidh àm breith. 'S e caoraich nas sine air a bheil e a' bualadh, coltach ri fiabhras-bainne.

Cha robh e a-riamh cumanta, gus bho chionn ghoirid, a bhith a' cumail chaorach air pàircean feurach as t-earrach (bha iad a-mach air a' mhonadh). Cha do dh'fhiosraich na Gàidheil hypomagnesaemia, mar siud chan eil facail Ghàidhlig aca air a shon.