Seo an coltas as cumanta a th' air galar nan cluas san Eilean Sgitheanach. Dèan gliog air an dealbh beag airson sealladh nas fheàrr, agus chì thu gu bheil cluasan na h-othaisge Dhubhcheannaich a tha seo air grodadh agus air tuiteam far a' bheathaich nuair a bha i na h-uan. Gu fortanach dhi, tha am milleadh air slànachadh gu ìre mhòr agus mairidh i beò mar seo. Uaireannan bidh galar nan cluas a' bualadh air pìosan eile dhen bheathach cuideachd. Nas cudromaiche buileach, dh'fhaodadh e bualadh air grùthan a' bheathaich; 's ann an uair sin a bhios comharraidhean dhen ghalar bhuidhe a' nochdadh, agus 's dòcha gur e seo as coireach gu bheil yellowses air sa Bheurla. Ach gu math tric tha coltas buidhe air a' mhilleadh-craicinn cuideachd (faic os ìosal). Faodaidh am milleadh air a' ghrùthan a bhith marbhtach.
Uan a tha a' fulang fo
bhuaidh galar nan cluas
Tha mullach a chinn còmhdaichte le sgreaban buidhe is silteach buidhe.
Chan eil leigheas no banachdach ann airson a' ghalair a tha seo.
Sna seann làithean, bhiodh iad ri cur teàrr air cluasan a' bheathaich.
Ma mhaireas iad beò tron chiad shamhradh aca, thèid iad os a chionn agus cha tig am milleadh air ais; chan eil fhios
carson nach till e an ath-bhliadhna.
Ma tha iad fantainn beò tron chiad bhliadhna, bidh iad taghta às dèidh sin.
Fìor dhroch sheòrsa
Druim uan dubhcheannach air a bheil galar nan cluas - fìor dhroch chùis - a' bualadh.
Bhiodh e furasta smaoineachadh gur e a' chlaimh a bh' ann.
Ach mar as àbhaist, buailidh a' chlaimh orra nas fhaide air adhart sa bhliadhna.